Pìos bàrdachd dhuibh an toiseach an-diugh – mas e ‘bàrdachd’ a chanas sibh
rithe! Tha mi cinnteach gum bi fios agaibh cò sgrìobh i.
God prosper long our noble Queen, And long may she reign,
Maclean, he tried to shoot her, But ‘twas all in vain.
For God, he turned the ball aside, Maclean aimed at her head,
And he felt very angry, Because he didn’t shoot her dead.
Aidh, tha sibh ceart. Chaidh na faclan a sgrìobhadh le Uilleam MacGonagail
– breabadair Èireannach a bha a’ fuireach ann an Dùn Dè. Tha cuid a’ cumail
a-mach gum b’ e am bàrd Beurla a bu mhios’ a bh’ ann riamh. Duine bochd!
Bha an dàn seo mu dheidhinn mar a dh’fheuch Ruairidh Eideard MacIlleathain
ris a’ Bhanrigh Bhictoria a mhurt ann an ochd ceud deug, ochdad ’sa a dhà
(1882). Seo dà rann eile on dàn, a tha ag innse beachd a’ bhàird air
MacIlleathain, agus a’ Bhanrigh:
Maclean must be a madman, Which is obvious to be seen,
Or else he wouldn’t have tried to shoot, Our most beloved Queen ...
Long may she be spared to roam, Among the bonnie Highland floral,
And spend many a happy day, In the palace of Balmoral.
Saoil an do sgrìobh Uilleam còir sin ann an dhà-rìreabh? No an robh
cuideigin ri plòigh, agus a’ cur às a leth gun do sgrìobh e sin?! Co-dhiù,
fàgaidh mi sin agaibh fhèin! Tha mi airson crìoch a chur air mo chunntas
air Ruairidh MacIlleathain.
Bha e fhèin a’ cumail a-mach gun robh e slàn na inntinn, agus gun robh e
feargach mun t-suidheachadh anns an robh e. Ach bha e air ùine a chur
seachad ann an taigh-cuthaich mar a bh’ aca orra aig an àm
sin. Agus thuirt e ri a phiuthar gun robh murt air choreigin fa-near dha.
Bha MacIlleathain gu bhith a’ toirt buaidh mhòr air an lagh ann an Sasainn
’s a’ Chuimrigh. Ged a bha gu leòr dhen bheachd gun robh e às a rian,
chaidh casaid a chur às a leth gun robh e ri àrd-cheannairc, a’ ciallachadh
gun robh iad a’ gabhail ris gun robh e slàn na inntinn. Ge-tà, b’ e
co-dhùnadh an diùraidh gun robh e às a’ chiall agus gun robh e mar sin
neo-chiontach de dh’àrd-cheannairc no oidhirp air murt. Mar sin chaidh
MacIlleathain a chur do Phrìosan Broadmoor, far a bheilear a’ cumail daoine
cunnartach a tha a’ fulang le tinneas-inntinn.
Ge-tà, cha robh a’ Bhanrigh toilichte idir. B’ e sin an t-ochdamh turas a
bha cuideigin air oidhirp a dhèanamh air a beatha. Bha i dhen bheachd nach
robh an riaghaltas ga dìon mar bu chòir. Chuireadh lagh ùr tron phàrlamaid
a dh’atharraich a’ bhinn – ‘neo-chiontach air sgàth dith na cèille’ – gu
‘ciontach ach a’ fulang le dìth na cèille’. Cha robh e gu diofar don neach
a bha ciontach. Bhiodh e no i air an cumail ann am prìosan mar Broadmoor
fhad ’s a bu bheò iad. Ach bha mòran dhen mhòr-shluagh dhen bheachd gun
robh e ceart gum biodh cuideigin a rinn oidhirp air murt air fhaighinn
ciontach, seach neo-chiontach.
Agus MacIlleathain fhèin? Chuir e seachad trithead ’s a naoi bliadhna ann
am Broadmoor. Chaochail e an sin ann an naoi ceud deug, fichead ’s a h-aon
(1921).