FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seumas Mac a’ Phearsain (4)

Thairis air na trì seachdainean a dh’fhalbh, dh’inns mi eachdraidh Sheumais Mhic a’ Phearsain, an ceatharnach ainmeil à Bàideanach, agus mar a chaidh a chrochadh gu bàs ann am Banbh anns a’ bhliadhna seachd ceud deug (1700).

Audio is playing in pop-over.

Seumas Mac a’ Phearsain (4)

Thairis air na trì seachdainean a dh’fhalbh, dh’inns mi eachdraidh Sheumais Mhic a’ Phearsain, an ceatharnach ainmeil à Bàideanach, agus mar a chaidh a chrochadh gu bàs ann am Banbh anns a’ bhliadhna seachd ceud deug (1700). Bidh cuimhne agaibh gun do chuir an siorram ann am Banbh an cloc air adhart cairteal na h-uarach oir bha stad-breith air an rathad airson Seumas a shàbhaladh.

A rèir choltais, thòisich an gnothach suarach seo co-spàirn eadar Baile Bhanbh agus am baile air taobh eile Uisge Dubh-Èireann – An Dùn no MacDuff. ʼS dòcha gun robh a’ cho-spàirn ann roimhe sin, ge-tà. Tha stòiridh eile ann mu Sheumas Mac a’ Phearsain. Bha e a’ teicheadh à feadhainn a bha ag iarraidh a mharbhadh. Leum e a-steach a dh’Uisge Dubh-Èireann airson faighinn air falbh. Bha deis armachd air agus bha e a’ giùlan claidheamh mòr a bha air leth trom.

Bha Seumas math air snàmh ach chaill e a bhonaid. Chaidh a bhonaid an sàs ann an cuairt-shruth anns an abhainn. Nuair a thàinig a nàimhdean, chunnaic iad a bhonaid agus bha iad dhen bheachd gun robh Seumas marbh. Ach cha robh. Agus nochd e ann am Banbh air an oidhche sin!

Fhuair mi an naidheachd sin à làrach-lìn Tobar an Dualchais, agus fear Teàrlach Simpson, a bhuineadh don Dùn, agus a dh’inns a chunntas ann an Albais an ear-thuath. Bha Teàrlach dhen bheachd gur e deagh dhuine a bh’ ann am Mac a’ Phearsain. ‘A big powerful chiel,’ mar a thuirt e. Bha deagh chliù aig Mac a’ Phearsain anns an Dùn.

Lean a’ cho-spàirn eadar an dà bhaile airson ùine mhòr, stèidhichte air bàs Mhic a’ Phearsain . Nuair a bha Teàrlach òg, cha bhiodh fear à Banbh a’ falbh le tè às an Dùn. Agus bhiodh na balaich à Banbh ag èigheachd air na gillean às an Dùn, ‘Fa shot the loon?’ (Cò loisg air a’ ghille?) Bha sin a’ cuimhneachadh tachartas nuair a chaidh gille a mharbhadh le mearachd, agus saighdearan a’ losgadh air targaidean.

Bhiodh na balaich às an Dùn an uair sin ag ràdh ris na gillean à Banbh, ‘ Fa hanged the man afore his time?’ Agus leanadh iad sin leis an rann: ‘ Banff, it is a burgh toon, a kirk wi’oot a steeple, a load o’ muck at ilka door, and damned unceevil people .’ Tha fhios nach biodh muinntir Bhanbh ag aontachadh ri sin!

Nuair a thogadh eaglais anns an Dùn anns an naoidheamh linn deug - ʼs e Doune Church a chanas iad rithe ann am Beurla – chaidh tùr a thogail oirre le cloc ann. Ach chan eil ceithir aghaidhean air a’ chloc. Chan eil ann ach na trì. Tha iad ag ràdh gun tugadh an tè air an taobh siar air falbh gus nach toireadh muinntir an Dùin an uair do mhuinntir Bhanbh.

Agus tha e coltach gun deach an cloc ann am Banbh fhèin a ghluasad gu baile ùr a chaidh a thogail tràth anns an naoidheamh linn deug. ʼS e sin Baile Bhainidh no Dufftown. Bhathar ga aithneachadh mar ‘an cloc a chroch Mac a’ Phearsain’. Ged a bha e a’ ruith cairteal na h-uarach air thoiseach ann am Banbh fad ùine an dèidh a’ chrochaidh, tha mi an dùil an-diugh ann am Baile Bhainidh gun toir e dhuinn an uair cheart.

Litir 1039 Litir 1039 Litir 1041 Litir 1041

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!