Aig taobh sruthain na shuidhe, ʼs e sgìth
Tha an Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
Na cheatharnach, fhathast gun sìth
ʼS a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
Tha sinn air a bhith ann am Bàideanach is Srath Spè thar grunn
seachdainean. Mus fhàg sinn an sgìre sin, tha mi airson innse dhuibh mu fhear de na daoine as ainmeile riamh a bhuineadh dhi –
Iain Ruadh Stiùbhart. ʼS e a sgrìobh an earrann leis an do thòisich mi an
Litir – a’ chiad rann de dh’Ùrnaigh Iain Ruaidh.
ʼS e bàrd a bh’ ann an Iain Ruadh, ach fad a bharrachd na sin. Bha e na
shaighdear cliùiteach, na phìobaire agus na ruagalaiche, am measg eile. Bha
e cuideachd na Sheumasach ainmeil, agus na chomhairliche don Phrionnsa Òg,
Teàrlach Stiùbhart. Tha cuid dhen bheachd gur e Iain a chleachd an
sgrìobhaiche Raibeart Louis Stevenson mar mhodail airson Ailean Breac
Stiùbhart anns an nobhail aige ‘Kidnapped’, seach am fìor Ailean Breac
fhèin.
Rugadh Iain Ruadh ann an Cnoc Chinn Chàrdainn, faisg air Uisge Spè, anns a’
bhliadhna seachd ceud deug. B’ e a sheanair am fear mu dheireadh de Bharain Chinn
Chàrdainn. Fhuair Iain òg foghlam math, agus chuir e seachad ùine air
tìr-mòr na Roinn-Eòrpa.
Naoi bliadhna mus do dh’èirich na Seumasaich ann an ceathrad ʼs a còig
(1745), bha Iain Ruadh anns a’ phrìosan ann an Inbhir Nis. Bhris e a-mach
às agus chaidh e gu taigh ʼic Shimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach. A rèir
fianais aig cùis-chùirte ʼic Shimidh, an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach,
bhruidhinn an dithis mun àm nuair a thigeadh Teàrlach Òg a-null, agus mar a
bhiodh cogadh ann, leis an amas Rìgh Seumas a chur air ais air an
rìgh-chathair.
Bha Iain Ruadh greis na shaighdear air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa – air taobh
na Frainge. Thàinig e an aghaidh a shàr nàmhaid – Diùc Chumberland – aig
Blàr Fontenoy anns a’ Chèitean seachd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1745).
Trì mìosan an dèidh sin, chuala e an naidheachd gun robh am Prionnsa air a
bhratach a thogail air a’ Ghàidhealtachd. Cha b’ e ruith ach leum dha
tilleadh dhachaigh, agus choinnich e ri arm nan Seumasach ann am Blàr
Athall. Chuir e rèisimeid ri chèile ann an Dùn Èideann – The Edinburgh Regiment – ged a bha mòran de na bh’ innte às a’
Ghàidhealtachd.
Bha Iain an sàs ann an grunn chathan eadar na Seumasaich agus armailt a’
Chrùin ann am Bliadhna a’ Phrionnsa. Bha a rèisimeid gu mòr an urra ri
obair cuairtearachd is freiceadain air an rathad gu tuath, an dèidh gun do
thionndaidh iad aig Derby.
Aig Blàr Chùil Lodair, bha Iain Ruadh os cionn a rèisimeid – a bha mar
phàirt dhen chiad loidhne a dh’fhuiling gu dubh. A rèir beul-aithris,
chunnaic Cumberland e, agus e a’ marbhadh shaighdearan dearga gu leòr. ‘Cò
esan?’ dh’fhaighnich e.
‘Iain Ruadh Stiùbhart,’ fhreagair oifigear aige.
‘A Thighearna,’ thuirt Cumberland, ‘am fear a dh’fhàg mi ann am Flànras, a’
dèanamh obair deichnear ghaisgeach?! A bheil e air tighinn air mo thòir an
seo?’
Ach mar a tha fios againn, chaidh an latha le Cumberland. Theich Iain Ruadh
tro Ghortlaig agus choinnich e ris a’ chòrr de dh’arm nan Seumasach ann an
Ruadhainn faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chì sinn anns an ath Litir dè
thachair dha an uair sin.