Tha an Litir an t-seachdain seo mu dheidhinn ball-coise. Ball-coise na
h-Alba. Ged nach eil sinn, ann an Alba, cho soirbheachail ann an saoghal a’
bhuill-choise ʼs a b’ àbhaist, ʼs e geama mòr a th’ ann dhuinn fhathast.
Tha Prìomh Lìg Ball-coise na h-Alba a’ cumail a-mach gum bi barrachd
dhaoine a’ dol a choimhead gheamannan ball-coise ann an Alba seach dùthaich
sam bith eile anns an Roinn Eòrpa, co-dhiù a rèir meud an t-sluaigh.
Ach seo ceist dhuibh. Cuin mu dheireadh a bha a h-uile duine a bha a’
cluich ann an Cuairt Dheireannach Cupa na h-Alba, a’ gabhail a-staigh nam
manaidsearan is nan rèitirean, nan Albannaich? Uill, bidh sibh a’
smaoineachadh, ʼs dòcha, nach robh Celtic no Rangers an sàs anns a’ ghèam.
Agus bhiodh sibh ceart.
Agus am fuasgladh? An gèam eadar St Mirren agus Dùn Dè Aonaichte ann an
naoi ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1987). Bha e air a chluich aig Pàirc
Hampden ann an Glaschu air beulaibh caogad ʼs a dhà mìle duine, agus
bhuannaich St Mirren 1-0. B’ iad na manaidsearan Ailig Mac a’ Ghobhainn aig
St Mirren agus Jim MacIllEathain aig Dùn Dè Aonaichte.
Tha ball-coise ann an Alba air atharrachadh gu mòr bhon uair sin. A’
bhliadhna ron ghèam sin, nuair a bha sgioba nàiseanta na h-Alba air a
slighe a Mheagsago airson Cupa na Cruinne, bha 97% de na cluicheadairean
anns a’ phrìomh Lìg againn nan Albannaich.
Bhon uair sin, tha am figear sin air a dhol an lughad.
A-nise, tha an ìre mhath leth de na cluicheadairean anns a’ phrìomh Lìg nan
Albannaich. Agus chan eil sinn air faighinn gu cuairtean deireannach Cupa
na Cruinne airson còrr is fichead bliadhna. Saoil a bheil ceangal ann eadar
an dà rud sin? No an e rudeigin eile as coireach ris an t-suidheachadh
thruagh anns a bheil ar sgioba nàiseanta?
Agus seo ceist eile dhuibh. Cuin mu dheireadh a bhuannaich Alba gèam anns
na cuairtean deireannach aig Cupa na Cruinne? Agus cò bha sinn a’ cluich?
Uill, cha do thachair e an turas mu dheireadh a bha sinn ann – ann an naoi
ceud deug, naochad ʼs a h-ochd (1998) anns an Fhraing. Aig an fharpais sin,
bha sinn co-ionann 1-1 le Nirribhidh ach chaill sinn an aghaidh Brasail
(2-1) agus Morogo (3-0).
An turas mu dheireadh a bhuannaich sinn, bha e ann an naoi ceud deug is
naochad (1990) anns an Eadailt – aig an fharpais far an tàinig a’
Ghearmailt an Iar am bàrr. Agus seo an sgioba a chuir Alba a-mach an latha
sin: Leighton, McLeish, Malpas, Levein, McPherson, Durie, MacLeod, Aitken,
McCall, Fleck, Johnston. B’ e am manaidsear Andaidh Roxburgh. Chuir McCall
agus Johnston na tadhail airson Alba ann an Genoa – an aghaidh na Suain.
Ged a bhuannaich sinn an gèam sin, chaill sinn gu Costa Rica agus Brasail –
a-rithist – agus an dèidh nan trì geamannan, bha ar cluicheadairean is
luchd-leantainn air an rathad dhachaigh. Ach, bu chòir dhomh a ràdh gun do
bhuannaich Alba rudeigin aig an fharpais mu dheireadh far an do nochd ar
sgioba nàiseanta – anns an Fhraing ann an naoi ceud deug, naochad ʼs a
h-ochd (1998). Bhuannaich an luchd-leantainn againn duais airson a bhith
gan giùlan fhèin ann an dòigh laghach, mhodhail is spòrsail. Tha e math a
bhith a’ buannachadh rudeigin!