O chionn beagan sheachdainean, bha mi ag innse dhuibh mu lus ùr a chuir mi am-bliadhna – an càl buan. A-nise, tha mi airson innse dhuibh mu phreas a chuir mi o chionn trì bliadhna. Am-bliadhna nochd measan air – dearcan a bha blasta gu leòr, chanainn.
Ann am Beurla, ʼs e saskatoon berry a chanas daoine ris an lus, agus na measan. Canaidh mise preas sasgatùin agus dearc sasgatùin riutha ann an Gàidhlig. Bidh sibh ag aithneachadh gum buin an lus do thaobh an iar Chanada, ged a tha e cuideachd a’ fàs ann an ceann an iar-thuath nan Stàitean Aonaichte. ʼS dòcha gum bi sibh a’ smaoineachadh gun deach an lus ainmeachadh an dèidh baile mòr ann an Saskatchewan – Saskatoon. Sin a bha mi fhìn a’ smaoineachadh an toiseach.
Ach ʼs e mo thuigse a-nise gur ann air an rathad eile a tha e. Tha an t-ainm-àite Saskatoon a’ comharrachadh làrach far am faighte na dearcan. Chaidh ainmeachadh leis na daoine dùthchasach ris an canar na Crì. Bha iad a’ cruinneachadh nan dearcan far a bheil baile Sasgatùin an-diugh oir bha iad lìonmhor ann. Tha na mìltean de Chrì fhathast a’ fuireach ann an Sasgatùn. Tha mi an dùil gum bi feadhainn dhiubh a’ cruinneachadh nan dearcan as t-samhradh.
Cheannaich mi dà phreas bheag o chionn trì bliadhna. A-nise tha iad dà mheatair a dh’àirde agus bha tòrr mheasan orra am-bliadhna. Tha na dearcan a’ dol bho uaine gu dearg gu purpaidh fhad ʼs a tha iad ag abachadh. Chan eil iad mòr, beagan nas lugha na dearc dhubh. Agus tha blas car àraidh orra. Chanainn fhìn, nuair a tha iad amh, gu bheil am blas car coltach ri blas pheasraichean òga amh. Tha iad nas fheàrr air am bruich le beagan siùcair.
Tha na Cainèidianaich gu math measail orra. Tha gnìomhachas coimeirsealta stèidhichte air saskatoons, mar a chanar riutha. ʼS iomadh duine ann an Canada a dh’itheas saskatoon pie a h-uile bliadhna. Agus bidh feadhainn a’ dèanamh fìon leis na measan.
Nuair a bhios sinn a’ cur lusan ann an ceann a tuath na h-Alba, bidh sinn uaireannan car faiceallach leotha oir faodaidh an geamhradh againn a bhith car fada is fuar. Ach chan eil dragh ann mu phreasan sasgatùin. Tha aimsir a’ gheamhraidh far a bheil iad a’ fàs gu nàdarrach cianail fhèin fuar. Chaidh an teothachd ann an baile Sasgatùin sìos gu caogad Celsius fo neoni anns na clàraidhean, ged a bha sin còrr is ceud bliadhna air ais. Cha bhi i uair sam bith cho fuar sin ann an Inbhir Nis!
Tha na dearcan math dhut, le beothamain is mèinnirich gu leòr annta. Anns an dòigh sin, tha iad car coltach ri dearcan gorma. Bidh iad a’ tighinn abaich tràth as t-samhradh. Mar as motha de sholas na grèine a gheibh iad aig an àm sin, ʼs ann as fheàrr.
Tha na preasan a’ coimhead glè shnog cuideachd. Thig flùraichean geala orra as t-earrach agus bidh na duilleagan a’ dol dearg as t-fhoghar. Ma tha rùm agaibh san leas, carson nach fheuch sibh preas sasgatùin no dhà a chur ann aig deireadh a’ gheamhraidh?