FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Am Fiadh Iapanach

Bha mi a’ coiseachd gu mall tro choille bheithe.

Audio is playing in pop-over.

Am Fiadh Iapanach

Bha mi a’ coiseachd gu mall tro choille bheithe. Bha an talamh garbh agus cas. Fada fodham, bho àm gu àm, eadar na craobhan, chithinn Loch Nis. Bha fraoch a’ bhadain agus am fraoch Frangach fo bhlàth. Bha na dearcan-gorma no dearcan-coille an ìre mhath abaich. Gu dearbh, dh’ith mi tè no dhà. Bha mi air mo dhòigh.

Air an talamh, far an robh poll, bha lorgan-coise aig fiadh air choreigin. Bha iad a’ coimhead rud beag na bu lugha na lorgan-coise an fhèidh ruaidh. Agus bha am buachar aca car coltach ri buachar caorach, ach rud beag na bu mhotha.

An uair sin, chunnaic mi eilid. Bha i eadar donn is glas, car dorch, agus le stiall far an robh a cnàmh-droma. Chan fhac’ i mi, agus chaidh mi ga h-ionnsaigh gu slaodach. Bha a’ ghaoth fàbharach dhomh. Bha i a’ sèideadh gam ionnsaigh. Bha an eilid ri snotaireachd fad na h-ùine, ach cha d’ fhairich i m’ fhàileadh.

Bha mi gu math faisg oirre nuair a chlisg i. Cha robh i air m’ fhaicinn, ach fhuair i rabhadh bho fhiadh eile. Bha am fuaim neònach, rudeigin mar chomhartaich aig abhag. Chunnaic fiadh eile mi, no dh’fhairich e m’ fhàileadh. Chan fhaighinn cho faisg air fiadh eile air an latha sin.

Bha am fuaim-rabhaidh ag innse dhomh gur e gnè car annasach a bh’ anns an fhiadh. Cha b’ e fèidh ruadha a bh’ annta, no earbaichean. ʼS e a bh’ annta ach fèidh Iapanach, seòrsa ris an canar ann am Beurla sika deer. Tha iad pailt gu leòr ann an cuid de sgìrean, taobh a deas Loch Nis nam measg. Bidh iad a’ dèanamh tòrr dhiofar fhuaimean, eadar fead, sgreuch, glagadaich is gnòst.

Tha am fiadh Iapanach beagan nas lugha na ʼm fiadh ruadh. Tha na leabhraichean ag innse dhuinn nach e beathach sòisealta a th’ ann ach a-mhàin sa gheamhradh. Ach chunnaic mi gu leòr dhiubh anns an aon cheàrnaidh an latha sin. Aon turas bha dà dhiubh làimh ri chèile, agus iad a’ spioladh ʼs ag ionaltradh còmhla. Agus bha iad sòisealta gu leòr gus rabhadh a thoirt do chàch a chèile gun robh cunnart ann.

Tha am fiadh Iapanach pailt ann an cuid de dh’àiteachan thairis air tìr-mòr na Gàidhealtachd agus anns na Crìochan. Tha iad cuideachd ann an Sasainn agus Èirinn. Thathar a’ smaoineachadh gun robh iad air an toirt a-steach a dh’aona-ghnothach le uachdaran anns an naoidheamh linn deug.

Is bochd sin, oir bidh iad a’ dèanamh tar-ghineachadh leis an fhiadh ruadh. Ann an cuid de sgìrean, tha sin a’ toirt atharrachadh air an fhiadh ruadh – gnè a tha dùthchasach. Bidh na fèidh Iapanach cuideachd a’ dèanamh sgrios air craobhan ann an cuid de dh’àiteachan. Air an làimh eile, bidh cuid de dh’oighreachdan gam marbhadh is a’ reic an cuid feòla.

Cha chreid mi gum faigh sinn cuidhteas iad a-chaoidh. Bidh na fèidh Iapanach againn gu sìorraidh. Feumaidh sinn fàs cleachdte ris na fuaimean àraidh a tha iad a’ dèanamh.

Litir 1106 Litir 1106 Litir 1108 Litir 1108

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!