FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Rathad-iarainn Ullapuil

Tha mi airson ’s gun smaoinich sibh air turas fada.

Audio is playing in pop-over.

Rathad-iarainn Ullapuil

Tha mi airson ’s gun smaoinich sibh air turas fada. Tha sibh a’ tòiseachadh ann an Steòrnabhagh. Tha sibh a’ gabhail a’ bhàt’-aiseig gu ruige Ullapul. Tha sibh a’ leum air an trèana ann an Ullapul agus a’ dol a dh’Inbhir Nis. Tha sibh ag atharrachadh ann an Inbhir Nis, agus a’ falbh a Lunnainn air seirbheis rèile na h-oidhche, agus a’ ruigsinn Lunnainn tràth an ath mhadainn.

Nise, tuigidh sibh gu bheil mi ag aisling oir chan eil rathad-iarainn ann eadar Ullapul agus Inbhir Nis. Ach a bheil fios agaibh gun robh planaichean ann airson na leithid? Agus gun deach iad cho fada ’s gun robh achd pàrlamaid ann airson an sgeama.

Aig toiseach an t-samhraidh bha mi ann an Ullapul airson fèis bhliadhnail nan leabhraichean. Bha fear an sin, Andaidh Drummond, a thug seachad òraid gu math inntinneach. Tha Andaidh air a bhith a’ dèanamh rannsachadh air na rathaidean-iarainn a bha san amharc, aig deireadh an naoidheamh linn deug, ann an ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd.

Carson a bhathar a’ beachdachadh air sgeamaichean mar sin? Bhathar gu mòr airson ceangal a dhèanamh eadar tìr-mòr agus Steòrnabhagh, mar dhòigh gus iasgach a bhrosnachadh, agus an t-iasg fhaighinn don mhargaidh anns na bailtean mòra gu sgiobalta.

Aig an àm sin, eadar ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885) agus ochd ceud deug is naochad (1990) bha na rathaidean-iarainn agus na seirbheisean rèile ann an làmhan chompanaidhean prìobhaideach. Duine sam bith a dh’iarradh loidhne-rèile ùr a thogail, dh’fheumadh e an dàrna cuid airgead prìobhaideach fhaighinn no a dhol an co-bhuinn ri companaidh a bha mu-thràth a’ ruith seirbheis.

Am measg na bha ag iarraidh ceangal a dhèanamh eadar Gairbh is Ullapul, bha Clann ’ic Mhathain, leis an robh Eilean Leòdhais agus Ullapul, agus Sir John Fowler, a dhealbhaich Drochaid Rèile Fhoirthe.

Tha na planaichean airson an rathaid-iarainn fhathast rim faicinn. Bha e a’ dol a dh’fhàgail na loidhne eadar Inbhir Pheofharain agus An Sròm aig Gairbh. Bhiodh e a’ leantainn na h-aibhne suas – an ìre mhath mar a tha an rathad a dh’Ullapul an-diugh. Cha robh cus ann a bhiodh duilich do dh’einnseanair gus an ruigeadh iad Glòm Choire Shalach aig a’ Bhràigh Mhòr. Tha ceud troigh de dhoimhneachd anns a’ ghlòm an sin agus an uair sin, tha an t-slighe cas gus an ruigear ceann Locha Bhraoin. Bha an t-einnseanair, Murchadh Mac Pheadrais, a’ moladh gun rachadh an trèana tro thunail sia ceud slat a dh’fhaid air an t-slighe don loch.

Bha an sgeama a’ dol a chosg suas ri cairteal a’ mhillein not agus chaidh achd pàrlamaid a chur troimhe ann an ochd ceud deug is naochad (1890) airson an leasachadh a cheadachadh. Bha trì bliadhna aca airson tòiseachadh air an obair-thogail.

Agus dè thachair? Uill, dh’fhàilnich air an luchd-leasachaidh an t-ionmhas a chur ri chèile agus, an dèidh trì bliadhna, chaidh achd pàrlamaid eile troimhe – The Garve and Ullapool Railway (Abandonment) Act, agus b’ e sin deireadh an sgeòil. Gu ruige seo, co-dhiù. Chì sinn an tèid an sgeama ath-bheothachadh anns an ùine romhainn. Beannachd leibh.

Litir 1049 Litir 1049 Litir 1051 Litir 1051

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!