FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Gàidheal – Lèirmheas

An t-seachdain sa chaidh, thug mi dhuibh tòimhseachain a nochd ann an clò anns a’ Ghàidheal anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug.

Audio is playing in pop-over.

An Gàidheal – Lèirmheas

An t-seachdain sa chaidh, thug mi dhuibh tòimhseachain a nochd ann an clò anns a’ Ghàidheal anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Bha mo shròn anns an dearbh phàipear-naidheachd an t-seachdain seo, agus mhothaich mi lèirmheas de leabhar a bha inntinneach. Bha an leabhar air a sgrìobhadh le James Erasmus Phillips, agus air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Eobhan MacColla.

Sgrìobh Seumas Erasmus Phillips dà leabhar le tiotal inntinneach agus a tha iad car a’ dol còmhla. A’ chiad fhear – Seven Common Faults: Grumbling, Temper, Thoughtlessness, Selfishness, Over-Anxiety, Indolence and Self-will . Agus an dàrna fear – Things Rarely Met With: Patience, Unworldliness, Resignation, Meekness, Humility, the Love of Enemies . Agus saoil cò am fear dhiubh a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig? Seadh – na Seven Common Faults! Faodaidh sibh ur beachd fhèin a thoirt air sin!

Agus an tiotal air an leabhar ann an Gàidhlig? Seven Common FaultsSeachd Coireachan a Ta Cumanta. Grumbling – Gearan. Temper – Droch Nàdar. Thoughtlessness – Neo-shuimealachd. Selfishness – Fèin-chùiseachd.Over-Anxiety – Anbharr Iomagain. Indolence – Leisg. Agus Self-will – Fèin-thoil. B’ e an tiotal gu lèir – Seachd Coireachan a Ta Cumanta – Gearan, Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain, Leisg agus Fèin-thoil. Cha chreid mi gum biodh e a’ leum far nan sgeilpichean an-diugh!

Tuigidh sibh gun robh an t-ùghdar a’ cur air adhart modhan Crìosdachd mar dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh. Mu ‘Gearan’, tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain ann an teaghlach Crìosdail air bith.’

‘Cronaichibh ur clann air a shon,’ tha an t-ùghdar ag ràdh, ‘ ... agus nuair a tha cothrom freagarrach [ann], cronaichibh ur càirdean [airson a bhith a’ gearain]; oir, mar a tha Gnàth-fhacal Sholaimh ag ràdh – an tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin, gheibh e nas motha de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.’

Tha Seumas Erasmus Phillips a’ leantainn le tuilleadh air ‘Gearan’. ‘Tha nàdar gearanach,’ tha e ag ràdh, ‘fìor chronail don chaitheamh-beatha dhiadhaidh. Tha e a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh gràis. Tha e a’ toirt oirnn dìochuimhneachadh gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè. Tha gearan gar dèanamh mì-iomchaidh airson ùrnaigh.’

Tha e a’ moladh gun lean sinn eisimpleir Ìosa Chrìosda. ‘Tha fhios agaibh gur e ar Slànaighear Beannaichte ar n-eisimpleir anns an nì seo, cho math ri gach nì eile. Dh’fhuiling Esan ann an iomadh dòigh, agus ann an caochladh inbhe – seadh, ged bu tàireil, sgainnealach an gnàthachadh a fhuair E bitheanta, gidheadh aon uair cha tàinig gearan o bhilean Ìosa Chrìosda.’

Agus tha an t-ùghdar a’ toirt dhuinn rabhadh mu Leisg. ‘Bha na naoimh bho shean,’ tha e a’ sgrìobhadh, ‘ag èirigh gu moch ... B’ ann moch sa mhadainn a chunnaic Abram ... an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre bailtean a’ chòmhnaird ... B’ ann moch sa mhadainn a chuir Iacob suas an carragh cloiche air an do leig e a cheann rè na h-oidhche, chum gum biodh i na cuimhneachan taingealais air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a gheall Dia dha.’

Uill, sin agaibh Gearan agus Leisg. Tha fhios gum bi sibh fhèin gan seachnadh, cho math ri Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain agus Fèin-thoil!

Litir 1060 Litir 1060 Litir 1062 Litir 1062

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!