Bha sinn a’ toirt sùil air ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’ le Iain MacCodruim. A-nise, tha mi airson sùil a thoirt air dàn eile – ‘Smeòrach Chlann Raghnaill’ le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Agus tha mi airson a’ cheist a chur – an tug an dàrna fear buaidh air an fhear eile?
Seo an t-sèist ann an Smeòrach Chlann Dòmhnaill:
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó,
Hoilibheag hilibheag hó ró i,
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó,
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.
Agus a-nise an t-sèist ann an Smeòrach Chlann Raghnaill:
Hoile bho hì riag hò roll il ò,
Hoile bho hì riag hò rò ì,
Hoile bho hì riag hò roll il ò,
Smeòrach do Chlann Raghnaill mi.
Tha iad coltach ri chèile, nach eil? Co-dhiù, seo a’ chiad rann aig Mac Mhaighstir Alasdair:
Gura mise ’n smeòrach chreagach,
An dèis leum bhàrr cuaich mo nidein;
Sholar bìdh do m’ eunaibh bheaga,
Seinneam ceòl air bàrr gach bidein.
Chan eil a’ chiad rann ach ag ainmeachadh na smeòraich mar eun. Anns an dàrna rann, tha e a’ tighinn am follais gu bheil an t-eun a’ bruidhinn às leth Chlann Dòmhnaill anns na h-eileanan agus air taobh an iar Loch Abar – ’s e sin Clann Raghnaill.
Smèorach mise do Chlann Dòmhnaill,
Dream a dhìtheadh ’s a leònadh,
’S chaidh mo chur an riochd na smeòraich,
Gu bhith seinn ’s a’ cur ri ceòl dhaibh.
Anns a’ cheathramh rann, tha am bàrd gar suidheachadh ann an dùthaich Chlann Raghnaill. Tha an Caisteal Tioram ann am Mùideart agus tha Eilean Fhìanain ann an Loch Seile:
Do shliochd nan eun on Chaisteal Thioram,
’S o Eilean Fhìanain nan gallan,
Moch is feasgar togar m’ iolach,
Seinn gu bileach, milis, mealach.
Tha an dàn a’ moladh Dòmhnallaich Chlann Raghnaill, ach tha e cuideachd a’ dearbhadh taic mhòr do na Seumasaich. Feumar cuimhneachadh gun robh Mac Mhaighstir Alasdair na Sheumasach do a smior. Seo agaibh dà rann a tha a’ foillseachadh taic do dh’adhbhar a’ Phrionnsa:
Ach mur tig mo Rìgh-sa dhachaigh,
Triallaidh mi do dh’uamhaidh shlocaich
’S bidh mi ’n sin a’ caoidh ’s a’ basraich,
Gus am faigh mi bàs le osnaich.
Ach ma thig mo Phrionnsa thairis,
Cuirear mis’ an cliabhan lurach,
Bidh mi canntaireachd gu buileach,
’S ann ’na phailis nì mi fuireach.
Ach ma thig mo Phrionnsa thairis. A bheil sin a’ ciallachadh gun deach an dàn a sgrìobhadh, no co-dhiù a thòiseachadh, ro Bhliadhna a’ Phrionnsa? Tha beachd ann gun deach. Ach cha do nochd e ann an clò gu seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776), an dèidh bàs an ùghdair – ach trì bliadhna ro bhàs MhicCodruim. Cha robh na dàin aig MacCodruim air an cur an clò gu às dèidh a bhàis fhèin.
Ma-thà, an do nochd Smeòrach Chlann Raghnaill an toiseach, agus an tug e buaidh air MacCodruim? Chan eil fhios a’m. Tha cuid ann an Uibhist dhen bheachd gun do sgrìobh MacCodruim a dhàn fhèin an toiseach, agus gun robh e air a chur ri fonn aig seann òran Uibhisteach mu na ròin – dham buineadh Clann ’ic Codruim fhèin! Agus fàgaidh mi a’ chonnspaid sin far a bheil i!