FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ Bhaintighearna Liondsaidh

A bheil sibh eòlach air Gleann Eireachd ann an Siorrachd Pheairt?

Audio is playing in pop-over.

A’ Bhaintighearna Liondsaidh

A bheil sibh eòlach air Gleann Eireachd ann an Siorrachd Pheairt? Tha Uisge Eireachd a’ sruthadh troimhe – sin an abhainn a tha a’ dol tro Bhlàr Ghobharaidh.

Tha Uisge Eireachd a’ tòiseachadh aig Drochaid Challaidh, far a bheil Uisge Àrdail agus an t-Uisge Dubh a’ tighinn còmhla. Dhà no trì mìle deas air Drochaid Challaidh, tha an abhainn a’ sruthadh tro mhòr-chlais. An sin, tha àite gu math inntinneach. Air na mapaichean, tha seo sgrìobhte: Lady Lindsay’s Castle (remains of). Tha e air creag os cionn na h-aibhne.

Mus tig sinn chun an sgeòil, seo na chanas an t-Suirbhidh Òrdanais anns an Leabhar Ainmean aca: ‘Aig oir a’ bhearraidh, chithear fhathast tobhta tùir ... air a bheil Caisteal na Baintighearna Liondsaidh, anns an robh o chionn nan ceudan bhliadhnaichean, nighean a bhuineadh don chinneadh uasal Crawford air a glasadh a-staigh fad a beatha mar thoradh air breith a’ Phàip ...’

Breith a’ Phàip?! Dè bha dol? Agus dè rinn i – a’ Bhaintighearna Liondsaidh a bha seo?

Seo agaibh an sgeulachd. Timcheall na bliadhna ceithir cheud deug, ochdad ʼs a naoi (1489), bha dithis bhràithrean còmhla ann an caisteal ann an Srath Àrdail. B’ iad Alasdair Liondsaidh, am mac a bu shine aig a’ cheann-chinnidh – Iarla Chrawford – agus a bhràthair, Iain.

Chaidh na bràithrean a-mach air a chèile gu dubh. Thog iad buill-airm an aghaidh a chèile. Bha Alasdair air a leòn. Bha e na laighe san leabaidh an dèidh làimhe, feuch faighinn seachad air call fala, nuair a chuir a bhean cluasag air aodann airson a mhùchadh. Mura b’ e sin, bha daoine dhen bheachd gun robh e air tighinn beò.

B’ i a bhean Seònaid Ghòrdan, nighean aig Seòras, Iarla Hunndaidh, agus a bhean Annabella, nighean aig Rìgh Seumas I. Cho luath ʼs a bha Alasdair Liondsaidh a-mach às an rathad, phòs Seònaid Pàdraig, mac aig Iarla Grey.

Cha robh esan beò fada, ged nach urrainn dhomh a ràdh an do chuir a bhean cluasag an sàs na aghaidh. Ach, goirid an dèidh sin, bha treas pòsadh aice – aig fear Halkerston.

Bha i saor bho chasaidean eucoir airson còrr is deich bliadhna. Ach anns a’ bhliadhna còig ceud deug (1500), fhuaireadh ciontach i de mhurt Alasdair. B’ e a peanas a bhith air a glasadh air mullach Creag an Fhithich, a ruigeas trì cheud troigh os cionn Uisge Eireachd.

Chan eil beul-aithris Shrath Àrdail ag innse dhuinn mar a chaidh am Pàp an sàs anns a’ ghnothach. Ach thathar ag innse dhuinn gun robh a’ Bhaintighearna Liondsaidh gu bhith sa phrìosan fad a’ chòrr de a beatha. A bharrachd air sin, gach latha, bha aice ri snàithlean a shnìomh a ruigeadh an abhainn trì cheud troigh fòidhpe. Chan fhaigheadh i biadh gus an robh an snàithlean deiseil.

Lean i oirre mar sin, latha an dèidh latha, seachdain an dèidh seachdain, bliadhna an dèidh bliadhna, gus an do ràinig i còrr is ceud bliadhna a dh’aois. Mu dheireadh, chaochail i. Ach cha b’ e sin deireadh a sgeòil. Mar a chì sinn an-ath-sheachdain, nochd i a-rithist mar thaibhs, agus thug i taic do shaighdear Seumasach an dèidh Blàr Chùil Lodair.

Litir 1085 Litir 1085 Litir 1087 Litir 1087

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!