Ann an Alba, tha sinn a’ fuireach ann an tè de na dùthchannan as gaothaiche
anns an Roinn Eòrpa. Tha sin nar fàbhar oir tha e a’ leigeil leinn cumhachd
an dealain a chruthachadh ann am pailteas, le crainn-ghaoithe an dà chuid
air tìr agus far nan cladaichean aig muir.
Chan eil e na iongnadh, ma-thà, gu bheil seanfhaclan gu leòr againn
co-cheangailte ris a’ ghaoith. Tòisicheamaid le fear a tha car fàbharach: Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin. A
bheil sibh ga thuigsinn? Às bith dè an àird às an tig a’
ghaoth, gheibh cuideigin buannachd aiste – sin mura h-eil i ro làidir. Ach
tuigidh sibh, gu bheil e cuideachd a’ buntainn ri staid mac an duine. Às bith dè cho dona ʼs a tha suidheachadh do chuid, bidh
feadhainn a’ faighinn buannachd às. Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin.
Tha uiread de dhualchas co-cheangailte ri ro-innse na h-aimsir ann an
saoghal nan Gàidheal, ’s gu bheil facal sònraichte againn airson neach a
dh’innseas mar a bhios an t-sìde a rèir na chì iad anns an adhar – màirnealach.
Seo agaibh abairtean eile co-cheangailte ris a’ ghaoith, agus gu sònraichte
àird na gaoithe a rèir na combaist. Gaoth an iar an dèidh uisge reamhar. An dèidh uisge trom a bhith
ann, gu math tric bidh a’ ghaoth a’ tighinn on àird an iar.
Gaoth an iar gun fhras, bidh i ag iarraidh gu deas.
Ma tha i tioram on àird an iar, bidh a’ ghaoth gu tric a’ dol tuathal, a’
gluasad an aghaidh gluasad na grèine. Tha dà abairt eile mu ghluasad na
gaoithe. A’ ghaoth ag atharrachadh leis a’ ghrèin. Nuair a bhios
a’ ghaoth ag atharrachadh gu deiseil, ’s e comharra de dh’aimsir a tha a’
fàs nas fheàrr. Calg-dhìreach an aghaidh sin tha A’ ghaoth ag atharrachadh an aghaidh na grèine. Tha sin na
chomharra de dh’aimsir a tha a’ dol am miosad. Tha na dhà mu dheireadh ’s
dòcha a’ buntainn ri gluasad deiseil is tuathal na gaoithe ann an siostaman
bruthadh-àrd is bruthadh-ìosal anns an Leth-chruinne mu Thuath.
Dè a’ ghaoth as lugha air muinntir na h-Alba a bhios ri obair no
cur-seachadan a-muigh? Tha sin follaiseach, gu h-àraidh aig an àm seo dhen
bhliadhna, nach eil? A’ ghaoth tuath. Tha i cianail fhèin fuar.
Ach bha ar sinnsirean a’ mothachadh rud no dhà mun ghaoith sin nach robh
buileach cho dona. Mar eisimpleir – ’S i a’ ghaoth tuath a sgaoileas ceò. ’S i a’ ghaoth tuath a
sgaoileas ceò. Agus Gaoth tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan. Gaoth
tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan.
Agus seo agaibh rann snog a bheir comhairle do luchd-siubhail air
bàtaichean-aiseig an taoibh an iar. Tha e a-mach air na làithean as fheàrr
airson a bhith a’ seòladh, a rèir àird na gaoithe agus cho fada ’s a tha i
air a bhith a’ sèideadh:
A’ chiad latha dhen ghaoith a deas,
An treas latha dhen ghaoith a tuath,
An dàrna latha dhen ghaoith an iar
’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair
Ma tha sibh am beachd tiogaid aiseig a cheannach aig a’ mhionaid mu
dheireadh, ’s dòcha gum bi a’ chomhairle sin gu math feumail dhuibh!