Bha mi ag innse dhuibh mu Anna Nic an Tòisich no ‘Colonel Anne’ às
a’ Mhòigh, deas air Inbhir Nis. Air an t-siathamh latha deug dhen Ghearran,
seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746) bha Teàrlach Òg Stiùbhart a’ fuireach aice. Chuir am Morair Loudon mìle gu leth
saighdear a-mach à Inbhir Nis gu ruige a’ Mhòigh airson am
Prionnsa a chur an grèim. Cha robh a’ seasamh nan rathad ach gobha na
Mòighe, Dòmhnall Friseal, agus ceathrar eile.
Rinn Dòmhnall is a chàirdean othail mhòr, mar gun robh iad an cois arm nan
Seumasach. Chunnaic saighdearan Loudon na cruachan mònach aig muinntir na
Mòighe air fàire. Anns an dorchadas, bha iad a’ coimhead coltach ri
gràisgean shaighdearan. Chuala na saighdearan Hanoibhèirianach sgiamhail
agus gunnaichean gan losgadh. Cha robh fios aca nach robh ann ach còignear
nan aghaidh! Agus theich iad air ais a dh’Inbhir Nis.
Dh’fhàs an gnothach ainmeil mar Ruaig na Mòighe. A rèir aithris,
bha dìreach aon duine air a mharbhadh ann. B’ esan Dòmhnall Bàn
MacCruimein, am pìobaire do MhacLeòid Dhùn Bheagain.
An dèidh Ruaig na Mòighe, tharraing Teàrlach Òg arm ri chèile agus rinn iad
air Inbhir Nis. Bha am Morair Loudon air teicheadh. An ceann greis, lean
armailt Seumasach orra a Dhòrnach ann an Cataibh far an robh sabaid ann.
Chaidh grunn shaighdearan riaghaltais a chur an grèim. Nam measg, bha Mac
an Tòisich fhèin.
Dh’òrdaich am Prionnsa Òg gum biodh Mac an Tòisich air a chur fo ghlas na
dhachaigh fhèin anns a’ Mhòigh, fo cheannsal a mhnà, Anna. Nuair a ràinig e
an taigh, thuirt ise ris, ‘Ur searbhant, a Chaiptein.’ Fhreagair esan, ‘Ur
searbhant, a Chòirneil.’
An dèidh Blàr Chùil Lodair, nuair a thàinig ar-a-mach nan Seumasach gu
ceann, chaidh Anna Nic an Tòisich a chur an grèim. Bha i fo ghlas ann an
Inbhir Nis airson grunn sheachdainean. Bha na saighdearan agus an
oifigearan gu math measail oirre, a dh’aindeoin ’s gun robh i na nàmhaid,
oir bha i uabhasach brèagha. Cha robh an Seanalair Hawley nam measg, ge-tà.
Mhol esan do cheannard arm an riaghaltais, Diùc Chumberland, gun sìnte a
h-amhaich air a’ chroich. Aig a’ cheann thall, ge-tà, chaidh a beatha a
shàbhaladh.
Bliadhnaichean an dèidh làimhe, thachair Anna ri Cumberland aig bàla ann an
Lunnainn. Thathar ag ràdh gun do dh’iarr Cumberland oirre dannsadh leis.
Thagh e port-dannsaidh Hanoibhèirianach. An dèidh an dannsa, dh’iarr Anna
air an Diùc dannsa eile a ghabhail còmhla rithe. Agus thagh ise port
Seumasach. Cò aige tha fios a bheil fìrinn sam bith anns an stòiridh!
Chaidh inbhe bàillidh Inbhir Nis a bhuileachadh air Anna ann an seachd ceud
deug, seasgad ’s a trì (1763). Chaochail i ann an Lìte bliadhna air
fhichead an dèidh sin.
Bu mhath leam crìoch a chur air a’ chunntas seo le iomradh air dealbh a
rinneadh de dh’Anna nuair a bha i òg. Bhathar riamh a’ smaoineachadh nach
robh aice air a broilleach ach sròl air ceann shuas a dreasa. Ach, nuair a
chaidh obair gleidhidh a dhèanamh air an dealbh anns na caogadan dhen
fhicheadamh linn, lorgadh bràiste a bh’ ann bho thùs air a broilleach. Air
a’ bhràiste, bha dealbh de Theàrlach Òg Stiùbhart.