FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dòmhnall Bàn MacCruimein

Dh’ainmich mi Dòmhnall Bàn MacCruimein an t-seachdain sa chaidh nuair a bha mi a’ bruidhinn mu Ruaig na Mòighe. B’ esan an aon duine, a rèir aithris, a chaidh a mharbhadh anns an Ruaig.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Bàn MacCruimein

Dh’ainmich mi Dòmhnall Bàn MacCruimein an t-seachdain sa chaidh nuair a bha mi a’ bruidhinn mu Ruaig na Mòighe. B’ esan an aon duine, a rèir aithris, a chaidh a mharbhadh anns an Ruaig.

Bhuineadh Dòmhnall do chinneadh a tha ainmeil ann an eachdraidh na pìobaireachd. Bha Clann ’ic Cruimein nam pìobairean do chinn-chinnidh Clann ʼic Leòid Dhùn Bheagain. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa, bha Dòmhnall Bàn na phìobaire do cheann-cinnidh nan Leòdach. Bha a cheannard air taobh an riaghaltais. Mar sin, bha Dòmhnall Bàn gu tric air blàr catha an aghaidh nan Seumasach.

Dà latha ron Nollaig ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), chaill na Hanoibhèirianaich an aghaidh nan Seumasach ann am Blàr Inbhir Uaraidh ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh Dòmhnall Bàn a chur an grèim. Chaidh a leigeil mu sgaoil, ge-tà. Ged a bha e na nàmhaid, bha spèis mhòr aig na Gàidheil air pìobaireachd agus pìobairean. Thathar ag ràdh gun robh pìobairean nan Seumasach a’ diùltadh a bhith a’ seinn na pìoba, fhad ’s a bha Dòmhnall Bàn ann an grèim aca.

Ge-tà, cha robh Dòmhnall beò fada às dèidh sin. Ann am meadhan a’ Ghearrain, nas lugha na dà mhìos an dèidh Blàr Inbhir Uaraidh, bha e anns a’ Mhòigh, ri taobh ceann-cinnidh nan Leòdach. Chaidh peilear a losgadh anns an dorchadas le fear dhen chòignear a bha a’ dìon na Mòighe. Bhuail e Dòmhnall, agus thuit am pìobaire marbh. An uair sin, theich am mìle gu leth saighdear aig a’ Mhorair Loudon air ais a dh’Inbhir Nis. Shàbhail sin beatha Theàrlaich Òig Stiùbhairt.

A rèir beul-aithris, ’s e Dòmhnall Bàn a chruthaich a’ phìobaireachd – agus an t-òran – ainmeil Cumha MhicCruimein no Cha Till MacCruimein. Thathar ag ràdh gun robh an t-òran a’ dèanamh ro-aithris air a bhàs fhèin. Tha an t-sèist – co-dhiù mar a thathar a’ seinn an òrain an-diugh – a’ dol mar seo:

Cha till, cha till, cha till MacCruimein; An cogadh no sìth, cha till e tuilleadh; Le airgead no nì cha till MacCruimein; Cha till e gu bràth gu Latha na Cruinne.

Seo aon dreach anns an latha an-diugh air a’ chòrr dhen òran. Seo a’ chiad rann:

Tha ceò nan stùc mu aodann a’ Chuilthinn; Is sheinn a’ bhean-shìth a torman mulaid; Gorm-shùilean ciùin san Dùn a’ sileadh; On thriall thu bhuainn ’s nach till thu tuilleadh.

Le ‘an Dùn’, thathar a’ ciallachadh ‘Caisteal Dhùn Bheagain’. Seo agaibh an dàrna rann: Tha ’n fhairge fa dheòigh làn bròin is mulaid; Tha ’m bàta fo sheòl ach dhiùlt i siubhal; Tha gàirich nan tonn le fuaim neo-shubhach; Ag ràdh gun do dh’fhalbh ’s nach till thu tuilleadh.

Agus seo an treas rann: Cha chluinnear do cheòl san Dùn mu fheasgar; ’S mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt; Gach fleasgach is òigh, gun cheòl, gun bheadradh; On thriall thu bhuainn, ’s nach till thu tuilleadh.

Agus an t-sèist aon turas eile: Cha till, cha till, cha till MacCruimein; An cogadh no sìth, cha till e tuilleadh; Le airgead no nì cha till MacCruimein; Cha till e gu bràth gu Latha na Cruinne.

Litir 1058 Litir 1058 Litir 1060 Litir 1060

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!