Halò a-rithist, a chàirdean. An toigh leibh tòimhseachain? Fhuair mi lorg
air feadhainn an latha eile ann an seann phàipear-naidheachd a chaidh
fhoillseachadh anns an naoidheamh linn deug – An Gàidheal. Gabhaidh e
leughadh air an eadar-lìon.
An toiseach, dà thòimhseachan a tha a’ cleas leis an fhacal ‘fada’. Seo
agaibh a’ chiad fhear: Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a
shon? A bheil sibh a’ tuigsinn slaodair? Cuideigin a tha leisg is
slaodach. Carson a tha leabaidh an t-slaodair ro ghoirid air a shon? A
chionn ʼs gu bheil e ro fhada innte. Bùm bùm, mar a thuirt am fear eile. Because he is too long in it. A chionn ʼs gu bheil e ro fhada
innte.
Seo agaibh tòimhseachan eile anns an aon iris dhen Ghàidheal: Cò an sluagh
as leisge, agus carson? Cò an sluagh as leisge, agus carson? ʼS e am
fuasgladh – An fheadhainn as àirde, oir bidh iad nas fhaide anns a’
leabaidh na càch!
Bha na seann Ghàidheil riamh measail air tòimhseachain, agus bhiodh e math
a leithid a chumail a dol anns an latha a th’ ann. Seo agaibh fear eile:
Carson a tha muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Carson a tha
muc anns an t-seòmar coltach ri taigh na theine? Mar as luaithe a chuireas
tu às i, ʼs ann as fheàrr. The quicker you put it out, the better.
Mar as luaithe a chuireas tu às i, ʼs ann as fheàrr.
Agus fear eile. Bha m’ athair nach maireann na fhiaclair. Mar sin, tha am
fear seo a’ còrdadh rium. Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing coltach
ri nì a chaidh air dìochuimhne? Carson a tha fiacail a chaidh a tharraing
coltach ri nì a chaidh air dìochuimhne? ʼS e am fuasgladh – dh’fhalbh e às
a’ cheann!
Agus aon fhear eile. ʼS dòcha nach bi seo cho furasta dhuibh, ach
smaoinichibh air cumadh a’ bhuntàta. Carson a tha deòir coltach ri buntàta?
Carson a tha deòir coltach ri buntàta? Tha iad a’ fàs às an t-sùil. Tha iad
a’ fàs às an t-sùil. Nì sin an gnothach airson tòimhseachain an-dràsta,
nach dèan?
Tha mi airson abairt no dhà innse dhuibh, a nochdas anns an aon iris dhen
Ghàidheal. Tha tòrr fìrinn anns na h-abairtean seo, agus tha iad brìghmhor.
Seo agaibh tè: Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas.
A small fire that warms a person is better than a big fire that burns
them.
Is fheàrr teine beag a gharas, na teine mòr a loisgeas.
Seo feadhainn eile:Is fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir. It’s better to have a thin baking than to be without bread. Is
fheàrr fuine thana na bhith gun aran idir.
Is duilich bùrn glan a thoirt à tobar salach. It’s hard to draw clean water from a dirty well. Is duilich bùrn
glan a thoirt à tobar salach.
Is beag a th’ eadar do ghal ʼs do ghàire. Little separates tears from laughter. Is beag a th’ eadar do ghal
ʼs do ghàire.
Agus seo agaibh smuain a tha a cheart cho fìor an-diugh ʼs a bha i riamh:
Is beò duine an dèidh a shàrach’, ach cha bheò e an dèidh a nàrach’
.