B’ e a’ bhliadhna sia ceud deug ʼs a trì (1603). Bha Ailean Dubh Mac
Raghnaill – a bhuineadh do Ghleanna Garadh – air teicheadh bho Chloinn ʼic
Coinnich. Chaidh e am falach air eilean ann an Loch Lunndaidh ann an
Gleanna Garadh. Bha e am measg a mhuinntir fhèin an sin.
ʼS e Eilean Mhic Raghnaill an t-ainm a th’ air an eilean.
Tro thìde, fhuair Clann ʼic Coinnich a-mach cà’ robh Ailean. Bha iad
fhathast ag iarraidh a mharbhadh, air sàillibh an sgrios a rinn e air na
daoine aca anns an Eilean Dubh. Thug iad bàta beag – coit
–leotha, airson faighinn a-null don eilean. Ghiùlain iad a’ choit suas
Gleann Urchardain, agus tarsainn a’ mhonaidh gus an do ràinig iad Abhainn
Mhoireasdan.
Chaidh iad tarsainn na h-aibhne an sin, agus ghabh iad fois aig creag ris
an canar, chun an latha an-diugh, Creag a’ Choit. Tha a’ chreag faisg air
drochaid Tòrr a’ Ghoill. An uair sin, chaidh iad gu deas, tarsainn a’
mhonaidh, gu ruige Loch Lunndaidh. Bha a’ choit aca fhathast.
Ge-tà, nuair a ràinig iad Loch Lunndaidh, cha robh sgeul air Ailean Dubh.
Bha e air rabhadh fhaighinn gun robh e ann an cunnart, agus bha e air a
dhol am falach am measg an fhraoich ʼs nan creag. Letheach-slighe eadar
Loch Lunndaidh agus Gleann Moireasdan, tha mullach air a bheil Càrn Mhic
Raghnaill.
Deas air Càrn Mhic Raghnaill, tha beinn air a bheil Meall nan Gearran. A
rèir Uilleim MhicAoidh, ʼs e Meall a’ Ghro a bh’ air mar ainm an uair sin.
Air an taobh an ear dheth, tha Uamh Ailein Mhic Raghnaill fhathast
clàraichte air mapaichean. Sin an t-àite far an deach Ailean Dubh am
falach. Tha mi an dùil gur e àite iargalta a th’ ann.
Fhuair Ailean taic bho chlachair an uamh a thogail le clachan eadar dà lic.
Bha an t-eagal air Ailean nach cumadh an clachair a bheul dùinte, agus
mharbh e e. ʼS e droch dhuine a bh’ ann an Ailean Dubh.
Shaoileamaid nach biodh saoghal fada aig Ailean Dubh Mac Raghnaill an dèidh
sin, ach bha e fortanach. Bha e air a dhìon leis na Granndaich a bha nan
uachdarain ann an Gleann Moireasdan.
Dh’fheuch am ministear – an t-Urr. Iain MacCoinnich – ann an Cill Iùrnain
anns an Eilean Dubh ri Ailean a thoirt gu cùirt. Chaidh casaidean a chur
air Ailean gun robh e air grunn dhaoine a mharbhadh, gun robh e air seachd
taighean fichead a sgrios, maille ris na saibhlean, bàthaichean agus àthan
aca. Bha am ministear a’ cumail a-mach cuideachd gun do sgrios Ailean an
leabharlann aige, gun do mhill e a chuid arbhair agus gun do ghoid e a
chrodh is eich.
Chaidh a’ chuis don chùirt anns an Iuchar, sia ceud deug, fichead ʼs a dhà
(1622). Cha do nochd Ailean Dubh. Chaidh a ghairm na eucoireach, agus
chaill e a chuid fearainn.
Ge-tà, bha e air a dhìon leis a’ Ghranndach, a cheannaich seann oighreachd
Ailein bhon Chrùn. An uair sin, a rèir choltais, thug an Granndach am
fearann air ais a dh’Ailean, agus gheall Ailean gum biodh e fhèin agus a
shliochd dìleas a-chaoidh do chinn-chinnidh nan Granndach. Cha do
dh’fhuiling Ailean Dubh peanas – ach ʼs dòcha peanas a chogais fhèin –
airson nan droch ghnothaichean anns an robh e an sàs.