FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An t-Albannach a dh’fheuch ris a’ Bhanrigh a mhurt (1)

Tha mi air a bhith a’ feuchainn ri faighinn a-mach an robh ceangal ann eadar Ruairidh MacIlleathain agus a’ Ghàidhealtachd.

Audio is playing in pop-over.

An t-Albannach a dh’fheuch ris a’ Bhanrigh a mhurt (1)

Tha mi air a bhith a’ feuchainn ri faighinn a-mach an robh ceangal ann eadar Ruairidh MacIlleathain agus a’ Ghàidhealtachd. Tuigidh sibh nach eil mi a-mach orm fhìn! Tha mo smuaintean air an fhear mu dheireadh a dh’fheuch ris a’ Bhanrigh Bhictoria a mhurt – Ruairidh Eideard MacIlleathain. Tha na seann chunntasan ag innse dhuinn gur ann à Alba a bha e, ach chan eil iad ag innse càite. Bha e fhèin agus a phàrantan a’ fuireach ann an Sasainn. ’S dòcha gun robh e de shliochd muinntir na h-Alba. Cò aige tha fios.

Co-dhiù, air an dàrna latha dhen Mhàrt ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), loisg Ruairidh air a’ Bhanrigh le gunna-làimhe ann am Windsor. Bha a’ Bhanrigh dìreach air Windsor a ruigsinn air trèana, agus bha sluagh a’ feitheamh rithe aig an stèisean-rèile. Nam measg, bha Ruairidh. Bha a’ Bhanrigh, agus buill eile dhen teaghlach rìoghail, air coiseachd thar ùrlar an stèisein. Bha iad air a dhol a-steach a charbad a bha a’ feitheamh. Loisg Ruairidh a ghunna. Cha do rinn am peilear cron, agus chaidh am ball-airm a thoirt bhuaithe. Bha aithrisean ann aig an àm gur iad sgoilearan à Colaiste Eton a ghabh grèim air MacIlleathain. Bha e an uair sin air a chur an grèim le poileas.

Eadar ochd ceud deug is ceathrad (1840) agus ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), chaidh oidhirp a dhèanamh air beatha na Banrigh ochd tursan. B’ e an oidhirp mu dheireadh an tè aig Ruairidh Eideard MacIlleathain. Ach dè bha a’ gluasad an duine? Carson a bha e ag iarraidh a’ Bhanrigh a mharbhadh?

Uill, bha MacIlleathain fhèin a’ cumail a-mach nach robh e ag amas air a’ Bhanrigh, ach air cuibhlichean a’ charbaid aice. Dha rèir fhèin, bhreab an gunna na làimh agus ’s e sin a bu choireach gun deach am peilear a-steach a dhoras a’ charbaid. Bha e dìreach airson aire a thoirt don t-suidheachadh anns an robh e, agus e beò ann am bochdainn. Bha Bhictoria fhèin dhen bheachd, ge-tà, gun robh an Leathanach air a bhith ag amas air a murt ann an dha-rìreabh.

Bha gu leòr de dhaoine a’ dèanamh dheth gun robh e às a rian. Bha e air a bhith a’ bruidhinn ri Dia, a dh’inns dha gum biodh e uaireigin air rìgh-chathair Bhreatainn. Thug Dia an àireamh ceithir mar àireamh dìomhair dha agus an dath gorm mar dath dìomhair dha. Tha cunntas eile ann gun do sgrìobh e dàn don Bhanrigh. Fhuair e freagairt bho thè a bhiodh a’ dèiligeadh ri litrichean don Bhanrigh, agus chuir sin cais’ air. Feumaidh nach d’ fhuair toradh a sgrìobhaidh am moladh a bha e ag iarraidh.

Chuir Ruairidh seachad còrr is bliadhna ann an dachaigh dhaibhsan a tha a’ fulang le tinneas-inntinn. Bhiodh a bhràithrean agus a phiuthar a’ cur airgead thuige, ach bha e gu math bochd. Dh’fhuirich e mar iomrallaiche ann an ceann a deas Shasainn, a’ falbh bho bhaile gu baile.

Aig a’ cheann thall, mar a chì sinn, thug Ruairidh air na h-ùghdarrasan-lagha ann an Sasainn ’s a’ Chuimrigh an lagh atharrachadh. Tuilleadh bhuam an-ath-sheachdain.

Litir 1107 Litir 1107 Litir 1109 Litir 1109

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!