FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clach an Fhithich (3)

Bha mi ag aithris na sgeulachd Clach an Fhithich. Dh’inns athair Iain Bhàin dha mu dhraoidheachd na cloiche.

Audio is playing in pop-over.

Clach an Fhithich (3)

Bha mi ag aithris na sgeulachd Clach an Fhithich. Dh’inns athair Iain Bhàin dha mu dhraoidheachd na cloiche. Lorg iad nead fithich air creag. Ghoid iad na h-uighean bhon nead. Rinn iad teine le fraoch tioram, agus ghoil iad na h-uighean. Dh’fhuirich iad ann an sealladh an nid fad an t-siubhail. Thill na fithich. Bha fios aca gun robh na h-uighean millte, agus dh’fhalbh iad a-rithist.

An dèidh trì latha, thill na fithich. Bha clach bheag – èiteag – aig a’ choileach. Shuath e na h-uighean leis a’ chloich. Nuair a bha iad a-mach às an nead a-rithist, chaidh Iain ann. Thog e a’ chlach agus thug e leis i. Nuair a bha e air ais air talamh rèidh, dh’fheuch e draoidheachd na cloiche. Chuir e na bheul i, agus chaidh e à fianais. Bha e do-fhaicsinneach. Nuair a chuir e a’ chlach na phòcaid bha e faicsinneach a-rithist.

Bha fios aig dìreach ceathrar gun robh Clach an Fhithich aig Iain. B’ iad sin Iain, athair, a phiuthar, Màiri, agus a bhràthair-chèile, Calum. Dh’aontaich iad an gnothach a chumail dìomhair oir bha a’ chlach cho cumhachdach. ‘Bhiodh e math a’ chlach a bhith aig duine air blàr-catha,’ thuirt Iain. ‘Dh’fhaodadh e sgrios a dhèanamh air a nàimhdean, agus cha bhiodh fios aca gun robh e ann.’

‘Ist,’ thuirt athair. ‘Chan fhaodar a’ chlach a chur gu feum le droch rùn. ʼS ann airson deagh rudan a-mhàin a dh’fheumas tu a cur gu feum. Am fear a chleachdas i airson droch-dhìol no ainneart, bidh e a’ fulang gu dubh.’

Dh’fhalbh Iain a-null a Dhùn Neachdain agus chuir e Clach an Fhithich na bheul. Chan fhaca duine e nuair a chaidh e a-steach a dh’ubhal-ghort ri taobh a’ chaisteil. Chunnaic Iain Eilidh agus a h-antaidh, a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich. Bha dà chù mhòr aca. Bha na coin a’ gabhail dragh oir bha iad a’ faighinn fàileadh de shrainnsear. Ach bha Iain do-fhaicsinneach.

Mu dheireadh, dh’fhalbh a’ Bhean-uasal a-steach leis na coin. Bha Eilidh leatha fhèin. Chaidh Iain air cùl craoibhe, agus chuir e a’ chlach air ais na phòcaid. Sheas e a-mach bhon chraoibh agus ghabh Eilidh iongnadh. Cha robh fios aice gun robh e air a bhith do-fhaicsinneach mionaid roimhe. ‘Iain, a ghràidh!’ thuirt i. ‘Dè fon ghrèin?!’ Bha i cho sona ris an rìgh a leannan fhaicinn.

‘Tha m’ athair air dearbhadh gun dìon e thu ma thig thu a dh’fhuireach againn,’ thuirt Iain. Bha Eilidh gu math mì-thoilichte ann an Dùn Neachdain, agus dh’aontaich i teicheadh còmhla ri Iain. Chaidh iad tarsainn na h-aibhne aig an àth, agus ràinig iad Baile na Creige aig àm dol-fodha na grèine.

Bha dragh air a h-uile duine an sin nach robh an gobha, Donnchadh na Dà Òrdaig, air tilleadh dhachaigh an dèidh dha a bhith ann an Dùn Neachdain. ‘Dè thachair dha?’ dh’fhaighnich iad.

‘Chaidh a mhurt,’ thuirt Eilidh.

‘Carson?’ dh’fhaighnich athair Iain.

‘Chaidh a lorg, agus e a’ lìbhrigeadh litir dhomh bho Iain,’ thuirt Eilidh.

‘Tha sin uabhasach,’ ars am bodach. ‘Pàighidh a’ Bhean-uasal Nic an Tòisich airson sin.’

‘Chan e m’ antaidh a dh’òrdaich a bhàs,’ thuirt Eilidh, ‘ach am freiceadan. Ach, innsidh mi seo dhuibh – chan fhada gus an nochd i fhèin is feachd armaichte an seo airson mo thoirt dhachaigh.’

Agus bheir mi an stòiridh gu crìch an-ath-sheachdain.

Litir 1074 Litir 1074 Litir 1076 Litir 1076

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!