FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Gàidheal – Bàrdachd

Mus fhàg mi duilleagan a’ phàipeir-naidheachd An Gàidheal, tha mi airson beagan bàrdachd às a’ phàipear a thoirt dhuibh.

Audio is playing in pop-over.

An Gàidheal – Bàrdachd

Mus fhàg mi duilleagan a’ phàipeir-naidheachd An Gàidheal, tha mi airson beagan bàrdachd às a’ phàipear a thoirt dhuibh. Tha an dàn seo uabhasach fada. Mar sin, cha toir mi ach beagan dheth dhuibh. Tha e mu dheidhinn an easa as motha, agus as drùidhtiche, ann an Ameireagaidh a Tuath – Eas Niagara. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh:

A Thì mhòir a chruthaich na Dùilean,

ʼS a shocraich an Cruinne,

Led ghàirdean cumhachdach, neartmhor,

Air a’ bhunait;

ʼS glòrmhor an obair a rinn thu,

Niagara ainmeil,

An t-Eas mòr a rinn thu chumadh,

Anns an t-seann aimsir

Chan eil fhios a’m am faca sibh fhèin eas mòr mòr mar Niagara, no Eas Bhictoria ann an Afraga, ach tha dà rud gu sònraichte iongantach mun deidhinn. ʼS e a’ chiad rud an ceò a bhios ag èirigh asta, a tha coltach ri toit, agus cuideachd mar a thig braon ort nuair a tha thu ro fhaisg. Braon? Drizzle. Facal feumail dha-rìribh ann an Alba!

Nuair a shealladh tu fad air astar,

Air an iongnadh,

ʼS e theireadh tu gur bàta-toite

A bh’ ann le smùidrich;

Ach, nuair thigeadh tu am fagas dha

Ghabhail do bheachd air,

Trom-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal

Le braonaibh dealt thu.

Agus tha rud sònraichte eile mu easan mòra – ʼs e sin am fuaim a tha iad a’ dèanamh. Cluinnidh sibh am fuaim – beucaich an easa – air astar mòr bho na h-uisgeachan fhèin. Tha am bàrd, nach eil ainmichte, a’ sgrìobhadh seo:

Cluinnidh tu thorman seachd mìle

Uaith air astar;

Mar thàirn’each anns na speuraibh

Ri beucaich neartmhor.

ʼS nuair bhiodh tu nad sheasamh làimh ris,

B’ amhlaidh thartar,

ʼS mìle carbad air cabhsair,

Nan deann a’ dol seachad.

Chan ann a-mhàin às Aimeireagaidh a Tuath no Alba a bha na naidheachdan is sgrìobhaidhean air duilleagan a’ Ghàidheil. Bha sgrìobhadairean is leughadairean aca ann an Astràilia cuideachd. Ann an aon iris, tha litir bho chuideigin air a bheil ‘D.B.’ ann am MacArtair, sgìre a tha faisg air na Beanntan Gorma, siar air Sydney. Chaidh a sgrìobhadh air a’ cheathramh latha deug de Chiad Mhìos an Fhoghair, ochd ceud deug, seachdad ʼs a h-aon (1871).

A bheil sibh a’ tuigsinn ‘Ciad Mhìos an Fhoghair’ – the first month of autumn. An-diugh, canaidh sinn ‘An Lùnastal’ ris, ach b’ e Ciad Mhìos an Fhoghair an seann riochd Gàidhlig air August.

Tha sgrìobhadair na litreach ag innse don luchd-leughaidh gun robh tòrr Ghàidheal ann an Astràilia. ‘Chan eil baile as fhiach ainmeachadh nach eil comunn Gàidhealach stèidhichte ann,’ tha e a’ sgrìobhadh. Tha e cuideachd ag aithris gun robh ‘connsachadh’ ann eadar Gàidheil is Goill ann an Hamalton, ann am Bhictoria. Bha ministear dà-chànanach aca, a bhiodh a’ searmonachadh ann an Gàidhlig agus Beurla. Chaochail e, agus thàinig ministear gun Ghàidhlig na àite.

Cha robh na Gàidheil toilichte mu dheidhinn sin, agus dh’fhàg iad an eaglais, airson tè aca fhèin a chur air dòigh anns am faodadh iad ministear ùr le Gàidhlig à Alba a bhith aca.

Litir 1061 Litir 1061 Litir 1063 Litir 1063

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!