Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mu Loch an Iasgair faisg
air an Fhionn Loch, agus mar a tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘loch na
h-iolair-uisge’. Anns an leabhar aige A Hundred Years in the Highlands, tha Osgood MacCoinnich ag innse
dhuinn cuideachd mu iolair eile anns an sgìre aig an àm sin – an
iolair-mhara.
Bha eilean anns an Fhionn Loch air an robh Eilean na h-Iolaire. B’ e sin an
t-ainm a bh’ air gu h-ionadail, co-dhiù, oir chan eil e air mapaichean na
Suirbhidh Òrdanais. Ged a bha craobhan beaga san eilean, ʼs ann air mullach
creige a bha na h-iolairean-mara a’ neadachadh. Ge-tà, cho luath ʼs a chuir
Osgood is a chàirdean bàta beag anns an loch airson iasgach, cha robh an
nead sàbhailte tuilleadh. Bhiodh daoine a’ falbh a ghoid nan uighean às an
nead.
Air sgàth sin, dh’fhalbh na h-iolairean-mara, agus thog iad nead ùr gu
h-àrd anns na beanntan – air sgòr air Beinn Àirigh a’ Charr deas air an
Fhionn Loch. Bhiodh na h-eòin, ʼs cinnteach, dhen bheachd gun robh iad
sàbhailte an sin. Ach cha do thuig iad cho dealasach ʼs a bha Osgood
MacCoinnich is feadhainn eile mar mhèirlich uighean. Tha e doirbh an
cunntas aige a leughadh, no a thoirt seachad dhuibh, gun a bhith a’ fàs
feargach, ach nì mi mo dhìcheall!
Seo agaibh m’ eadar-theangachadh air an earrainn dhen
leabhar anns a bheil MacCoinnich a’ dèanamh tuairisgeul dhen ghnothach.
‘Nuair nach robh mi ach seachd no ochd bliadhna a dh’aois, bha mi
mu-thràth an sàs ann an goid uighean, agus bha mi miannach air
feadhainn aig an iolair-mhara, a bha riamh gann anns an sgìre seo, ged
a bha na h-iolairean-buidhe pailt. Cha robh mi eòlach air ach aon
àite-neadachaidh eile aig an iolair-mhara air a’ chosta seo, far an
robh iad a’ neadachadh air creag os cionn na mara gu o chionn ghoirid.
Cha tug mi fois gu mo mhàthair gus an robh i air turas a chur air dòigh
don nead; bha e dìreach thairis air crìoch ar n-oighreachd ach, le cead
bho ar nàbaidh, chaidh sinn ann air muin-eich, le sreapadair comasach
agus ròpan nar cois.’
Tha an cunntas a’ leantainn, agus MacCoinnich is a chompanaich a’ ruigsinn
an lic air an robh an nead. Ach cha deach an gnothach leotha. Bha na
h-uighean air an goid mu-thràth. An latha roimhe, bha an cìobair air an
oighreachd, air an robh an nead, air a dhol ann. Thug e na h-uighean leis
airson reic, oir bha e air cluinntinn gun robh luach annta. ʼS e Jock
Beatie an t-ainm a bh’ air an duine, agus bhuineadh e do cheann a deas na
h-Alba. Tha Osgood ag innse dhuinn gun robh gràin aige fhèin air a’
chìobair air sàillibh na mèirle.
Ge-tà, bhuineadh Osgood do na h-uaislean, agus bha airgead aige. Thug e
airgead gu Mgr Beatie agus thug an cìobair na h-uighean seachad. Chaidh
MacCoinnich dhachaigh leis na h-uighean mòra, bàna, agus toileachas na
chridhe. Ma tha sibh a’ coimhead airson faclan aithreachais aige mun sgrios
a rinn e, bidh sibh air siubhal gun siùcar. Cha b’ fhada gus an deach an
iolair-mhara à bith ann an Alba. Coltach ris an iolair-uisge, ge-tà, tha i
air tilleadh a dh’Alba, agus chithear anns an sgìre sin a-rithist i.