Bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Meircheard agus Gleann Moireasdan. Anns an
t-seann aimsir, nuair a bhiodh cuideigin a’ bàsachadh, bhiodh an t-each a
b’ fheàrr aige air a thoirt seachad don uachdaran. B’ e sin an t-each-ursainn. Mura robh each aig an duine, gheibheadh
an t-uachdaran an aon luach ann an crodh no caoraich.
Uill, dusan ceud bliadhna an dèidh bàs Meircheard,
chaochail fear ann an Gleann Moireasdan. Dh’fhàg e banntrach às a dhèidh.
Cha robh each aig an duine, agus thug bàillidh na h-oighreachd leis luach
eich ann an caoraich. Bha am bàillidh ag obair don uachdaran Ghranndach,
ris an canadh iad ‘Mac Phàdraig’.
Air an oidhche sin, bha am bàillidh na laighe san leabaidh, nuair a chuala
e guth. Thuirt an guth:
Is mise Meircheard mòr nam feart,
ʼS mi a’ dol dhachaigh san anmoch;
Is inns thusa do Mhac Phàdraig
Nach fheàirrd’ e gu bràth am meanbh-chrodh!
Bha eagal a bheatha air an duine. Dh’inns e do Mhac Phàdraig dè thachair.
Chaidh na caoraich a thoirt ais don bhanntraich sa bhad. Bhon latha sin
a-mach, cha bhiodh an t-uachdaran ag iarraidh each-ursainn ann an Gleann
Moireasdan.
Tha cunntas mu Mheircheard anns an t-seann leabhar ris an canar Leabhar
Ùrnaighean Obar Dheathain, no The Aberdeen Breviary. Chan eil an
cunntas ag ainmeachadh Ghleann Moireasdan. Ach tha e ag innse dhuinn mu
bhàs an naoimh. Chaidh e don Ròimh. Bheannaich am Pàp, Griogair, e.
Chaidh Meircheard dhachaigh, a’ searmonachadh air an rathad. Ràinig e Cinn
Chàrdainn, an dùthaich aige fhèin. Bha fios aige nach robh a bhàs fad-às.
Thug e òrdugh do a shearbhantan a chorp a chur air cairt. Bhiodh a’ chairt
a’ gluasad leatha fhèin. Far an stadadh i – b’ e sin an t-àite airson a
thiodhlacadh.
Chaochail an naomh. Chaidh a dhust a chur air cairt. Thoisich na
cuibhlichean air tionndadh leotha fhèin. Chaidh a’ chairt tarsainn Uisge
Dè, agus stad i far a bheil a-nise an t-seann eaglais ann an Cinn
Chàrdainn.
Air ais gu Gleann Moireasdan, ma-thà. Airson ceudan bhliadhnaichean an
dèidh bàs Meircheard, bha an clag aige fhathast anns a’ ghleann – aig
Clachan Meircheard. Daoine a bha tinn – cha robh aca ach buntainn ris, agus
ùrnaigh a dhèanamh, agus thigeadh piseach orra. Nuair a bha tiodhlacadh gu
bhith ann, bhiodh an clag a’ seirm leis fhèin, ag ràdh, ‘Dhachaigh,
dhachaigh, gu do leabaidh bhuan!’
Dh’fhàg Meircheard rabhadh aig na daoine gun a bhith a’ cur a’ chluig a
dh’uisge. Ge-tà, timcheall na bliadhna ochd ceud deug is seachdad (1870),
thilg fear don abhainn e. Chaidh e fodha agus chan fhacas a-rithist e.
Chaidh an duine gu ruige Farrais. Nuair a bha e na bhodach, bha fear òg à
Gleann Moireasdan ag obair ann am Farrais. Chunnaic e an duine. Dh’inns e
seo do a chàirdean sa ghleann. Thug iadsan tastan dha airson deoch a
cheannach don duine, gus an innseadh e cà’ robh an clag. Ach, nuair e
ràinig am fear òg Farrais, bha am bodach dìreach air bàsachadh. Bu mhòr am
beud.