Cho binn ri smeòrach air geug. An cuala sibh an samhladh sin riamh? Cho binn ri smeòrach air geug. As melodious as a song thrush on a branch. Tha m’ aire air an smeòraich anns an Litir seo, oir tha i a’ nochdadh ann am bàrdachd. Bu mhath leam sùil a thoirt air dà dhàn ainmeil anns a bheil an smeòrach. Chaidh na dàin a sgrìobhadh le bàird air leth cliùmhor.
’S e a’ chiad fhear Iain mac Fhearchair ’ic Ìomhair à Uibhist a Tuath. Bidh sibh eòlach air ’s dòcha mar Iain MacCodruim. B’ e am fear eile Alasdair mac Mhaighstir Alasdair – bàrd cho cliùiteach ’s a bha riamh ann an saoghal nan Gàidheal. Innsidh mi dhuibh mu MhacCodruim an toiseach. Rinn mi aithris air mu-thràth ann an Litrichean dà cheud ʼs a h-aon-deug (211), agus dà cheud ʼs a dhà-dheug (212). Bha e beò eadar timcheall air sia ceud deug, naochad ’s a trì (1693) agus seachd ceud deug, seachdad ’s a naoi (1779).
’S e an dàn aige ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’. Bidh e air a sheinn fhathast – leithid leis an t-seinneadair ainmeil, Julie Fowlis. Seo an t-sèist a bhios a’ nochdadh eadar na rannan:
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Hoilibheag hilibheag hó ró i,
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.
Chan eil ann an Hoilibheag hilibheag ach briathran gun bhrìgh, no ʼs dòcha òran na smeòraich. Tha an loidhne mu dheireadh a’ ciallachadh ‘I am a thrush of Clan Donald’.
Carson a bha ball de Chlann ’ic Codruim a’ sgrìobhadh mu Chlann Dòmhnaill? Uill, bha ceann-cinnidh nan Dòmhnallach anns na h-eileanan a’ toirt taic mhòr do dh’Iain MacCodruim. Is fhiach innse mar a thàinig sin gu bith.
Bha cliù aig Iain mar bhàrd a bha ri càineadh is sgaiteachd. Sgrìobh e dì-mholadh mu obair thàillearan Uibhist. Bha na tàillearan air an goirteachadh gu dubh. Dhiùlt iad aon ghrèim eile fhuaigheal don bhàrd. An ceann greis, bha aodach Iain gu math robach.
Latha a bha seo, chunnaic an ceann-cinnidh, An Ridire Seumas Dòmhnallach, e. ‘Carson a tha do chuid aodaich a’ tuiteam às a chèile, Iain?’ dh’fhaighnich e. Dh’aithris Iain a’ bhàrdachd a bh’ air fearg a chur air na tàillearan. ’S dòcha gun robh an ceann-cinnidh a’ gabhail dragh gun sgrìobhadh Iain rudeigin dhen aon seòrsa mu dheidhinn-san – agus thug e obair is àite-fuirich dha!
Co-dhiù, tha am bàrd ga chur fhèin ann an riochd smeòraich. Tha an t-eun gu math brònach. Anns an dàrna rann, ge-tà, tha an smeòrach ga lorg fhèin ann an suidheachadh nas fheàrr:
Smeòrach mis’ air mullach beinne, ’g amharc grèin is speuran soilleir;
Thig mi stòlda chòir na coille, ’s bidh mi beò air treòdas eile.
Anns an leabhar aice ‘Songs of Gaelic Scotland’, tha Anna Latharna NicGillÌosa ag ràdh gur dòcha gu bheil an t-atharrachadh bho bhròn gu dòchas aig toiseach an dàin a’ comharrachadh beatha a’ bhàird fhèin. Carson? Uill, mìnichidh mi an gnothach an-ath-sheachdain.