Bha mi ag innse dhuibh mun chath eadar na Griogaraich agus Clann a’
Chombaich ann an Gleann Freòin taobh Loch Laomainn anns a’ bhliadhna sia
ceud deug ʼs a trì (1603). Rinn an ceann-cinnidh, Sir Umfra Mac a’
Chombaich à Lus, cinnteach gun robh an dithis mharsantach Ghriogarach marbh
air a’ chroich. An uair sin, chuir e cinn nan gillean air stuib faisg air
an taigh mhòr aige. Bha sin tàmailteach do Chloinn ʼic Ghriogair.
Chuir ceann-cinnidh nan Griogarach ann an Gleann Sratha – Alasdair Dubh –
roimhe a chùis a rèiteach le Sir Umfra. Bha coinneamh eadar an dithis aig
ceann Ghlinn Freòin. Bheireadh gach duine ceud fear-cinnidh leis.
Cha robh duine seach duine aca onarach. Thug Alasdair Dubh ceud duine leis. Bha ceud eile aig a bhràthair, Iain
Dubh, pìos beag shìos an rathad ann an àite ris an canar Allt a’ Chlèith.
Bha ceud duine aig Sir Umfra cuideachd. Ach chùm esan trì cheud am falach,
deiseil airson feall-fhalach an aghaidh nan Griogarach.
Bha an t-uabhas dhaoine air a dhol ann airson sùil a thoirt air a’
ghnothach. Nam measg bha oileanaich agus an ceannard à oilthigh ann an Dùn
Breatann. Bha gu leòr air a’ Ghalltachd dhen bheachd gun robh na
Griogaraich borb, agus bha iad an dùil gum biodh sabaid ann.
Thàinig an dà fheachd còmhla. Sheas Sir Umfra air thoiseach air an
fheadhainn aige fhèin. Thàinig Alasdair Dubh air adhart, le fheachd fhèin
air a chùlaibh. Bha còmhradh ann greis eadar an dithis. Chan eil fios le
cinnt dè dh’aontaich iad, ach bha coltas air Alasdair Dubh gun robh e
sàsaichte. Thill e do na daoine aige agus thuirt e nach biodh cath ann.
Air an rathad air ais, dh’èirich na trì cheud saighdear aig Clann a’
Chombaich agus thug iad ionnsaigh air na Griogaraich.
Ruith na Griogaraich air ais nan deann gu ruige Allt a’ Chlèith. Air taobh
thall an uillt, thionndaidh iad, deiseil airson sabaid. Bha smachd aca air
an dà àth ann.
Nuair a ràinig Clann a’ Chombaich an t-allt, dh’fheuch iad ri faighinn
tarsainn, ach cha deach leotha. Bha seachdnar bhràithrean ann a dh’fheuch
ri smachd a ghabhail air fear de na h-àthan. Bha iad uile air am marbhadh.
ʼS e Ath nam Bràithrean a chanadh daoine ris an àite sin bhon latha sin
a-mach.
Nuair a bha mòran de mhuinntir Luis ann am meadhan an uillt, dh’èirich
feachd Iain Duibh bho air cùl cnuic far an robh iad am falach. Loisg iad
saighdean air Cloinn a’ Chombaich agus rinn iad cron mòr orra. Theich Clann
a’ Chombaich don mhonadh ach chaidh na Griogaraich air thoiseach orra.
Loisg fir-bhogha Ghriogarach bho chreag os cionn bealach agus mharbh iad
tòrr de shaighdearan Luis. ʼS e Creag a’ Bhogha a chanar ris an àite sin.
Agus ʼs e Bealach na Dunach ‘the pass of the disaster’ a th’ air
a’ bhealach.
Bha an gnothach cho trom air Clann a’ Chombaich ʼs gun do theich iad. Lean
na Griogaraich orra. Faisg air ceann Ghlinn Freòin, sheas gille òg de
Chloinn GhillFhionntaig an aghaidh Iain Dubh, agus mharbh e an Griogarach.
Ach lean na Griogaraich orra. Aig àite ris an canar Caibeal thachair iad ri
ceannard Oilthigh Dhùn Bhreatann agus a chuid oileanach. Dè rinn iad
leotha? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.