Dè an sgìre dhen Ghàidhealtachd anns an cluinnear a’ Ghàidhlig as fheàrr?
Abair ceist airson Litir a chur air bhog! Bidh a bheachd no a beachd fhèin aig gach neach. Agus chan
eil mi fhìn a’ dol a thoirt beachd sam bith seachad air a’ ghnothach. Chan eil math dhomh.
Tha mi a’ togail na ceist oir, air mo bheulaibh, tha alt a nochd anns an
iris ‘An Gàidheal’ anns an Dùbhlachd naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir
(1924). Leis an fhìrinn innse, chan e ‘An Dùbhlachd’ a tha sgrìobhte air
ceann shuas na duilleig, ach ‘An Dùdlachd’. Tha iad le chèile a’
ciallachadh ‘December’.
Co-dhiù, b’ e ùghdar an uilt An t-Urr. Uilleam MacGillÌosa. Bha e ann am
Beurla, ach seo agaibh m’ eadar-theangachadh dhen chiad pharagraf: ‘Faisg
air ceud bliadhna air ais, bha deasbad aig oileanaich Ghàidhealach a bha
ceangailte ri Comann Deasbaireachd Oilthigh Dhùn Èideann air a’ cheist, “Dè
an sgìre de dh’Alba as fheàrr anns a bheil Gàidhlig ga bruidhinn, agus dè
an sgìre as motha anns an deach an cànan adhartachadh?” Chaidh an duais a
thoirt gu ... Siorrachd Pheairt ...’
Uill, ʼs dòcha gun do chuir sin iongnadh oirbh. Ach cuimhnichibh gun robhar
a’ deasbad na ceist tràth anns an naoidheamh linn deug. Carson, ma-thà, a
thug na h-oileanaich an duais do Shiorrachd Pheairt, seach sgìre eile dhen
Ghàidhealtachd? Bha ceithir adhbharan aca, agus seo iad:
Anns a’ chiad àite, ’s ann an Siorrachd Pheairt a rugadh an fheadhainn a
rinn eadar-theangachadh dhen Bhìoball gu Gàidhlig – an t-Urr. Seumas
Stiùbhart à Cill Fhinn agus a mhac, Iain. Anns an dàrna àite, ʼs ann an
Siorrachd Pheairt a rugadh am bàrd Gàidhlig a bu chliùitiche – Dùghall
Bochanan.
B’ e an treas adhbhar gun do rugadh an t-Oll. Urr. Alasdair Stiùbhart ann
an Siorrachd Pheairt. Bha esan na mhinistear ann am Maoilinn, faisg air
Baile Chloichridh. Rugadh e ann an Athall. Agus carson a bha na
h-oileanaich ga mholadh? Uill, sgrìobh e, nam beachd, an leabhar-gràmair a
b’ fheàrr a bh’ ann. Smaoinichibh air sin – duine a’ faighinn moladh mòr
airson leabhar-gràmair a chur ri chèile!
Agus b’ e an ceathramh adhbhar gun robh Siorrachd Pheairt na b’ fheàrr na
sgìre sam bith eile, gun do rugadh Raibeart Armstrong anns a’ Cheannmhor.
Sgrìobh esan am faclair Gàidhlig a b’ fheàrr a bh’ ann aig an àm sin.
Tha a’ chuid as motha dhen alt anns ‘An Gàidheal’ mu dheidhinn Armstrong,
agus thig mi gu cunntas air a bheatha ann am mionaid. Ach, ann an naoi ceud
deug, fichead ʼs a ceithir (1924), an robh daoine fhathast dhen bheachd gur
ann an Siorrachd Pheairt a b’ fheàrr anns an robhar a’ bruidhinn na
Gàidhlig? Uill, cha robh. Tha an t-ùghdar ag ràdh gun robh a’ Ghàidhlig air
a dhol bhuaithe anns an t-siorrachd, agus gun robh na Peairtich ga
measgachadh le tòrr Beurla. Bu bhochd sin, gu dearbh.
A-nise, gu Raibeart Armstrong, fear an fhaclair. Thàinig ‘ A Gaelic Dictionary in Two Parts’ aige a-mach ann an ochd ceud
deug, fichead ʼs a còig (1825). Rugadh Armstrong anns a’ Cheannmhor, aig
ceann an ear Loch Tatha, ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a h-ochd
(1788). Innsidh mi dhuibh tuilleadh mun duine ainmeil seo anns an ath
Litir.