Bidh cuimhn’ agaibh gu robh mi a-mach air tòimhseachain Ghàidhlig an t-seachdainn ’s a chaidh, agus gun tug mi fear dhuibh airson smaoineachadh air. Agus
seo e a-rithist airson a chur nur cuimhne:
Chaidh biadh gu dithis
Aig ceann Loch Maruibh’.
Dh’ith am biadh an dithis,
’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.
Uill ’s e a bh’ ann anns a’ bhiadh – cat fiadhaich a chaidh a ghlacadh le iolaire, iolaire mhòr. Bha nead aig an iolaire – gu h-àrd anns na creagan aig
ceann Loch Maruibh’, ann an Ros an Iar. Agus anns an nead bha dà phùdach, neo isean. B’ e sin an “dithis”. Co-dhiù, nuair a chuir an iolaire mhòr an cat
anns an nead, bha an cat gun mhothachadh. Bha coltas air mar gu robh e marbh. Agus dh’fhalbh an iolaire a dh’iarraidh biadh eile. Ach cha robh an cat marbh
idir. Agus mus do rinn na h-iseanan acrach càil, thàinig an cat thuige. Mharbh e na h-iseanan, agus dh’ith e iad. Agus as dèidh sin, mus do thill an
iolaire mhòr, theich an cat. Chaidh e sìos na creagan agus air ais dhachaigh.
Uill, tha e sìmplidh gu leòr, nach eil? Ach tha mi ’n dòchas nach do chuir e cus dragh oirbh thairis air an t-seachdainn a dh’fhalbh, agus sibh a’
smaoineachadh air fad an t-siubhail! Anns na mìosan romhainn, bho àm gu àm, bheir mi tòimhseachain eile dhuibh, agus ma tha gin agaibh fhèin a bu toil
leibh a chur thugam, bhithinn uabhasach toilichte am faighinn. Gheibh sibh an seòladh an cois teacs na litreach ann am Paipear Beag an Eilein Sgitheanaich
an t-seachdainn-sa.
Ach air ais don iolaire. Tha trì seòrsaichean de iolaire againn ann an Alba. Mar is trice, ma chanas sinn dìreach “iolaire”, ’s i an iolaire-bhuidhe, neo golden eagle, a tha sinn a’ ciallachadh. Agus a bharrachd air “iolaire-bhuidhe” tha ainm eile ann air a son – an “iolaire-mhonaidh” air sgàth ’s
gum bi i, mar is trice, anns a’ mhonadh, neo anns an adhar os cionn a’ mhonaidh, seach aig a’ chladach.
Ged a tha an iolaire-bhuidhe brèagha gun teagamh, tha tèile ann a tha nas motha – an “iolaire-mhara” neo sea eagle. Bidh fios agaibh uile, tha mi
cinnteach, gun deach an t-eun mòr seo à bith ann an Alba, ged a chaidh a stèidheachadh a-rithist air taobh siar na Gàidhealtachd o chionn beagan
bhliadhnaichean. Bidh a h-earball geal nuair a dh’fhàsas i sean gu leòr, agus ’s ann air sgàth sin a thathar cuideachd a’ gabhail white-tailed eagle oirre ann am Beurla. Airson an dearbh adhbhair, canaidh sin “iolaire-bhàn” rithe uaireannan ann an Gàidhlig.
Agus air sgàth ’s gum faic sinn gu tric faisg air a’ chladach i, ’s e “iolaire-chladaich” ainm eile oirre ann an Gàidhlig. Agus, co-dhiù ann am bàrdachd,
chaidh a h-ainmeachadh mar “iolaire-sùil-na-grèine” – ainm snog dha-rìridh.
Ach dè an treas iolaire a th’ againn ann an Alba? Uill ’s e sin an seòrsa ris an canar osprey ann am Beurla. Ann an Gàidhlig ’s e
“iolaire-iasgaich” a th’ oirre, leis gur ann le bhith ag iasgach a ghlacas i biadh. Neo canaidh cuid “iolaire-uisge” rithe leis gum bi i a’ fuireach faisg
air lochan-uisge, a’ neadachadh ann an seann chraobhan.
Mar sin dè an seòrsa iolaire a ghlac an cat fiadhaich anns an tòimhseachan? Iolaire-mhara? Cuimhnichibh gu robh iad uaireigin pailt ann an Ros an Iar.
Iolaire-uisge a chunnaic cat fhad ’s a bha i a’ sealg os cionn an locha? Chanainn fhèin gur e iolaire-bhuidhe as coltaiche leis gu robh i a’ sealg ann am
monadh far am biodh cait a’ fuireach. Agus bhiodh e fìor ri ràdh gur e iolaire mhi-fhortanach a bh’ innte leis gun do chaill i a h-àl. Chun na h-ath
sheachdainn….