Anns an Litir mu dheireadh, bha mi a’ bruidhinn mun uachdaran Rosach,
Osgood MacCoinnich. Ged a bha e na shealgair air leth, agus na mhèirleach
uighean, bha ùidh aige ann an nàdar. Bhiodh e a’ cur lusan is craobhan, a
bhuineadh do dhùthchannan eile, air an oighreachd aige fhèin. Às an leas a
chuir e air dòigh air cladach Loch Iù, timcheall air taigh mòr na
h-oighreachd aige, dh’èirich Leas Inbhir Iù, a tha ainmeil air feadh an
t-saoghail. Tha an leas fo stiùir Urras Nàiseanta na h-Alba an-diugh.
Am measg nan craobhan as fheàrr leam anns an leas, thaEucalyptus coccifera. Ann am Beurla, ’s e Tasmanian Snow Gum a chanas daoine rithe, agus bha mi gu math
eòlach oirre nuair a bha mi a’ fuireach ann an Tasmania. An sin, tha iad
rin lorg air mullaichean nam beann far am bi reothadh is sneachd ann tric
gu leòr anns a’ gheamhradh. Ann an Inbhir Iù, tha na craobhan air leth mòr
agus fallain – agus carson nach bitheadh? Ged a tha Alba
nas fhuaire na Tasmania, tha na craobhan ann an Inbhir Iù a’ fàs ri taobh
a’ chladaich, seach air mullaichean bheann.
Ge-tà, chan eil mi airson innse dhuibh mu chraobhan à Tasmania, ach mu aon
chraobh shònraichte a bhuineas do thìr-mòr Astràilia, agus a tha a’ fàs gu
soirbheachail ann an Leas Inbhir Iù. Chunnaic mi an-uiridh i nuair a bha mi
anns an leas, agus thug i toileachas mòr dhomh.
’S e sin an Giuthas Wollemi, craobh air leth sean a tha ri lorg gu
nàdarrach a-mhàin ann am pàirc nàiseanta ceud gu leth cilemeatair à Sydney.
Chan eil ach trì doireachan dhiubh ann am bith, agus tha iad uile ann an
glòman domhainn ann an àite air leth garbh. ’S ann dìreach ann an naoi ceud
deug, naochad ’s a ceithir (1994) a chaidh na craobhan a lorg. Roimhe sin,
bha luchd-saidheans eòlach orra a-mhàin mar fosailean, a bha cho sean ri dà
cheud millean bliadhna.
’S e fear Daibhidh Noble a lorg iad. Air sgàth sin, chaidh a’ chraobh
ainmeachadh mar Wollemia nobilis. Tha Wollemia a’ tighinn
bho ainm na pàirce nàiseanta agus nobilis à Noble, ged a tha e
cuideachd a’ ciallachadh ‘uasal’ ann an Laideann. Agus, gu dearbh, tha sin
iomchaidh. Tha wollemi na fhacal a bhuineas do na tùsanaich. Tha e
a’ ciallachadh, a rèir choltais, ‘thoir an aire, cùm do shùil a-mach’.
Chan e giuthas ceart a th’ anns a’ Ghiuthas Wollemi. Tha e nas dlùithe ann
an càirdeas ris na monkey puzzles is craobhan dhen t-seòrsa sin.
Tha e sìor-uaine, le duilleagan mòra leathann an coimeas ris a’ Ghiuthas
Albannach. Ruigidh a’ chraobh ceathrad meatair ann an àirde.
Tha mi toilichte gu bheil an Giuthas Wollemi a’ fàs ann an Inbhir Iù – an
t-àite as fhaide tuath san t-saoghal anns a bheil e. Tha e a’ ciallachadh,
ma thachras dad dhaibh ann an Astràilia, gu bheil an gnè fhèin sàbhailte,
beò ann an àite eile. Agus am-bliadhna, bha fìor chunnart ann gum falbhadh
na craobhan nàdarrach mu dheireadh anns na teintean-coille uabhasach ann an
Astràilia. Chuir seirbheis na pàirce nàiseanta sgioba shònraichte ann le
heileacoptair. Agus, gu fortanach, chaidh aca air na doireachan, anns a
bheil an Giuthas Wollemi a’ fàs, a shàbhaladh. Mo bheannachd orra.