FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Iain Ruadh Stiùbhart (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Ruadh Stiùbhart.

Audio is playing in pop-over.

Iain Ruadh Stiùbhart (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Ruadh Stiùbhart. Sgrìobh e dàn ainmeil Latha Chùil Lodair anns an do mhìnich e mar a chaidh cùisean an aghaidh nan Seumasach:

Mo chreach armailt nam breacan,

Bhith air sgaoileadh ʼs air sgapadh ʼs gach àit’,

Aig fìor bhalgairean Shasainn

Nach do ghnàthaich bonn ceartas na ʼn dàil

Ged a bhuannaich iad batail,

Cha b’ ann da ʼn cruadal no ʼn tapadh a bha,

Ach gaoth an iar agus frasan,

Thigh’n a-nìos oirnn bhàrr machair nan Gall.

Chan e dìreach an droch aimsir a bu choireach ris a’ chall, ge-tà, ann am beachd Iain Ruaidh. Bha e cuideachd a’ coireachadh a’ Mhorair Seòras Moireach, an commandair Seumasach. Bha Iain air dàil latha iarraidh mus biodh Blàr Chùil Lodair ann, oir bha na saighdearan aige sgìth, ach dhiùlt am Moireach gabhail ri sin.

An dèidh Chùil Lodair, choinnich Iain ris a’ chòrr de dh’arm nan Seumasach aig Ruadhainn faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh gun a bhith a’ leantainn leis a’ chogadh. Bhiodh arm an riaghaltais saor gus sgrios a dhèanamh air bailtean na Gàidhealtachd.

Theich gu leòr de na ceannardan Seumasach don Fhraing no dùthchannan eile, ach dh’fhuirich Iain Ruadh na dhùthaich fhèin. Bha e na ruagalaiche, ge-tà. Bhiodh e a’ fuireach ann an diofar uamhan, agus muinntir na sgìre a’ toirt taic dha.

Aon latha, bha e air fhalach anns a’ Ghleann Mhòr ann an Srath Spè. Bha fear òg, Peadar Bell, a’ dol a dh’ionnsaigh Iain le bainne nuair a thachair e ri feachd de shaighdearan dearga a bha a’ coimhead air a shon. Bha druma aig fear dhiubh.

‘Cà’l thu a’ dol?’ dh’fhaighnich na saighdearan.

‘Gu m’ athair, a tha ag obair sa choille,’ fhreagair Peadar. Chunnaic an gille an druma agus rinn e còmhradh mar gun robh e ag iarraidh a cheannach. Ghabh e grèim air an druma agus sheinn e òran – ‘Buaidh thap’, Iain Ruaidh, ʼs tric a bhuail thu campaid.’ An uair sin ghabh e òran eile:

Bi falbh ʼs na fuirich, bi falbh, bi falbh!

Na tig a-nochd tuillidh, tha ʼn tòir a’ tighinn thugad

Na tig a-nochd tuillidh, bi falbh, bi falbh!’

Chuala Iain Ruadh e agus theich e gu taobh Neithich. Nuair a bha e na ruagalaiche, rinn e sgochadh air adhbrann. Tha e a’ dèanamh iomradh air sin anns an òran aige, Ùrnaigh Iain Ruaidh:

Aig taobh sruthain na shuidhe, ʼs e sgìth

Tha an Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,

Na cheatharnach, fhathast gun sìth

ʼS a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.

Ged as ann an Gàidhlig a bu mhotha a sgrìobh Iain Ruadh a bhàrdachd, sgrìobh e co-dhiù aon dàn ann am Beurla – John Roy Stuart’s Psalm. Anns an òran sin, thuirt e nach fhaigheadh feachdan a’ Chrùin grèim air:

Though they mow down both corn and grass

And seek me underground,

Though hundreds guard each road and pass,

John Roy will not be found.

Agus bha e ceart – cha d’ fhuair na saighdearan dearga lorg air. Ach mus fhaigheadh e cothrom teicheadh gu sàbhailteachd anns an Fhraing, chaidh e a chèilidh air a’ Phrionnsa, Teàrlach Òg, a bha e fhèin na ruagalaiche. Choinnich iad ann an àite ris an cainte Cèidse Chluainidh taobh Beinn Eallair – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Litir 1046 Litir 1046 Litir 1048 Litir 1048

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!