FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Uamh Mhòr (1)

Tha mi air ais ann am Bàideanach an t-seachdain seo oir bu toigh leam innse dhuibh mun Uaimh Mhòir sear air Ceann a’ Ghiùthsaich.

Audio is playing in pop-over.

An Uamh Mhòr (1)

Tha mi air ais ann am Bàideanach an t-seachdain seo oir bu toigh leam innse dhuibh mun Uaimh Mhòir sear air Ceann a’ Ghiùthsaich. Tha i faisg air baile-fearainn air a bheil Raitts, no Ràt ann an Gàidhlig. Tha mòran de mhuinntir an àite a’ gabhail ‘Raitts Cave’ oirre. Ach chan eil i nàdarrach. ʼS e seòrsa de thaigh fo-thalamh a th’ innte, seach uamh nàdarrach.

Air mapaichean an latha an-diugh, chì sibh ‘souterrain’ far a bheil i. Air seann mhapaichean, ge-tà, chì sibh ‘Pict House’ no ‘ Pictish House’ no ‘Earth-house’. Tha seann stòiridh co-cheangailte rithe. Ach, mus tig mi gu sin, bu mhath leam innse dhuibh mun turas a chaidh an neach-saidheans ainmeil, Sir Daibhidh Brewster, ann.

Ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a còig (1835), bha Brewster a’ gabhail làithean-saora ann am Baile a’ Bhile, dachaigh an uachdarain, Mac a’ Phearsain – no MacMhuirich. Bha Brewster pòsta aig Juliet, nighean an uachdarain, Seumas Bàn, no mar a chanar ann am Beurla ris, James ‘Ossian’ MacPherson.

Bha Brewster gu math aithnichte ri a linn. Am measg mòran eile, chruthaich e an stereoscope 3-D agus an kaleidoscope. An robh fios agaibh gur e Albannach a chruthaich an kaleidoscope?

Thug Brewster sùil air an Uaimh Mhòir a bha làn chlachan is sprùilleach aig an àm. Thug e an sprùilleach a-mach agus lorg e taigh fo-thalamh a bha iongantach. Bha e fada is rudeigin caol, le leacan cloiche air gach taobh. Bha am mullach air a dhèanamh de leacan cuideachd. Sin mar a tha an t-àite, an ìre mhath, chun an latha an-diugh.

Tha an Uamh ann an cruth crudha-eich. Tha an ceann os-chearclach dhith a’ coimhead chun a’ chinn a deas – a dh’ionnsaigh a’ Mhonaidh Ruaidh agus beanntan Athall. Tha an sealladh aiste brèagha.

Chan eil fhios a’m dè an coltas a bh’ air an dùthaich nuair a chaidh an Uamh Mhòr a thogail, ach an-diugh tha i ann am meadhan pàirc ionaltraidh do chrodh no caoraich. Tha feansa timcheall oirre airson stad a chur air sprèidh bho bhith a’ faighinn a-steach.

Cha b’ e sin a’ chiad turas a rinneadh iomradh air an uaimh. Tràth anns an naoidheamh linn deug, sgrìobh fear às an sgìre mu a deidhinn. Chuir esan ainm eile oirre – MacNiven’s Cave – Uamh Chlann ʼic Ille Naoimh. Carson a tha sin? Uill, tha seann sgeulachd a tha a’ dèanamh ceangal eadar an Uamh agus Clann ʼic Ille Naoimh. Tha mi airson a h-aithris dhuibh.

O chionn fhad an t-saoghail, bha Clann ʼic Ille Naoimh rudeigin cumhachdach ann am Bàideanach. Bha iad ann an caidreabh leis na Cuimeanaich – Iarlan Bhàideanach. Thug Clann ʼic a’ Phearsain à Loch Abar taic do Rìgh Raibeart am Brusach ann a bhith a’ smachdachadh nan Cuimeanach. Thug an Rìgh fearann dhaibh ann am Bàideanach – fearann a bha roimhe leis na Cuimeanaich. Dh’èirich naimhdeas, mar sin, eadar na Cuimeanaich agus Clann ʼic a’ Phearsain. Bha sin a’ ciallachadh gun robh Clann ʼic Ille Naoimh cuideachd nan nàimhdean aig Clann ʼic a’ Phearsain.

A rèir beul-aithris, thog Clann ʼic Ille Naoimh creach air fearann aig Mac a’ Phearsain à Cluainidh, taobh an Lagain. An toiseach, cha do chuir Mac a’ Phearsain feachd ri chèile. An àite sin, chuir e a nighean gu ruige Clann ʼic Ille Naoimh mar theachdaire. Ach, mar a chì sinn anns an ath Litir, cha do shoirbhich leatha.

Litir 1040 Litir 1040 Litir 1042 Litir 1042

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!