A bheil sibh a’ gabhail tlachd – mar a tha mise – bho thòimhseachain? Tha mi ’n dòchas gu bheil, oir ’s e sin cuspair na litreach an t-seachdainn-sa. Bha mi
a’ tadhal air duine is aithne dhomh ann an Geàrrloch turas, agus dh’innis e dhomh tòimhseachan a chòrd rium glan. ’S ann às a sgìre sin fhèin a bha e – à
Ros an Iar. Co-dhiù, bha mi air dìochuimhneachadh mu dheidhinn gus an tàinig mi tarsainn air a-rithist, dìreach an t-seachdainn ’s a chaidh.
Bha mi ann an leabharlann, a’ toirt sùil air seann phàipearan-naidheachd. Agus ann am fear aca, a bha còrr is sia fichead (120) bliadhna a dh’aois, leugh
mi an dearbh thòimhseachan, an ìre mhath mar a chuala mi e. Aig deireadh na litreach, bheir mi dhuibh e, agus faodaidh sibh smaoineachadh air – mus toir mi
am fuasgladh dhuibh an ath sheachdainn!
’S e tuiteamas a bh’ ann gun do lorg mi an tòimhseachan sin, agus feadhainn eile a bha anns an dearbh cholbh anns a’ phàipear-naidheachd. Bha mi a’ coimhead
airson rudeigin gu tur eadar-dhealaichte. Ach sin mar a tha e – dhomhsa co-dhiù – nuair a choimheadas mi air seann phàipearan-naidheachd. ’S dòcha nach
lorg mi an rud a bha mi a’ sireadh, ach gheibh mi rudeigin air choreigin a chòrdas rium.
Bha na tòimhseachain anns an Inverness Courier, ann an colbh Beurla air an robh an tiotal “Nether-Lochaber”. Thug mi greis mus d’ fhuair
mi a-mach cò an t-ùghdar. ’S e ministear na h-eaglais a bh’ ann – an t-Ollamh Urramach Alasdair Stiùbhart - agus bha e na shar-Ghàidheal, a-rèir choltais.
Mhìnich e anns a’ cholbh aige mar a fhuair e an tòimhseachan a leanas.
Bha e na leas, feasgar a bha seo, a’ togail ùbhlan far craoibhe nuair a thàinig boireannach seachad. Le gàire, thuirt i ris a’ mhinistear – nan toireadh
esan ùbhlan dhi, gun innseadh ise dhasan tòimhseachan nach b’ urrainn dha fuasgladh fhaighinn air a shon. ’S e duine còir spòrsail a bh’ ann, agus thug e
ùbhlan dhi. Agus ’s e seo na thuirt i:
Chunnaic fear gun sùilean ùbhlan air a’ chraoibh
Cha tug e ùbhlan dhith, ’s cha do dh’fhàg e ùbhlan oirre.
Canaidh mi sin a-rithist:
Chunnaic fear gun sùilean ùbhlan air a’ chraoibh
Cha tug e ùbhlan dhith, ’s cha do dh’fhàg e ùbhlan oirre.
Ciamar a dh’fhaodadh sin a bhith? Uill, ’s e seo am fuasgladh, agus chì sibh gur ann a’ cleas leis na faclan “sùilean” agus “ùbhlan” a bha i. Cha robh ach
aon shùil aig an duine; bha e leth-shùileach. Mar sin ’s e fear gun “sùilean” a bh’ ann, ged a bha fradharc aige. Agus cha robh air a’ chraoibh ach dà
ùbhal. Thug e aon ubhal dhith; mar sin cha tug e “ùbhlan” dhith. Agus dh’fhàg e aon ubhal oirre; mar sin cha robh “ùbhlan” oirre - dìreach ubhal.
Aaa, uill, ’s dòcha gu robh i airidh air na h-ùbhlan. Chan ann tric a bhios fear neo tè a’ dèanamh cleas air ministear! Co-dhiù, chan ann mi-thoilichte a
bha Maighstir Stiùbhart. Thòisich a’ chùis deasbad air tòimhseachain Ghàidhlig air duilleagan an Inverness Courier, le mòran Ghàidheal a’
sgrìobhadh don ùghdar, ag innse dha tuilleadh thòimhseachan.
Agus tha sin gam thoirt air ais do thòimhseachan mo charaid ann an Geàrrloch. Agus seo e:
Chaidh biadh gu dithis
Aig ceann Loch Maruibh’.
Dh’ith am biadh an dithis,
’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.
Seo e a-rithist:
Chaidh biadh gu dithis
Aig ceann Loch Maruibh’.
Dh’ith am biadh an dithis,
’S chaidh am biadh dhachaigh a-rithist.
Dè bh’ ann anns a’ bhiadh, agus dè bh’ ann anns an dithis?! Bheir mi am fuasgladh dhuibh an ath sheachdainn. Chun an uairsin, is mise, le meas….