O chionn fhada, ann an Litir fichead ’s a h-ochd (28), sgrìobh mi mun
t-sealgair agus murtair, Fionnladh Dubh MacRath. Ged a bha e a’ fuireach
air tìr-mòr, ann an Siorrachd Inbhir Nis, bhiodh pàrantan eadhon anns na
h-eileanan a’ bagairt air an cuid chloinne – ‘Ma bhios sibh dona, thig
Fionnladh Dubh air ur son!’
Anns an latha an-diugh, ann an Eilean Leòdhais, chanainn gu bheil glè bheag
de dhaoine a’ cuimhneachadh Fhionnlaidh Dhuibh. ’S dòcha gur e as coireach
ri sin gu bheil bodach ‘olc’ eile aca anns an eilean sin, agus anns Na
Hearadh – Mac an t-Srònaich. Bha Fionnladh Dubh beò o chionn còrr is trì
cheud bliadhna. Bha Mac an t-Srònaich beò o chionn nas lugha na dà cheud
bliadhna anns an eilean fhèin. Tha sin, co-dhiù, a rèir beul-aithris.
’S iomadh naidheachd a th’ aig muinntir Leòdhais fhathast
mu Mhac an t-Srònaich. Bhiodh pàrantan ag ràdh ris a’ chloinn aca, ‘Ma
bhios sibh mì-mhodhail, thig Mac an t-Srònaich air ur son.’ Bha e a’
fuireach ann an àiteachan uaigneach, agus ’s ann le murt a gheibheadh e
biadh. Ach cò bh’ ann? Agus an e murtair ann an dha-rìreabh a bh’ ann? Chan
eil sinn cinnteach, ach seo na thathar ag ràdh mu dheidhinn.
Bha athair Mhic an t-Srònaich na òstair ann an Gairbh ann an Siorrachd Rois
tràth anns an naoidheamh linn deug. Tha stòiridh eile ann gur ann à Ulapul
a bha e, agus gun robh taigh-aoidheachd aig a phàrantan an sin. Ann am
Beurla, ’s e Stronach an t-ainm a bh’ air. Tha an cinneadh sin cumanta gu
leòr air taobh an ear na Gàidhealtachd agus ann an Siorrachd Obar
Dheathain. Thathar ag ràdh cuideachd gun robh athair an òstair na
mhinistear ann an Loch a’ Bhraoin.
Chaidh Mac an t-Srònaich – gille an òstair – a Leòdhas airson ceartas a
sheachnadh, an dèidh dha a phiuthar a mhurt. Bha bana-charaid aig a
phiuthar, agus bha i a’ fuireach anns an taigh còmhla riutha. Mar a bha
cumanta aig an àm sin, bhiodh na caileagan a’ cadail còmhla anns an aon
leabaidh. Tha cuid dhen bheachd gun do thachair seo timcheall na bliadhna
ochd ceud ’s a dhà-dheug (1812).
Nise, bha seud-muineil òir aig an nighinn a bha seo. Bha
Mac an t-Srònaich ga iarraidh. Feumaidh gun robh e gu math luachmhor.
Ge-tà, oidhche a bha seo, bha a’ chlann-nighean ri gòraiche, agus chuir
piuthar a’ ghille an seud-muineil timcheall a muineil fhèin. ’S ann mar sin
a bha na caileagan nuair a chaidh Mac an t-Srònaich a-steach don
t-seòmar-chadail air an oidhche, agus e ag amas air an seud-muineil a
ghoid.
Nuair a tharraing Mac an t-Srònaich air an t-seud, dhùisg a’ chaileag agus
dh’èigh i a-mach. Mharbh Mac an t-Srònaich i airson a cumail sàmhach. ’S
ann an uair sin a mhothaich e nach e caraid a pheathar a bh’ ann, ach a
phiuthar fhèin. Theich e, agus dh’fhalbh e a dh’Eilean Leòdhais far an robh
càirdean aige a’ fuireach.
Ge-tà, bha e do-dhèante dha a bhith a’ fuireach gu follaiseach. Dh’fhalbh e
a dh’fhuireach ann an àiteachan uaigneach. Thòisich e an uair sin, a rèir
beul-aithris, air gnothaichean eucoireach ann an Leòdhas. Bheir sinn sùil
air eachdraidh an-ath-sheachdain.