FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ailean Dubh Mac Raghnaill (1)

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard agus Gleann Moireasdan.

Audio is playing in pop-over.

Ailean Dubh Mac Raghnaill (1)

Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard agus Gleann Moireasdan. An t-seachdain seo, bu mhath leam innse dhuibh mu àiteachan timcheall na sgìre sin, a tha co-cheangailte ri cogadh eadar Clann ʼic Coinnich agus na Dòmhnallaich anns an t-seachdamh linn deug.

Anns a’ bhliadhna sia ceud deug ʼs a dhà (1602), ghabh Clann ʼic Coinnich greim air Caisteal an t-Sròim bho na Dòmhnallaich. Tha sin air taobh an iar Rois. Bha oighre Mhic Raghnaill à Lunndaidh ann an Gleanna Garadh fiadhaich mu dheidhinn. B’ esan Ailean Dubh – Ailean Dubh mac Raghnaill. Chuir e roimhe dìoghaltas a dhèanamh air Cloinn ʼic Coinnich.

Thòisich e le bhith a’ dol mun chuairt ann an Dùthaich ʼic Coinnich ann an riochd ceannaiche-siubhail. Mar sin, fhuair e deagh eòlas air dùthaich a nàimhdean. A rèir aithris, anns an t-Sultain sia ceud deug ʼs a trì (1603), thug e feachd leis à Gleanna Garadh gu ruige an t-Eilean Dubh. Ràinig iad an t-àite faisg air a’ Bhlàr Dhubh madainn Didòmhnaich, nuair a bha an eaglais làn muinntir an àite – Clann ʼic Coinnich. Chuir na Dòmhnallaich teine ris an eaglais, agus mharbh iad an fheadhainn a dh’fheuch ri teicheadh. Rinn iad tuilleadh sgrios air an rathad dhachaigh.

Chaidh iad tarsainn Ghleann Urchardain agus stad iad air mòinteach eadar Meall Fuar-mhonaidh agus Loch Nis. Ge-tà, bha feachd aig Clann ʼic Coinnich air an tòir. Chunnaic iad na Dòmhnallaich agus thàinig iad sìos orra le droch rùn. Mharbh iad tòrr de na Dòmhnallaich, agus ʼs e Lòn na Fala a chanas daoine ris an àite sin chun an latha an-diugh.

Theich Ailean Dubh le a bheatha. Ràinig e allt air a bheil Allt a’ Ghiubhais mar ainm. Bha clais dhomhainn ann. Ruith Ailean mar pheilear, agus leum e thairis air an allt. Dh’fheuch fear de Chloinn ʼic Coinnich leantainn air, ach bha an leum aige goirid. Thuit e an comhair a chùil agus ghabh e grèim air craobh bheag. Thionndaidh Ailean Dubh. Le beum-claidheimh, gheàrr e stoc na craoibhe agus thuit am fear eile gu bonn na claise.

Tha an t-àite far an do leum Ailean Dubh aithnichte chun an latha an-diugh mar Leum a’ Cheannaiche. Bidh cuimhne agaibh gun robh Ailean a’ dol timcheall ann an Siorrachd Rois, a’ toirt a’ chreidsinn gur e ceannaiche-siubhail a bh’ ann. Mar sin, ʼs e Leum a’ Cheannaiche a chuir muinntir Ghleann Urchardain air an àite. Ann an Gleann Moireasdan, bha an t-aon àite aithnichte mar Leum Ailein Mhic Raghnaill. Ge-tà, ʼs e Leum a’ Cheannaiche a th’ air mapaichean na Suirbhidh Òrdanais.

Cha do chuir sin stad air Clann ʼic Coinnich, ge-tà. Fhuair iadsan tarsainn an uillt aig àite ris an canar Beul-àth nan Clach. Bha Ailean a’ tuigsinn nach biodh dol-às aige ach le bhith a’ dol a-steach a Loch Nis fhèin. A rèir beul-aithris, bha ceann-cinnidh nam Frisealach à Foithir a’ feitheamh ris le bàta. Shnàmh Ailean Dubh a-null don bhàta agus mar sin, fhuair e air falbh bho a nàimhdean.

Cha b’ e sin deireadh a’ ghnothaich, ge-tà. Chaidh Ailean Dubh am falach ann an Gleanna Garadh, mar a chluinneas sibh an-ath-sheachdain.

Litir 1103 Litir 1103 Litir 1105 Litir 1105

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!