O chionn ghoirid, chaidh mi a-null a dh’Eilean Mhàrtainn airson a’ chiad
turais riamh. A bheil sibh eòlach air Eilean Mhàrtainn? No Isle Martin, mar a chanar ris ann am Beurla. Tha e aig beul Loch
a’ Bhraoin ann an taobh siar Rois, beagan mhìltean gu tuath air Ullapul.
Bidh cuid ga ghabhail a-steach anns a’ chròileagan eileanan ris an canar
‘Na h-Eileanan Samhraidh’. Ach, leis an fhìrinn innse, tha Eilean Mhàrtainn
pìos beag air falbh bho na h-Eileanan Samhraidh mar a tha cuid gan
aithneachadh.
ʼS e eilean beag a th’ ann, timcheall air mìle ann am fad agus leud. Tha an
ceann a tuath creagach agus garbh. ʼS ann sa cheann a deas, far a bheil beagan talamh torrach, a bha an sluagh a’ fuireach – aig
aon àm. Chan eil duine a’ fuireach anns an eilean an-diugh.
Chaidh mise a-null ann am bàta, a th’ air a ruith le Urras Eilein
Mhàrtainn. ʼS ann an làmhan an urrais – urras coimhearsnachd – a tha an
t-eilean an-diugh.
Mu choinneimh an eilein, air tìr-mòr, tha baile beag ris an canar Àird
Mhèara. ʼS ann às a sin a bhios am bàta a’ falbh. Aig àm an làin, tha an
caolas a’ coimhead car mòr, ach tha saothair a’ stobadh a-mach gu muir a
dh’ionnsaigh Eilein Mhàrtainn. Aig ìsle-mhara, chan eil an caolas ach beag.
ʼS e Àird na h-Èighe a chanas daoine ris a’ ghob-rubha, oir bhiodh daoine
ag èigheachd a-null don eilean airson bàt’-aiseig anns an t-seann aimsir.
Bhiodh corra duine, ge-tà, a’ snàmh a-null don eilean. A rèir aithris, bha
aon duine, a bha ag obair anns a’ mhuileann san eilean anns na ceathradan,
ach a bha a’ fuireach air tìr-mòr, a’ snàmh a-null ʼs a-nall gach latha.
Chan eil fios le cinnt cò am Màrtainn anns an ainm. ʼS dòcha Naomh Màrtainn
à Tours. Tha fìor sheann chrois ann an cladh an eilein – seòrsa a bha ʼs
dòcha ceangailte ris an Eaglais Cheiltich uaireigin, ach tha cumadh na
croise car annasach.
Anns an ochdamh linn deug, bha iasgaich an sgadain mòr anns an sgìre.
Chaidh taigh-giollachd a leasachadh ann an Eilean Mhàrtainn. Bhathar a’
dèanamh dà sheòrsa sgadain ann – sgadain bhàna a bh’ air an cur amh ann an
salann, agus sgadain dearga a bh’ air an smocadh anns an eilean.
Tro bhliadhnaichean an Dàrna Cogaidh, bha muileann stèidhichte ann, far an
robh a’ dèanamh min-fhlùr. Bha a’ chuid a bu mhotha dhen luchd-obrach a’
fuireach air tìr-mòr. Chaidh am muileann a dhùnadh ann an naoi ceud deug,
ceathrad ʼs a h-ochd (1948).
Bho na seasgadan dhen fhicheadamh linn (1960s) a-mach, tha Eilean Mhàrtainn
air a bhith ann an làmhan uachdaran prìobhaideach agus – cuideachd – Comann
Rìoghail Dìon nan Eun, an RSPB. Thug an RSPB seachad e don urras –
an-asgaidh – o chionn fichead bliadhna.
Ach chan eil muinntir an eilein uile gu lèir air an dìochuimhneachadh ann.
Faodar ionnsachadh ann an taigh-tasgaidh beag mu na teaghlaichean a bha a’
fuireach ann.
Mus fhalbh mi, tha mi airson ceist a chur oirbh. Dè an dà thogalach ainmeil
ann an Steòrnabhagh anns a bheil clachan à cuaraidh ann an Eilean Mhàrtainn
a’ còmhdachadh nam ballachan? Bheir mi am fuasgladh dhuibh
an-ath-sheachdain!