Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas air an t-Seumasach ainmeil à
Srath Spè, Iain Ruadh Stiùbhart. Bha e na ruagalaiche an dèidh Chùil
Lodair. Fhuair e fios bhon Phrionnsa, Teàrlach Òg, a dhol a chèilidh air
ann an Cèidse Chluainidh – Cluny’s Cage – taobh Beinn Eallair.
Nise, tha àite air na mapaichean deas air Beinn Eallair faisg air Loch
Eireachd – Prince Charlie’s Cave – ach tha mòran dhen bheachd nach
e sin a bh’ anns a’ Chèidse idir.
Tha iad ag ràdh gun deach a togail de dh’fhiodh air cliathaich na beinne.
Bha i air a còmhdachadh le duilleach cuilinn agus còinneach gus nach biodh
e furasta a faicinn aig astar.
Co-dhiù, sin far an robh am Prionnsa aig toiseach an fhoghair, seachd ceud
deug ceathrad ʼs a sia (1746). Chaidh Iain Ruadh ann a chèilidh air, tha mi
cinnteach, airson a dhìlseachd a dhearbhadh aon turas eile agus, mar a
thachair e, airson teicheadh cuide ris. Goirid an dèidh a bhith sa Chèidse,
sheòl iad don Fhraing còmhla air bòrd soitheach Frangach à Loch nan Uamh.
Chaochail Iain Ruadh anns an Fhraing sia bliadhna an dèidh Blàr Chùil
Lodair, ach chan eil cinnt ann càite. Agus chan eil sgeul air uaigh.
Tha, ge-tà, àite ann an Srath Spè far a bheilear ga chuimhneachadh. Anns a’
bhliadhna dà mhìle (2000), chaidh carragh-cuimhne a thogail dha faisg air àite a bhreith ann an Cinn Chàrdainn.
Agus, a h-uile bliadhna anns an Lùnastal, bidh feadhainn a’ coiseachd gu
mullach a’ Chùirn Ghuirm airson bratach Chinn Chàrdainn a chur an-àirde mar
chuimhneachan air Iain Ruadh. Tha iad a’ leantainn air fear Seumas Mac an
t-Saoir à Beag Ghleann anns a’ Ghleann Mhòr. ʼS e a bha an urra ri bratach
uaine Chinn Chàrdainn aig Cùil Lodair. Rinn e cinnteach nach fhaigheadh na
saighdearan dearga grèim oirre.
Gach bliadhna an dèidh Blàr Chùil Lodair, air an naoidheamh latha deug dhen
Lùnastal, bhiodh Seumas a’ dol gu mullach a’ Chùirn Ghuirm airson a’
bhratach a chur an-àirde mar chuimhneachan air Iain Ruadh agus na fir eile
à Srath Spè a dh’èirich ann an adhbhar a’ Phrionnsa. Carson a thagh e an
latha sin? Uill, b’ ann air an latha sin a chaidh bratach nan Seumasach a
thogail ann an Gleann Fhionnain aig toiseach Bliadhna Theàrlaich.
A bharrachd air an dàn aige Latha Chùil Lodair, sgrìobh Iain Ruadh
dàn eile mun chath. ʼS e an t-ainm a th’ air Òran Eile air Latha Chùil Lodair. Anns an òran seo, tha am bàrd ag
ainmeachadh cuid de na fineachan a ghabh pàirt anns a’ chath. Mar
eisimpleir, tha e a’ caoidh nach robh Clann ʼic a’ Phearsain, no Clann
Mhuirich mar a bh’ aige fhèin orra, an làthair. B’ e sin adhbhar eile, ann
am beachd Iain, a chaill na Seumasaich. Bidh feadhainn a’ gabhail pàirt
dheth chun an latha an-diugh. Seo dà rann dheth:
O gur mis’ th’ air mo chràdh, thuit mo chridhe gu làr,
ʼS tric snighe gu ʼm shàil o ʼm lèirsinn.
Dh’fhalbh mo chlaistinneachd bhuam,
Cha chluinn mi san uair, gu mall no gu luath nì ʼs èibhinn.
Mu Phrionns’ Teàrlach mo rùin, oighre dligheach a’ chrùin,
ʼS e gun fhios dè an taobh a thèid e,
Fuil Rìoghail nam buadh, bhith ga dìobairt san uair,
ʼS mac dìolain le sluagh ag èirigh.