FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ulysses S. Grant ann an Alba

Bidh fios agaibh gu bheil fear anns an Taigh Gheal ann am Washington DC an-dràsta aig a bheil sinnsireachd Albannach.

Audio is playing in pop-over.

Ulysses S. Grant ann an Alba

Bidh fios agaibh gu bheil fear anns an Taigh Gheal ann am Washington DC an-dràsta aig a bheil sinnsireachd Albannach. Ach seo ceist dhuibh. Cò a’ chiad cheann-suidhe Ameireaganach a thàinig a dh’Alba? Uill, cha robh e na cheann-suidhe aig an àm. Bha e dìreach air a dhreuchd a leigeil seachad an dèidh ochd bliadhna anns an Taigh Gheal.

A bheil am fuasgladh agaibh? Ulysses S Grant. Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte eadar ochd ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1869) agus seachdad ʼs a seachd (1877). Bha e air a bhith ainmeil mar shaighdear. Bha e os cionn Arm an Aonaidh anns a’ Chogadh Chatharra nuair a bha Abraham Lincoln na cheann-suidhe. Bha Lincoln air cuireadh a thoirt don Ghranndach agus a bhean Julia a dhol don taigh-chluiche còmhla riutha an oidhche a chaidh an ceann-suidhe a mhurt. Bha an Granndach fortanach gun do leig e an cothrom seachad oir bha e a’ dol a Philadelphia.

Goirid an dèidh don dàrna teirm aige mar cheann-suidhe thighinn gu ceann, dh’fhalbh Grannd, a bhean agus am mac, a bha naoi bliadhn’ deug a dh’aois, air turas air feadh an t-saoghail. Bha iad air falbh airson dà bhliadhna gu leth agus choinnich iad ri daoine cliùiteach, leithid na Banrigh Bhictoria, a’ Phàp agus Tsar na Ruis.

Ràinig iad Alba air an latha mu dheireadh dhen Lùnastal agus fhuair iad fàilte mhòr oir bha sinnsireachd Albannach aig a’ Ghranndach air gach taobh de a theaghlach. Chaidh iad a Chaisteal Dhùn Èideann agus cuideachd a dh’Abbotsford anns na Crìochan – an t-seann dachaigh aig an sgrìobhadair ainmeil, Sir Bhaltair Scott. Bha Grannd uabhasach dèidheil air na leabhraichean aig Scott. Chaidh e cuideachd a dh’Inbhir Àir oir bha e measail mar an ceudna air sgrìobhadh Raibeirt Bhurns.

Ràinig iad Inbhir Nis air an ochdamh latha dhen t-Sultain, agus bha coinneamh phoblach ann an Talla a’ Chiùil air Sràid an Aonaidh far an do bhuilich a’ Chomhairle Saorsa a’ Bhaile air. B’ esan a’ chiad Ameireaganach riamh air an deach an t-urram sin a bhuileachadh. Ach an robh an Granndach fhèin toilichte mu dheidhinn? Tha e doirbh a ràdh. A rèir choltais, bha e a’ fàs sgìth de bhith a’ coinneachadh ri srainnsearan agus a’ breith air an làmhan, agus thuirt e sin turas no dhà.

Chaidh e a thadhal air a’ Mhorair Chat ann an Dùn Robain ach dhiùlt e cothrom a dhol a shealg an sin. Eucoltach ri gu leòr de chinn-suidhe Ameireaganach, cha robh e na shealgair.

Bha ùidh aig a’ Ghranndach ann an teicneòlas. Mar sin, bha e inntinneach dha a bhith a’ faicinn nan crann-smùide aig a’ Mhorair Chat a bha an t-uachdaran an dòchas a leigeadh leis mòintich Chataibh a leasachadh airson àiteachas. Aig a’ cheann thall cha robh iad soirbheachail.

Agus chaidh e a Dhùn Dè airson an drochaid as fhaide anns an t-saoghal fhaicinn – an tè thar Linne Thatha nach robh buileach deiseil aig an àm. Dà bhliadhna an dèidh sin, bhiodh an drochaid a’ tuiteam ann an stoirm, ag adhbharachadh bàs seachdad ʼs a còig duine.

Agus ciamar a chòrd Alba ris? Chan eil mi cinnteach. Gu mì-fhortanach, cha d’ fhuair e cothrom a dhol a Bhaile nan Granndach. Agus co-dhiù, a rèir choltais, ʼs e Iapan a b’ fheàrr a chòrd ris am measg dhùthchannan an t-saoghail.

Litir 1048 Litir 1048 Litir 1050 Litir 1050

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!