The Battle of Glen Fruin (2)
I was telling you about a battle between the MacGregors and Colquhouns
in Glen Fruin in 1603. The clan chief, Sir Humphrey Colquhoun of Luss,
made sure that the two MacGregor merchants were dead on the gibbet. He
put the lads’ heads on posts near his house. That was horrifying to the
Macgregors.
The head of the MacGregors in Glen Strae – Alasdair Dubh – decided to
sort out the matter with Sir Humphrey. There was a meeting between the
two men at the head of Glen Fruin. They agreed that each man would take
a hundred clansmen with him.
Neither man was honest. Alasdair Dubh took a hundred men with him. But
his brother, Iain Dubh, had a hundred more down the road at Allt a’
Chlèith. Sir Humphrey also had a hundred men. But he kept three hundred
hidden behind a hill.
There was a host there watching the affair. Among them were students
and their head from a university in Dumbarton.
Sir Humphrey spoke to Alasdair Dubh. Alasdair Dubh appeared to be
satisfied.
On the road home, the three hundred Colquhoun soldiers attacked the
MacGregors. The MacGregors ran to Allt a’ Chlèith. On the far side of
the burn, they turned, ready to fight. They controlled the two fords
there.
When the Colquhouns reached the burn, they tried to get across. Iain
Dubh’s force arose from behind a hill where they were hiding. The
Colquhouns fled to the hill but the MacGregors went ahead of them.
MacGregor bowmen fired from a crag above a pass. They killed many of
the Luss soldiers. The pass is now called Bealach na Dunach ‘the pass
of the disaster’.
The Colquhouns fled again. The MacGregors followed them. Near the head
of Glen Fruin, one of the MacLintocks killed Iain Dubh.
But the MacGregors continued. And they met a university group from
Dumbarton. What did they do with them? I’ll tell you in the next Litir.
Cath Ghlinn Freòin (2)
Bha mi ag innse dhuibh mun chath eadar na Griogaraich agus Clann a’
Chombaich ann an Gleann Freòin ann an sia ceud deug ʼs a trì (1603). Rinn
an ceann-cinnidh, Sir Umfra Mac a’ Chombaich à Lus, cinnteach gun robh an
dithis mharsantach Ghriogarach marbh air a’ chroich. Chuir e cinn nan
gillean air stuib faisg air an taigh aige. Bha sin tàmailteach do Chloinn
ʼic Ghriogair.
Chuir ceann-cinnidh nan Griogarach ann an Gleann Sratha – Alasdair Dubh –
roimhe a chùis a rèiteach le Sir Umfra. Bha coinneamh eadar an dithis aig
ceann Ghlinn Freòin. Dh’aontaich iad gun toireadh gach duine ceud
fear-cinnidh leis.
Cha robh duine seach duine aca onarach. Thug Alasdair Dubh ceud duine leis.
Ach bha ceud eile aig a bhràthair, Iain Dubh, pìos beag shìos an rathad aig
Allt a’ Chlèith. Bha ceud duine aig Sir Umfra cuideachd. Ach chùm esan trì
cheud am falach air cùl cnoc.
Bha sluagh ann a bha a’ coimhead a’ ghnothaich. Nam measg, bha oileanaich
agus an ceannard à oilthigh ann an Dùn Breatann.
Bhruidhinn Sir Umfra ri Alasdair Dubh. Bha coltas air Alasdair Dubh gun
robh e sàsaichte.
Air an rathad air ais, thug na trì cheud saighdear aig Clann a’ Chombaich
ionnsaigh air na Griogaraich. Ruith na Griogaraich gu Allt a’ Chlèith. Air
taobh thall an uillt, thionndaidh iad, deiseil airson sabaid. Bha smachd
aca air an dà àth ann.
Nuair a ràinig Clann a’ Chombaich an t-allt, dh’fheuch iad ri faighinn
tarsainn. Dh’èirich feachd Iain Duibh bho air cùl a’ chnuic far an robh iad
am falach. Theich Clann a’ Chombaich don mhonadh ach chaidh na Griogaraich
air thoiseach orra.
Loisg fir-bhogha Ghriogarach bho chreag os cionn bealach. Mharbh iad tòrr
de shaighdearan Luis. ʼS e Bealach na Dunach ‘ the pass of the disaster’ a tha air a’ bhealach a-nise.
Theich Clann a’ Chombaich a-rithist. Lean na Griogaraich orra. Faisg air
ceann Ghlinn Freòin, mharbh fear de Chloinn GhillFhionntaig Iain Dubh.
Ach chùm na Griogaraich a dol. Agus thachair iad ris a’ bhuidhinn oilthigh
à Dùn Breatann. Dè rinn iad leotha? Innsidh mi dhuibh anns an ath Litir.