Bha linn ann, agus na Cuimeanaich is Clann ʼic an Tòisich nan dearg
nàimhdean do chèile. Bha fear de cheannardan Clann ʼic an Tòisich air murt
is marbhadh a dhèanamh air Cuimeanaich ann an Caisteal Inbhir Narann. Chuir na Cuimeanaich romhpa dìoghaltas fhaighinn. Bha seo
anns a’ chòigeamh linn deug.
Chuir na Cuimeanaich armailt mhòr ri chèile. Chaidh iad gu ruige A’ Mhuigh, deas air Inbhir Nis, prìomh àros aig
ceann-cinnidh Clann ʼic an Tòisich. Ach cha robh sgeul air Mac an Tòisich
no a luchd-leantainn. Bha iad air eilean ann an Loch na Maighe. Bha ceithir
cheud duine cruinn còmhla air an eilean.
Ciamar a bha na Cuimeanaich a’ dol a thoirt buaidh orra? Uill, dh’fhaodadh
iad feitheamh gus nach biodh biadh air fhàgail air an eilean. Ach bha Loch
na Maighe làn bhreac is bhreac-dearga. Bha biadh timcheall air na daoine.
Chruthaich na Cuimeanaich plana – car annasach, co-dhiù ma tha sinn a’
creidsinn a’ chunntais ann an Nua-chunntas Staitistigeach na h-Alba, a
nochd ann an clò ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1845). Tha Allt
Fionntaig a’ sruthadh a-mach à Loch na Maighe aig a cheann a deas. Thog na
Cuimeanaich dàm air an allt, dìreach far a bheil e a’ fàgail an locha. Air
taobh an locha dhen dàm, bha dèileachan fiodha. Nuair a dh’èireadh Loch na
Maighe, bhiodh an t-eilean air a chòmhdachadh le uisge, agus dh’fheumadh an
nàimhdean teicheadh airson am beatha.
Uill, bha am plana ag obair. Ach, eadhon mus do dh’èirich an loch ro fhada,
bha e follaiseach do Chloinn ʼic an Tòisich gun robh am biadh aca a’ fàs
gann, agus gu feumadh iad teicheadh. Thàinig fear dhiubh air adhart.
Dh’iarr e air a cheann-chinnidh plana aige a chur an sàs a chuireadh às do
na Cuimeanaich. Fhuair e cead.
Thog e ràth – tha mi an dùil, le logaichean. Tha an cunntas ag ainmeachadh
ràth co-dhiù. Agus ʼs dòcha gun robh sin glic, seach a bhith a’ falbh ann
am fear de na bàtaichean – a bhiodh follaiseach do na Cuimeanaich. Rinn an
duine seo fàsagan – no bungs – de dh’fhiodh. Thug e leis sreang,
ròp agus tora, no auger, airson tuill a dhèanamh anns na
dèileachan.
Dh’fhalbh e a-mach ann an dorchadas na h-oidhche. Ràinig e an dàm. Chan
fhaca na Cuimeanaich e. Rinn e tuill anns na dèileachan. Chuir e fàsag anns
gach toll, agus cheangail e sreangan is ròp ris na fàsagan. Tharraing e air
an ròp agus thàinig na fàsagan uile a-mach aig an aon àm. Chaidh uisge tro
na tuill le neart, agus sguabaich e an dàm air falbh. Bha tuil mhòr ann an
uair sin.
Gu mì-fhortanach do na Cuimeanaich, cha robh luchd-faire aca, agus bha iad
a’ campachadh dìreach fon dàm. Chaidh tòrr dhiubh a mharbhadh anns an tuil.
Feumaidh nach robh gaisgeach na Maighe luath gu leòr ann a bhith a’
pleadhagaich an ràtha aige air falbh. Chaidh a bhàthadh anns an tuil, no
chaidh a mharbhadh le Cuimeanaich.
A bheil fìrinn sam bith anns an stòiridh? Dh’fhaodadh gu bheil. Ann an ochd
ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1884), chaidh tòrr chlachan, measgaichte le
crèadh, a lorg far a bheil an t-allt a’ fàgail an locha. Bhathar a’
smaoineachadh gum b’ e sin pàirt dhen dàm a chaidh a thogail còrr is
ceithir cheud bliadhna roimhe.