Tha cuimhne agam fhathast air a’ chiad turas a fhuair mi cupa cofaidh air
a’ Chomraich. Bha mi a’ tadhal air seann bhoireannach a bha càirdeach dhomh
agus thuirt i rium, ‘An gabh thu copan teatha, a
Ruairidh?’ Mus d’ fhuair mi cothrom freagairt a thoirt seachad,
dh’atharraich i a beachd. ‘No dè mu dheidhinn cofaidh? Am b’ fheàrr leat
cofaidh?’
Bha sin anns na seachdadan agus, roimhe sin, chan eil cuimhne agam air
cofaidh fhaicinn air a’ Chomraich, gun luaidh air òl, co-dhiù am measg nan
seann Ghàidheal. Bhiodh mo sheanmhair a’ gabhail tì – no teatha – fad an
latha o mhoch gu dubh. Uaireannan cha chuireadh i na
duilleagan ann am poit. Bhiodh i gan cur ann an cupa, ʼs chuireadh i uisge
goileach orra. Agus an ceann dà mhionaid bhiodh ‘teatha nan ceàrd’ aice,
mar a chanadh i fhèin.
Tha e doirbh a bhith a’ smaoineachadh air Alba às aonais tì. Tha i cho
bitheanta. Ach bha uair ann nuair nach robh an tì, air a bheil sinn eòlach
an-diugh, anns an Roinn Eòrpa idir. A-nise, tha feadhainn ga fàs ann an
Alba fhèin.
Bha mi ann an Lios Mòr an-uiridh agus, far an robh sinn a’ fuireach,
bhathar a’ fàs tì air a’ chroit. Tì dhonn agus tì bhàn. Cha d’ fhuair mi
blas dhiubh, ach chan eil adhbhar agam a bhith a’ smaoineachadh nach biodh
iad math, blasta. Tha feadhainn ga fàs gu coimeirsealta ann an Alba,
leithid ann an Siorrachd Pheairt.
Bha grunn Albannach an sàs ann a bhith a’ brosnachadh gnìomhachas fàs na tì
o chionn fhada. Mar eisimpleir – Raibeart Fortune. Ann am meadhan an
naoidheamh linn deug, bha esan ann an Sìonaidh, far an do ghoid e lusan tì
airson Companaidh Bhreatannach nan Innseachan an Ear.
Bha sin an aghaidh an lagh agus bha an obair aig Fortune gu math
cunnartach. Chaidh e timcheall ann an riochd marsantach Sìneach, ag innse
do dhaoine gun robh e às an fhìor cheann a tuath, agus chaidh e fad air
falbh bho na puirt-mhara far an robh cead aig Eòrpaich a bhith. Uaireannan,
bhiodh e air falbh airson trì mìosan agus chaidh e gu àiteachan far nach
robh Eòrpach air a bhith ann roimhe.
Cheannaich e lusan tì agus fhuair e iad gu Hong Kong. Às a sin, chaidh iad
chun nan Innseachan. Ach cha b’ urrainn do Fortune sùil a chumail orra an
uair sin, agus chaill e mòran dhiubh air bòrd nan long. Uile-gu-lèir,
thathar a’ dèanamh dheth gun do ghoid e trì mìle deug lus agus deich mìle
sìol.
An toiseach, ʼs e tì uaine a bha Fortune a’ cruinneachadh. Ach bha fèill
mhòr air tì dhubh, agus rinn e oidhirp mhòr gus lusan agus sìol a
chruinneachadh dhen tì dhuibh ann am Fujian. Anns a’ Ghearran ochd ceud
deug, caogad ʼs a h-aon (1851) dh’fhàg e Shanghai airson a dhol do na
h-Innseachan. A bharrachd air lusan is sìol, thug e leis sguad de
thuathanaich Shìneach aig an robh na sgilean is eòlas airson tì dhubh fhàs.
Bha beatha ùr gu bhith aca anns an Hiomalaithea anns na h-Innseachan. Agus
bha gnìomhachas mòr ùr gu bhith aig na h-Innseachan – gnìomhachas a
mhaireas chun an latha an-diugh.
Co-dhiù, tha an t-àm agam falbh airson cupa tì fhaighinn – no saoil an gabh
mi cofaidh?