Bha mi ag innse dhuibh mun mhallachd a bh’ air Muileann Bheannchair ann am
Bàideanach. Bha muinntir Ghleann Bheannchair agus Bhail’ Ùr an t-Slèibh a’
cleachdadh a’ mhuilinn. Chaidh buidheann dhiubh gu taigh na bana-bhuidsich
airson bruidhinn rithe. Dh’iarr iad oirre a mallachd a thogail gus am biodh
comas aig daoine a bhith ag obrachadh a’ mhuilinn.
Dh’aontaich a’ bhana-bhuidseach sin a dhèanamh ach a-mhàin air Latha Fèill
Brìde. Air an latha sin gach bliadhna, duine sam bith a bhiodh ag obair sa
mhuileann, bhiodh e a’ fulang gu dubh.
Air sàillibh sin, cha do rinn muillear Ghleann Bheannchair obair sam bith
air Latha Fèill Brìde. Sin mar a bha airson greis mhòr. Ach thàinig
muillear ùr, agus bha esan dhen bheachd nach robh anns a’ ghnothach ach
saobh-chràbhadh gun bhrìgh. Dh’inns e do mhuinntir a’ ghlinne gum biodh am
muileann fosgailte, agus ag obair, air Latha Fèill Brìde.
Thàinig an latha sin, agus cha do nochd aon duine aig a’ mhuileann. Ach bha
arbhar aig a’ mhuillear fhèin agus chuir e sin tron mhuileann. Fhad ʼs a
bha na clachan-brà a’ tionndadh, bha fuaim uabhasach mar dhìosgan a’ tighinn bhuapa. Nuair a
thug am muillear sùil air a’ mhin, fhuair e a-mach gun robh i measgaichte
le gainmheach, agus gun fheum sam bith mar bhiadh do dhuine no beathach.
Nuair a thug e sùil air na clachan-brà, lorg e tè a bha sgàinte. Chuir e an
tè sin am falach agus chuir e tè ùr na h-àite. Dh’inns e do mhuinntir
Ghleann Bheannchair gun robh am muileann ag obair ceart gu leòr, a
dh’aindeoin ʼs gun robh e air a bhith a’ dol Latha Fèill Brìde.
Ge-tà, nuair a thàinig daoine eile le arbhar, cha b’ urrainn don mhuillear
am muileann a chur air dol. Agus bha an sìol-lann – far an robh gràn air a
stòradh – làn radan. Dh’ith na radain an gràn air fad. Dh’fhalbh am
muillear mus robh a’ bhliadhna seachad. Ach loisg am muileann ùr aige gu
làr, agus chaochail am muillear ann am bochdainn.
An ceann ùine, thàinig muillear ùr a Mhuileann Bheannchair. Bha uchd-mhac
aige a bhuineadh don luchd-siubhail. Ruith an dithis am muileann airson
grunn bhliadhnaichean, ga chumail dùinte air Latha Fèill Brìde. Cha robh
duilgheadas sam bith aca.
Nuair a chaochail an duine seo, agus nuair a thàinig fear eile na àite, cha
b’ urrainn dha am muileann a chur air dol. Chuir e fios don uchd-mhac aig
an t-seann mhuillear. Dh’iarr e taic air airson am muileann a chur air dol.
Dh’aontaich an gille a chuideachadh ach bha e airson a bhith leis fhèin
anns a’ mhuileann. Bha pìos fiodha sònraichte aige am falach anns a’
mhuileann. Le bhith a’ cleachdadh sin ann an dòigh dhìomhair, cha b’ fhada
gus an robh am muileann ag obair a-rithist.
Dhiùlt an gille an rùn-dìomhair aige innse do dhuine sam bith eile. Cha
robh roghainn aig muinntir an àite ach e fhèin fhastadh mar mhuillear. Ach,
ged a bha am muileann ag obair, cha robh an gille math mar mhuillear, agus
dhùin am muileann. Chan eil ann am Muileann Bheannchair a-nise ach tobhta.
Ach tha cuimhne fhathast aig muinntir Bhail’ Ùr an t-Slèibh air mar a
bhiodh na seann daoine a’ diùltadh am muileann obrachadh air Latha Fèill
Brìde.