Bha mi ag innse dhuibh mun chroitear a chuir roimhe a’ bhiast-uisge ann an
Loch a’ Ghartain a ghlacadh. Lorg e clach mhòr air cladach an locha. Bha grunn tunnaichean de chuideam innte. Chuir e ròp timcheall
na cloiche. Aig ceann eile an ròpa bha iarann-crom a bha coltach ri dubhan
mòr. Air an iarann, chuir e uan marbh. Dh’iomraich e coit a-mach gu meadhan
an locha. Thilg e ceann an ròpa a-mach agus chaidh e dhachaigh.
Thill am bodach gu Loch a’ Ghartain anns a’ mhadainn agus cha robh sgeul
air a’ chloich. Cha robh ann ach clais air a’ chladach far an robh a’
chlach air a tarraing a-steach don loch. Bhon uair sin, chan fhacas a’
chlach no a’ bhiast-uisge tuilleadh.
Tha naidheachd eile agam mu Loch a’ Ghartain. Bha duine ann uaireigin a
ghabh geàrr-rathad ann am meadhan a’ gheamhraidh, tarsainn Loch a’ Ghartain
a bha reòite.
Chaidh comhairle a thoirt dha gun a bhith a’ tilleadh air an dearbh rathad,
agus chaidh seanfhacal Gàidhlig innse dha mar chomhairle:
Nuair a leumas e an Fhèill Brìde, chan earb an sionnach earball ris an
deigh
. Tha sin a’ ciallachadh – an dèidh Fèill Brìde aig toiseach a’ Ghearrain,
nach bi sionnach deònach a dhol tarsainn loch reòite oir tha teans ann gum
bi an deigh a’ leaghadh. Agus tha sionnaich gu math glic, seòlta, mar a tha
fios agaibh. Nuair a leumas e an Fhèill Brìde, chan earb an sionnach
earball ris an dèigh.
Uill, cha do ghabh an duine seo a’ chomhairle. Thill e dhachaigh air an
dearbh rathad a chaidh e a-null – tarsainn Loch a’ Ghartain – agus cha do
ràinig e a cheann-uidhe. Cha deach càil a lorg dheth ach a bhonaid agus gad
de shlatan beithe air bhog ann an uisgeachan an locha.
Faisg air Loch a’ Ghartain, tha loch brèagha eile ann. Gabhaidh e a
ruigsinn air ceum tron choille, agus bidh mòran luchd-turais a’ coiseachd
ann à Loch a’ Ghartain. Tha ainm car annasach air an loch seo – Loch
Mallachaidh ‘loch of cursing’. Ach carson? Dè am mallachadh a bh’
ann?
Uill, tha e a’ tighinn bho mhallachadh – no mallachd – a tha co-cheangailte
ris an allt a tha a’ sruthadh eadar an loch agus Uisge Spè. Ged as e Loch Mallachie Burn a th’ air an-diugh, ʼs e an t-Allt Garbhach a
bh’ air uaireigin. Bha muileann air. Agus tha baile-fearainn ann fhathast
air a bheil Mullingarroch Farm. Tha mi an dùil gur e sin Muileann Garbhach.
Co-dhiù, thàinig bàs obann air fear-bainnse a bha a’ dèanamh a shlighe thar
an uillt faisg air a’ mhuileann. Bha bristeadh-cridhe air a bhean. Rinn ise
mallachd, ag ràdh gun tigeadh droch fhortan air duine sam bith a bha a’ dol
a dh’ionnsaigh banais, agus e no i a’ dol tarsainn an uillt an sin. Agus,
airson ùine mhòr mhòr, cha bhiodh càraid nua-phòsta, no a bha fo ghealladh
pòsaidh, a’ dol tarsainn an uillt faisg air a’ mhuileann. Thàinig an t-ainm
Loch Mallachaidh air an loch air sàillibh sin.