Bha mi ag innse dhuibh mun Bhaintighearna Liondsaidh, ban-ogha aig Rìgh
Seumas I. Bha i glaiste ann an caisteal os cionn Uisge Eireachd, an dèidh
dhi an duine aice a mhurt. Gach latha, bha aice ri snàithlean a shnìomh a
ruigeadh an abhainn trì cheud troigh fòidhpe. Chan fhaigheadh i biadh gus
an robh an snàithlean deiseil. Rinn i sin cho fada ʼs gun robh na corragan
aice air an caitheamh gu mòr mus do chaochail i.
An dèidh a bàis
, thill an taibhs aice don chaisteal. Agus lean i oirre le bhith a’ snìomh
a snàithlein gach latha. Chùm i a dol airson còrr is dà cheud bliadhna mar
sin, latha an dèidh latha, gu h-aonaranach anns a’ chaisteal aice air Creag
an Fhithich.
Faisg air dà cheud bliadhna an dèidh a bàis, bha Blàr Chùil Lodair ann,
nuair a thàinig Ar-a-mach nan Seumasach gu ceann. Bha cuid de na fir à
Gleann Eireachd air a bhith ann an arm nan Seumasach. Bha iad a-nise nan
ruagalaichean. Nam measg, bha Niall Mòr nam Breac.
Fhuair Niall a fhrith-ainm leis gun robh e fìor mhath mar iasgair-slait.
Bha e a’ leantainn air feadhainn eile san teaghlach aige. Rinn fear dhiubh
rudeigin math airson rìgh air choreigin. Dh’fhaighnich an rìgh gu dè an
duais a bha e ag iarraidh. ‘Tha,’ thuirt e, ‘gum bi na h-uachdarain, air
gach taobh dhen abhainn os cionn Bhlàr Ghobharaidh, a’ leagail a h-uile
craobh a chuireas stad air iasgair bho bhith a’ siabadh le slat.’
Dh’aontaich an rìgh, agus bha còraichean iasgaich aig cinneadh Nèill fad
bhliadhnaichean.
Bha e nàdarrach, ma-thà, gum biodh Niall a’ dol am falach ri taobh na
h-aibhne. Bha saighdearan dearga stèidhichte faisg air làimh ann an Srath
Àrdail. Lorg Niall còs eadar na creagan, dìreach os cionn bonn Creag an
Fhithich. Bha e toilichte gu leòr an sin. Ghlac e bric gu leòr anns an
abhainn – dha fhèin is do fheadhainn eile a bha am falach faisg air.
Bha e sàbhailte bho na saighdearan dearga, ach cha robh bho thuiltean. Bha
uisge mòr ann an Srath Àrdail, agus thàinig tuil – coltach ri làgaraid –
sìos Uisge Àrdail agus a-steach don Eireachd. Cha robh fios aig Niall gun
robh e a’ tighinn. Gu h-obann thàinig an t-uisge a-steach don chòs aige,
agus chaidh a sguabadh a-mach.
Bha e ann an cunnart a bheatha. Ach, nuair a bha e fo Chreag an Fhithich,
mhothaich e gun robh snàithlean crochte bhon bhearradh gu h-àrd. Ghabh e
grèim air agus, ged a bha e tana, bha e làidir gu leòr airson leigeil leis
bruach na h-aibhne a ruigsinn. Ghabh e grèim air preas feàrna agus
tharraing e e fhèin a-mach às an uisge.
Nuair a thug e sùil an-àirde, cò chunnaic e ach taibhs na Baintighearna
Liondsaidh le cuigeal na làimh. Ghabh e eagal agus thilg e an ceann aigesan
dhen t-snàithlean don uisge. Nuair a rinn e sin, thilg ise a’ chuigeal agus
an còrr dhen t-snàithlean don abhainn, agus dh’fhalbh i à fianais.
Chan fhacas bhon uair sin i. Bha a h-obair deiseil. Bha a peanas seachad.
Bha a’ Bhaintighearna Liondsaidh, murtair, air beatha a-nise a shàbhaladh –
fear-leantainn aig cinneadh a seanar, na Stiùbhartaich. Dh’fhaodadh i a
bhith marbh a-nise ann an sìth.