Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Eilean Mhàrtainn, faisg
air Ullapul ann an taobh siar Rois. Am measg nan gnìomhachasan anns an
eilean, bha cuaraidh às an robhar a’ faighinn clach – clach-ghainmhich.
Aig deireadh na Litreach mu dheireadh, chuir mi ceist oirbh. Dè an dà
thogalach ainmeil ann an Steòrnabhagh anns a bheil clach à cuaraidh ann an
Eilean Mhàrtainn a’ còmhdachadh nam ballachan? Uill, ʼs e am fuasgladh –
Talla a’ Bhaile agus eaglais ann am meadhan a’ bhaile – Eaglais a’
Mhàrtainnich – Martin’s Memorial Church.
Tha mi a’ tuigsinn gur e as coireach gun do chleachd iad clach à Eilean
Mhàrtainn gun robh e na b’ fhasa a h-obrachadh, seach a’ chlach ann an
Leòdhas fhèin, a tha cianail cruaidh. An e sin as coireach gur e Martin’s Memorial Church a th’ air an eaglais mar ainm? Gun tàinig
a’ chlach à ‘Isle Martin’? Uill, chan e. Chaidh an eaglais ainmeachadh
airson a’ chiad mhinisteir aca, an t-Urramach Dòmhnall Iain Màrtainn.
Bha mi cuideachd ag innse dhuibh gun robhar a’ giollachd sgadain ann an dà
dhòigh air Eilean Mhàrtainn. Bha iad a’ cur feadhainn ann an salann no
mear-shal. B’ iad sin na sgadain bhàna no white herring. Feadhainn
eile, bha iad gan smocadh le toit à teine anns an robhar a’ cur shliseagan
daraich. B’ iad sin na sgadain dearga no red herring. Ach bha iad na bu duirche na smokie à taobh
an ear na h-Alba. Bidh smokies air an smocadh airson grunn uairean
a thìde. Ach bidh sgadain dearga air an smocadh airson làithean no
seachdainean. Mu dheireadh, bidh iad a’ tionndadh dearg.
Thug sin orm a bhith a’ beachdachadh air an abairt ann am Beurla – ‘red herring’. Canaidh daoine ‘red herring’ nuair a tha
iad a’ leantainn rathad smaoineachaidh a tha gan toirt gu ceann-uidhe ceàrr
no fuadan. Cha robh mi cinnteach an robh ceangal sam bith ann eadar na
sgadain smocte agus ‘red herring’.
A rèir choltais, tha. Tha fàileadh làidir air sgadan dearg. Agus thathar a’
cumail a-mach gun do chleachd sgrìobhadair Sasannach ‘sgadan dearg’ ann an
sgeulachd a sgrìobh e aig toiseach an naoidheamh linn deug. Bha cuideigin
ag iarraidh nach biodh coin a’ leantainn le bhith an tòir air geàrr. Dhragh
e sgadan dearg sìos rathad eile tron fheur, agus chaidh na coin an rathad
sin. Nuair a ràinig iad an ceann-uidhe, cha robh sgeul air a’ gheàrr. Cha
robh ann ach sgadan dearg. No red herring.
Tha grunn abairtean againn co-cheangailte ris an sgadan. Mar eisimpleir:beag air bheag, mar a dh’itheas an cat an sgadan. Little by little, as the cat eats the herring. Beag air bheag, mar
a dh’itheas an cat an sgadan.
An cuala sibh riamh an abairt tàrr an sgadain ʼs earball a’ bhràdain? ʼS iad sin na h-earrannan
as blasta dhen dà iasg sin.
The lower belly of the herring and the tail of the salmon. Tàrr an
sgadain ʼs earball a’ bhràdain.
Cha robh na Gàidheil riamh measail air ceann an sgadain mar bhiadh. Chanadh
iad
ceann cnòdain, ʼs ceann sgadain, ʼs ceann goibhr’ air dhroch fheannadh
– tri cinn nach fhiach ithe.
Tha mi làn chinnteach gun robh iad ceart!