FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uilleam Uallas (4)

Bheir mi an cunntas agam air Uilleam Uallas gu crìch an-diugh.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Uallas (4)

Bheir mi an cunntas agam air Uilleam Uallas gu crìch an-diugh. Air an aonamh latha deug dhen t-Sultain, dà cheud deug, naochad ʼs a seachd (1297), nochd Uallas agus a chompanach Anndra Moireach aig Drochaid Shruighlea, air an taobh tuath dhith. Bha na mìltean shaighdearan cuide riutha.

Bha armailt tòrr na bu mhotha aig na Sasannaich, ge-tà. Bha iad fo stiùir Iain Uarainn, Iarla Shurraidh, agus Ùisdean Cresingham, agus bha iad a’ feitheamh gu deas air an drochaid. Cha robh dòigh eile airson saighdearan a chur tarsainn na h-aibhne ach thar na drochaid, a bha gu math cumhang.

Sheas na h-Albannaich air cnuic, a’ feitheamh ris na Sasannaich. An dèidh greis, chuir Uarainn dithis shagartan a-null far an robh Uallas. Tha ùghdar a’ chunntais, Aonghas MacCoinnich, ag innse dhuinn gun robh iad a’ tairgsinn ‘maitheanas dha fhèin ʼs dha a luchd-leanmhainn nan leigeadh iad sìos an armachd.’ Chuir Uallas na sagartan air ais le teachdaireachd do Uarainn nach robh e ag iarraidh ach aon rud – blàr a thoirt do na Sasannaich agus saorsa aiseag do dh’Alba.

Chuir sin fearg air cuid de na h-oifigearan Sasannach. Bha iad airson a dhol a-null thar na drochaid agus ionnsaigh a thoirt air armailt Uallais, ged a bha sin cunnartach dhaibh.

Chaidh gnothaichean air adhart gu math dhaibh an toiseach. Sheas na h-Albannaich far an robh iad. Chaidh marc-shluagh tarsainn na drochaid an toiseach – na ceudan aca. Bha iad air an leantainn le saighdearan-coise. Cha tug na h-Albannaich ionnsaigh orra.

Ach cha robh iad dìomhain. Dh’iarr Uallas air buidheann de luchd-sleagha dhol sìos don abhainn gu sàmhach, socair. Nuair a bha leth de dh’armailt nan Sasannach air a dhol tarsainn na drochaid, thug Uallas òrdugh don luchd-sleagha an drochaid a dhùnadh. Chan fhaigheadh an còrr de na Sasannaich a-null. Thug saighdearan Uallais ionnsaigh bhrùideil air an fheadhainn a bh’ air a dhol tarsainn na h-aibhne mu-thràth.

Chaidh am marc-shluagh an comhair an cùil. Bha iad a-nise am measg nan saighdearan-coise aca fhèin, agus bha buaireadh ann. Dh’fheuch cuid de na ridirean faighinn tarsainn na h-aibhne, ach chaidh am bàthadh. Bha an armachd aca ro throm airson a bhith a’ snàmh.

Chaidh an latha leis na h-Albannaich. Bhathar ag ràdh, dhen àireamh mhòr de Shasannaich a chaidh tarsainn na drochaid, nach d’ fhuair às beò, ach triùir. Bha Cresingham am measg nam marbh.

Bha Iarla Shurraidh a’ coimhead air gnothaichean bho thaobh a deas na h-aibhne. Thomhais e nach robh iad sàbhailte an sin tuilleadh, agus theich an armailt Shasannach gu ruige Bearaig air taobh Shasainn dhen chrìch. Cha b’ e sin a-mhàin, ach theich na saighdearan Sasannach bho na caistealan, a bh’ air a bhith nan làmhan, ann an ceann a deas na h-Alba.

Lean Uallas orra, le fichead mìle saighdear na chois, thar na crìch. Rinn e miastadh ann an ceann a tuath Shasainn mus do thill e dhachaigh. Thug e mar sin a saorsa a dh’Alba, agus chaidh aithneachadh mar riaghladair na dùthcha. Cha b’ e sin deireadh an sgeòil, ge-tà, oir bha Rìgh Eideard Shasainn, a bha ri cogadh thall air tìr-mòr na Roinn Eòrpa, gu math feargach mu na thachair. Ach fàgaidh mi an còrr dhen sgeul gu latha eile.

Litir 1093 Litir 1093 Litir 1095 Litir 1095

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!