Bha mi ag innse dhuibh mun dàn ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’ a bh’ air a sgrìobhadh le Iain MacCodruim. Anns a’ chiad rann tha an smeòrach – a tha a’ riochdachadh an ùghdair – brònach. Anns an dàrna rann, tha i nas dòchasaiche. Tha beachd ann gu bheil an t-atharrachadh a’ riochdachadh beatha a’ bhàird. Bha Iain brònach nuair a chaochail athair, ach leig a bhàs leis an fhear òg a bhith a’ sgrìobhadh mar a thogradh e.
Carson a bha sin? Uill tha naidheachd mu Iain a’ mìneachadh a’ ghnothaich. Bha Iain math air bàrdachd eadhon nuair a bha e òg. Bha banais anns an sgìre aige ach bhathar a’ dèanamh dheth gun robh Iain ro òg airson a dhol ann. Cha robh e toilichte. Chaidh e don bhanais co-dhiù, gun chead, agus thug e sùil gheur air a h-uile càil a bha a’ tachairt ann. An uair sin, sgrìobh e dàn sgaiteach mu dheidhinn na bainnse.
Bha athair air a thàmailteachadh. Dh’iarr e air Iain gun a bhith a’ sgrìobhadh a leithid de bhàrdachd tuilleadh. Gheall Iain gun leanadh e comhairle athar. Chùm e ri sin fhad ’s a bha athair maireann. An dèidh a bhàis, ge-tà, bha Iain mar an smeòrach – saor a bhith ‘beò air treòdas eile’. Living on other food.
Ann an rann eile, tha sinn a’ ruigsinn brìgh an dàin – moladh tìr Chlann Dòmhnaill:
Ma mholas gach eun a thìr fhèin, ciod am fàth nach moladh mise
Tìr nan curaidh, tìr nan cliar, an tìr bhiadhchar, fhialaidh, mhiosail?
’S dòcha nach bi sibh a’ tuigsinn ciod am fàth oir tha e car seann-fhasanta. Tha e a’ ciallachadh ‘what is the reason?’ Dh’fhaodadh e a bhith a’ seasamh airson ‘carson’ ann an rannaidheachd far a bheil trì lidean a dhìth, seach na dhà.
Chì sinn cleachdadh aig na bàird Ghàidhealach anns an ochdamh linn deug. Bhiodh iad gu tric a’ cur sreathan de bhuadhairean ann.
’N tìr nach caol ri cois na mara, an tìr ghaolach, chaomhach, channach,
An tìr laoghach, uanach, mheannach, tìr an arain, bhainneach, mhealach.
Ann an rann eile, tha am bàrd, a bhuineadh do dh’Uibhist a Tuath, ag innse beagan mu dheidhinn fhèin:
An Cladh Chothain rugadh mise, ’n Àird an Rùnair fhuair mi togail,
Fradharc a’ chuain uaibhrich, chuislich, nan stuagh guanach, cluaineach, cluiceach.
Anns an dreach air an dàn ann an ‘Sar-obair nam Bàrd Gàidhealach’ tha an rann mu dheireadh ag ainmeachadh Shir Sheumais. Bhiodh am bàrd ag òl deoch-slàinte dha. Agus bhiodh ‘aon mhac Dhè’ a’ dìon a’ chinn-chinnidh.
Dh’inns mi dhuibh ann an Litir dà cheud ’s a dhà-dheug (212) mun turas a thachair am bàrd Alasdair mac Mhaighstir Alasdair ri Iain MacCodruim ann an Uibhist. Bha iad mar sin eòlach air a chèile. Ach an robh a’ bhàrdachd aig Mac Mhaighstir Alasdair na modail don fhear eile? Sgrìobh Mac Mhaighstir Alasdair dàn ainmeil air an robh ‘Smeòrach Chlann Raghnaill’. An robh sin ann an ceann Iain MhicCodruim nuair a sgrìobh e Smeòrach Chlann Dòmhnaill? No an do nochd an dàn aig MacCodruim an toiseach? Bheir sinn sùil air a’ cheist sin an-ath-sheachdain.