A bheil sibh eòlach air an t-seann làmh-sgrìobhainn ris an canar
Làmh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire no The Wardlaw Manuscript? Bha i air
a sgrìobhadh ann am meadhan an t-seachdamh linn deug. Tha i ag innse tòrr
mu eachdraidh Chlann ’ic Shimidh – no mar a chanas iad ann am Beurla, the Frasers of Lovat. Tha mi airson stòiridh innse dhuibh a
nochdas anns an làmh-sgrìobhainn – naidheachd mu rudeigin annasach a
thachair anns an sgìre sin o chionn fhada.
Bha fear ann uaireigin air an robh an Gobha Ruadh. B’ e sin am far-ainm a
bh’ air, co-dhiù. ’S e fear buadhach a bh’ ann. Anns an t-Sultain, sia ceud
deug is ceathrad (1640), dh’iarr e air fear de na sgalagan aige, Dòmhnall
MacAlasdair, gadan droighinn fhaighinn dha. Chaidh Dòmhnall gu preas
droighinn siar air ubhal-ghort Lobhat. Shreap e suas anns a’ chraoibh ach
thuit an sgian às an làimh aige.
Nuair a bhuail an sgian anns an talamh, rinn i gliongadaich mar gun robh i
air bualadh ann am meatailt. Nuair a thog Dòmhnall an sgian aige, mhothaich
e gun robh i air bualadh ann am poit-chrèadha a bha còmhdaichte le
còinneach. Chladhaich e a’ phoit a-mach. Bha a’ phoit làn òir.
Cha tug Dòmhnall leis ach fàinne. Dhùin e a’ phoit agus chuir e air ais i.
Lean e air le bhith a’ gearradh ghadan airson a’ ghobha, agus chaidh e air
ais don cheàrdaich. Nise, cha b’ e Dòmhnall an cuilean a bu ghlice san àl.
Nuair a ràinig e a’ cheàrdach, bha nighean aig a’ ghobha a’ fuine aran aig
an teine.
‘Trobhad seo, a Sheònaid,’ arsa Dòmhnall, ‘thoir dhomh
bonnach no dhà agus bheir mise fàinne bhrèagha dhut.’
Thug Seònaid bonnaich gu leòr dha, agus thug Dòmhnall an fhàinne dhi. Tha
fhios gun robh an nighean toilichte.
Uill, thill an Gobha Ruadh dhachaigh. Chunnaic e an fhàinne òir air corrag
– mac an aba – a nighinn.
‘Càite an d’ fhuair thu an fhàinne bhrèagha sin?’ dh’fhaighnich e.
‘O Dhòmhnall MacAlasdair,’ fhreagair i.
Chaidh an gobha a bhruidhinn ri Dòmhnall an uair sin. Fhuair e a-mach clubhair mun òr a lorg an sgalag nuair a leig e an sgian.
‘Cùm sàmhach mu dheidhinn seo,’ thuirt an gobha. ‘Dèan d’ obair agus na can
guth ri duine. Aig deireadh an latha, thèid sinn ann còmhla.’
Dh’fhalbh Dòmhnall a dh’obair. Cha do thuig e nach robh an Gobha Ruadh
onarach. Dh’fhalbh an gobha don phreas droighinn. Fodha, chunnaic e a’
phoit. Thog e i, agus gu dearbh fhèin, bha i làn òir.
Dh’fhalbh an gobha dhachaigh leis a’ phoit. Chuir e am falach i ann an
ciste ghlaiste. Aig deireadh an latha-obrach, chaidh e far an robh
Dòmhnall. ‘Sin thu, a Dhòmhnaill,’ thuirt e, ‘rachamaid sìos don phreas,
agus lorgaidh sinn a’ phoit a tha làn ulaidh.’
‘Ceart gu leòr,’ dh’aontaich Dòmhnall, agus e gun amharas. Nuair a ràinig
an dithis am preas, cha robh sgeul air a’ phoit. Cha robh ann ach sloc beag
far an robh a’ phoit air a bhith. ‘Ach bha i an seo,’ thuirt Dòmhnall le
cinnt.
‘Ist,’ thuirt am fear eile, ‘cha robh ann ach aisling. Chan fhaca tu poit
an seo. Cha robh òr an seo ann! Na can ri duine gun robh.’ Agus dè thachair
an uair sin? Gheibh sibh a-mach anns an ath Litir.