FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Frank Gardiner

Halò a-rithist. Cha mhòr nach eil sinn aig deireadh bliadhna eile.

Audio is playing in pop-over.

Frank Gardiner

Halò a-rithist. Cha mhòr nach eil sinn aig deireadh bliadhna eile. Agus bu toigh leam an Litir a thòiseachadh le ceist. Càite ann an Siorrachd Rois a rugadh Frank Gardiner? Ma tha fios agaibh, bu toigh leam cluinntinn bhuaibh.

Nise, chan eil mi a’ ciallachadh an fhir a bhios ag aithris air tèarainteachd airson a’ BhBC. Tha mi a’ smaoineachadh air Frank Gardiner – G-A-R-D-I-N-E-R – a bha na eucoireach ainmeil ann an Astràilia anns an naoidheamh linn deug.

Bha e beò mun aon àm ʼs a bha Ned Kelly. Tha Kelly ʼs dòcha nas ainmeile an-diugh na Gardiner oir fhuair e bàs an dèidh batail ainmeil aig Glenrowan ann a’ Bhictoria ann an ochd ceud deug is ochdad (1880).

Tha na cunntasan-beatha ag innse dhuinn gun do rugadh Gardiner ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a naoi (1829) no ochd ceud deug is trithead (1830) ann an Siorrachd Rois, ach chan eil iad ag innse dhuinn càite. Aig aois òg, rinn e eilthireachd gu Astràilia cuide ri a phàrantan. Agus cha b’ e Gardiner an t-ainm ceart aige, a rèir choltais, ach Christie. Bhiodh e a’ gabhail Gardiner, Christie no Clarke air fhèin agus uaireannan ‘ Francis Gardiner, the Highwayman’.

Nuair a bha e fhathast na dhuine òg, bha e ag obair le crodh ann am meadhan Bhictoria. Còmhla ri feadhainn eile, ghoid e treud each, ach chaidh a ghlacadh agus chuir e seachad ùine sa phrìosan.

Nuair a fhuair e a-mach, ʼs ann ri eucoir a bha e gu cunbhalach – mèirle cruidh agus mèirle òir. Ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a dhà (1862), chaidh e an sàs le sàr-mhèirlich eile agus chuir iad stad air gluasad òir is airgid ann an Cuimrigh Nuadh a Deas. Ghoid iad ulaidh air am biodh luach an-diugh de chòig-deug millean doilear. Rinn seo Gardiner ainmeil air feadh Astràilia agus eadhon ann am Breatainn is na Stàitean Aonaichte.

Theich e gu tuath, gu Tìr na Banrigh. Cha robh an còrr dhen ghràisg aige cho fortanach. Bha iad air an glacadh no air am marbhadh leis na poilis.

Ann an Tìr na Banrigh, bha Gardiner a’ ruith bùth ann am baile Rockhampton ach chaidh aithneachadh le cuideigin. Chaidh a ghlacadh, agus fhuair e binn de chòrr is deich bliadhna fichead sa phrìosan, agus obair chruaidh na cois. Ge-tà, an dèidh deich bliadhna fhuair e maitheanas, stèidhichte air a’ chumha gum fàgadh e Astràilia. Mar bu trice, bhiodh eucoirich à Breatainn is Èirinn air an cur a-null gu Astràilia. A-nise, bha Astràila a’ cur fear a-mach às an dùthaich.

Ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1874), chaidh Gardiner gu Hong Kong agus an uair sin gu Calafoirnia, far an do sheatlaig e ann an San Francisco. Cheannaich e taigh-seinnse faisg air a’ chala.

Chan eil e soilleir mar a fhuair e bàs, oir chaill San Francisco mòran de na clàraidhean baile aca anns a’ chrith-thalmhainn ann an naoi ceud deug is sia (1906). Co-dhiù, uaireigin eadar ochd ceud deug, ochdad ʼs a dhà (1882) agus naoi ceud deug is ceithir (1904), fhuair Gardiner bàs, a rèir choltais – ʼs dòcha le fiabhras-clèibhe no ann an còmhstri le gunnaichean ann an taigh-seinnse. Agus co-dhiù fhuair e air ais gu dùthaich a bhreith ann an Siorrachd Rois, chan eil càil a dh’fhios a’m.

Litir 1014 Litir 1014 Litir 1016 Litir 1016

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!