Bheir mi an sgeulachd Clach an Fhithich gu crìch an t-seachdain
seo. Bidh cuimhne agaibh gur e clach dhraoidheil a bh’ ann an Clach an
Fhithich. Nam biodh i ann am beul cuideigin, bhiodh an neach sin
do-fhaicsinneach. Airson a bhith faicsinneach a-rithist, bhiodh an neach a’
cur na cloiche na phòcaid.
Nochd a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich ann am Baile na Creige aig ceann feachd
de leth-cheud duine, agus iad uile armaichte. Bha i ag iarraidh Eilidh a
thoirt air ais dhachaigh leatha. Bha Eilidh a’ suirghe le Iain Bàn à Baile
na Creige.
Ach dhiùlt Eilidh a dhol còmhla ri a h-antaidh. Thug a’ bhean-uasal seachad
òrdugh do na daoine aice ionnsaigh a thoirt air an taigh anns an robh
Eilidh am falach. Bha cath fuilteach ann.
Thug Iain Clach an Fhithich gu Eilidh. Thog e a bhogha ʼs a shaighdean agus
rinn e strì an aghaidh muinntir Dhùn Neachdain. Chaidh a mharbhadh, ge-tà.
Fhad ʼs a bha e a’ bàsachadh, thàinig Eilidh thuige. ‘Shluig mi a’ chlach
le mearachd,’ dh’aidich i.
‘Obh obh,’ ars Iain Bàn. ‘Chan fhaicear tuilleadh thu, oir
bidh thu do-fhaicsinneach a-chaoidh. ʼS dòcha gu bheil sin math dhomh oir
chan fhaic fear eile d’ aghaidh bhrèagha. Tha mi a’ bàsachadh agus ʼs e m’
iarrtas mu dheireadh a bhith air mo thiodhlacadh anns a’ choille far an do
choinnich sinn ri chèile a’ chiad turas.’ Le sin, thug e suas an deò.
Thog Eilidh bogha Iain agus a shaighdean, agus thòisich i air fir a h-antaidh a mharbhadh. Leis gun robh i
do-fhaicsinneach, cha robh fios aca cò às a bha na saighdean a’ tighinn.
Cha d’ fhuair às lem beatha ach a’ Bhean-uasal fhèin agus dithis fhear.
Air an oidhche sin, thugadh an dust aig Iain don choille, agus chaidh a
thiodhlacadh. Cha robh an làthair ach athair Iain, agus a bhràthair-chèile,
Calum. Uill, chan eil sin buileach fìor. Bha Eilidh an làthair cuideachd,
a’ cumail sùil air a h-uile càil. Ach chan fhaca duine eile i.
Thug athair Iain a bhonaid dheth agus dh’fhàg e beannachd aig a’ ghille
aige. ‘Fois sìorraidh aig d’ anam,’ thuirt e.
An uair sin, chuala an dithis fhear glaodh eile. Guth boireann. Guth
Eilidh. ‘Fuirich, Iain, a ghràidh, tha mi a’ dol a laighe còmhla riut ann
an sìorraidheachd. Bha fuaim ann coltach ri corp a’ tuiteam gu uaigh, agus
chunnaic Calum biodag le fuil oirre air an talamh aig a chasan.
Bha an dithis fhear air an uabhasachadh. ‘Bha fhios agam,’ ars am bodach,
‘gun tigeadh fulangas nam biodh Clach an Fhithich air a cur gu feum le
droch rùn. Chaidh Iain a mharbhadh nuair a shluig Eilidh a’ chlach. Agus
mharbh ise cuid de a muinntir fhèin, agus a’ chlach na broinn.’
Lìon an dithis fhear an uaigh ach cha do chuir iad comharra sam bith ann a
dh’innseadh do dhuine eile far an robh i. Agus, chun an latha an-diugh,
chan eil fios aig duine càite dìreach a bheil an uaigh aig Iain Bàn agus
Eilidh. Ach, tha iad ag ràdh, bho àm gu àm air feasgar samhraidh anns a’
choille faisg air seann Bhaile na Creige, gun cluinnear guth boireannaich,
agus i a’ caoineadh gu goirt mu chall an duine aice.