FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Naomh Meircheard (1)

An cuala sibh mu Naomh Meircheard? Is esan an naomh sònraichte ann an Gleann Moireasdan.

Audio is playing in pop-over.

Naomh Meircheard (1)

An cuala sibh mu Naomh Meircheard? Is esan an naomh sònraichte ann an Gleann Moireasdan. Ann am Beurla, tha daoine eòlach air mar St. Merchard no St. Irchard. Bha cleachdadh aig ar sinnsearan ‘mo’ a chur air beulaibh ainm naoimh. Dh’atharraich Mo Eircheard gu Meircheard. Bhiodh muinntir Ghleann Moireasdan ga fhuaimneachadh mar ‘Meirchead’.

Rugadh is thogadh e faisg air Obar Dheathain ann an sgìre Chinn Chàrdainn – sgìre ris an canar ann am Beurla Kincardine O’Neil. Bha e na Chrìosdaidh on a bha e òg. Latha a bha seo, a rèir beul-aithris, bha Meircheard ann an Srath Ghlais le dithis eile. Bha an triùir aca a’ sgaoileadh an t-soisgeil.

Chaidh aire a thoirt gu bò bhàn. Latha an dèidh latha, bhiodh a’ bhò na seasamh faisg air craobh, a’ coimhead oirre. Cha bhiodh i a’ cur a beòil sìos airson ithe. Cha robh i ach a’ toirt sùil air a’ chraoibh fad an latha. A dh’aindeoin sin, bhiodh a’ bhò a’ dol dhachaigh gach feasgar, agus coltas oirre gun robh i air a leòr de dh’fheur ithe.

Dè rinn Meircheard, ach gun do chladhaich e anns an ùir aig bonn na craoibhe. Lorg e trì clagan. Bha iad uile gleansach, ùr-nodha a’ coimhead, mar gun robh iad air an dèanamh an latha sin fhèin.

Chùm Meircheard fear de na clagan dha fhèin. Thug e na dhà eile do a chompanaich. Dh’iarr e orra falbh, gach duine air an rathad aige fhèin. ‘Nuair a sheirmeas an clag leis fhèin an treas turas, a chàirdean,’ thuirt e, ‘togaibh eaglais an sin.’

Dh’fhalbh a’ chiad duine chun na h-àirde an ear. Sheirm an clag trì tursan. An turas mu dheireadh, bha e ann an Gleann a’ Chonfhadhaich, deas air a’ Mhanachainn. Tha seann eaglais is cladh an sin fhathast.

Dh’fhalbh an dàrna fear chun na h-àirde an iar. Nuair a sheirm an clag aigesan treas turas, bha e anns an Àth Leathann san Eilean Sgitheanach.

Agus Meircheard fhèin, dh’fhalbh esan chun na h-àirde a deas, suas Srath Ghlais an toiseach. An uair sin, chaidh e tarsainn a’ mhonaidh a dh’ionnsaigh Ghleann Moireasdan. Bha e air mullach an sin nuair a sheirm an clag aige a’ chiad turas. Chuir muinntir an àite an t-ainm air a’ bheinn ud Suidhe Meircheard. Anns an latha an-diugh, ʼs e dìreach An Suidhe a th’ air na mapaichean, no mar a chanas na Gàidheil timcheall Loch Nis, An Suidh.

Lean Meircheard air gu deas, agus ràinig e Gleann Moireasdan. Stad e aig fuaran faisg air Baile an Tom Buidhe agus sheirm an clag a-rithist. ʼS e Fuaran Meircheard a th’ air an fhuaran sin. Gu mì-fhortanach, chan eil e air na mapaichean. Cha deach am pears-eaglais fada nuair a sheirm an clag a-rithist. Sin far an do stad ar laoch. Thog e eaglais ann, agus canaidh daoine Clachan Meircheard ris an àite, ged nach eil dad ann a-nise ach seann chladh.

Dh’fhuirich Meircheard ann an Gleann Moireasdan fad ùine mhòr. ʼS e searmonaiche math a bh’ ann, agus bha gràdh aig muinntir an àite air. Agus mar a chì sinn an-ath-sheachdain, bha an clag aige ainmeil. Thairis air na linntean, bho àm gu àm, bhiodh e a’ seirm leis fhèin.

Litir 1101 Litir 1101 Litir 1103 Litir 1103

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!