Tha ceist agam dhuibh. Cuin a nochd Rìgh na h-Alba ann an Inbhir Nis airson
ainm a chur ri co-chòrdadh eadar-nàiseanta? Uill, tha e a’ dol air ais dhan
bhliadhna trì cheud deug ʼs a dhà-dheug (1312). ʼS e Raibeart am Brusach a
bh’ air rìgh-chathair na h-Alba. Bha Blàr Allt a’ Bhonnaich gu bhith ann dà
bhliadhna an dèidh sin.
Ann an Litir ochd ceud, seachdad ’s a h-aon (871), dh’inns mi dhuibh mu
Cho-chòrdadh Pheairt, a thug gu crìch an smachd a bh’ aig na Lochlannaich
air ceann an iar-thuath na h-Alba – agus sgìrean is eileanan deas gu Eilean
Mhanainn. Chaidh an t-aonta a tharraing ri chèile le riochdairean aig
Nirribhidh agus Alba ann am Peairt anns a’ bhliadhna dà cheud deug, seasgad
’s a sia (1266).
Bha sin trì bliadhna an dèidh Cath na Leargaidh Ghallta eadar Nirribhidh
agus Alba. Bha Alasdair III na rìgh aig Alba aig an àm sin. A rèir an
aonta, bhiodh Alba a’ pàigheadh sùim de cheithir mìle marg agus an uair sin
ceud marg gach bliadhna – agus gheibheadh i smachd air tìrean nan
Lochlannach ann an Alba, agus faisg air Alba, ach a-mhàin Arcaibh is
Sealtainn. A bharrachd air sin, bha aonta ann a thaobh mar a bhiodh dìon is
còraichean aig maraichean Lochlannach a chailleadh an soitheach mar
long-bhriseadh far cladaichean na h-Alba.
Ach cha b’ e sin deireadh an sgeòil airson Co-chòrdadh Pheairt, a bha eadar
Alasdair agus Rìgh Nirribhidh, Mànas IV. Chaidh a dhaingneachadh ann an
Inbhir Nis nuair a bha am Brusach air an rìgh-chathair. Bha an Rìgh fhèin
an làthair airson ainm a chur ris an sgrìobhainn.
Tha dreach dhen aonta – air eadar-theangachadh gu Beurla – anns an leabhar Invernessiana, a chaidh a chur ri chèile le
Teàrlach Friseal Mac an Tòisich. Thàinig an dà thaobh ri chèile air an
latha mu dheireadh dhen Dàmhair ann an trì cheud deug is dhà-dheug (1312).
Ann an sgioba na h-Alba, a bharrachd air an rìgh, bha co-dhiù ceathrar
easbaigean – Obar Dheathain, Mhoireibh, Rois is Ghallaibh. Agus bha co-dhiù
triùir iarlan ann – Rois, Athall is Mhoireibh. Ciamar a tha fios againn air
sin? Uill, tha iad uile air an ainmeachadh anns an sgrìobhainn. Chuir iad
an seulachan pearsanta rithe.
Cha robh Rìgh Nirribhidh, Håkon V, an làthair, ge-tà. Bha e air a
riochdachadh le àrd-easbaig, dithis easbaigean, iarla agus dithis bharan.
Tha Friseal-Mac an Tòisich a’ sgrìobhadh nach robh riamh coinneamh cho
cudromach, a bha ag amas air gnothach sìtheil, ann an Inbhir Nis. Bha e a’
sgrìobhadh mus robh coinneamh Caibineat na Rìoghachd Aonaichte air a cumail
ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a
h-aon (1921) – airson bruidhinn air suidheachadh na h-Èireann. Ach, eadhon
le sin, dh’fhaodamaid a ràdh gu bheil beachd Fhriseil-Mhic an Tòisich fhathast ceart.
Cha deach an t-aonta atharrachadh. Dhearbh am Brusach gun cumadh Alba ris
na dleastanasan aice. Bhiodh i a’ cur ceud marg a h-uile bliadhna gu
sìorraidh gu Rìgh Nirribhidh agus oighrean. Bhiodh an t-airgead air a
thoirt seachad air Fèill Eòin ann an Eaglais an Naoimh Mhànais ann am Baile
na h-Eaglaise ann an Arcaibh – tìr a bhuineadh do Rìgh Nirribhidh.
A bheil sin a’ ciallachadh gum bi Alba fhathast a’ cur sùim co-ionann ri
ceud marg gu Nirribhidh gach bliadhna? Bheir sinn sùil air sin an
ath-sheachdain.