Tha làrach-lìn ann air a bheil fiosrachadh mu lus-eòlaichean ainmeil. Agus
air tè na duilleagan aice, tha seo:
Carmichael, Dugald: Scottish doctor and biologist, known locally as
Dùghall Bàn or Fair Dugald, and An Dotair Bàn, or the Fair Doctor.
Uill, nach eil sin ag innse dhuinn gun tàinig e à coimhearsnachd
Ghàidhealach! Le ainm mar Carmichael – MacIlleMhìcheil – cha chuir e
iongnadh oirbh nuair a dh’innseas mi dhuibh gur ann à Lios Mòr a bha e.
Taobh a-muigh an eilein sin, ge-tà, cha chreid mi gun cuala mòran daoine ann an Alba mu
dheidhinn.
Bha Dùghall MacIlleMhìcheil ainmeil ann an saoghal nan lus-eòlaichean.
Bithear a’ gabhail ‘Father of Marine Botany’ air. Nise, bha mise
ann an Lios Mòr as t-fhoghar airson daoine a thoirt don chladach, a
choimhead air feamainn. B’ fheàrr leam gun robh Dùghall air a bhith còmhla
rinn! Agus tha amharas agam nach e ‘feamainn’ a chanadh e fhèin ri seaweed. Chuala mi Liosach a’ cleachdadh an fhacail rolag
, ged nach do lorg mi e ann am faclair sam bith.
Co-dhiù, tha mi airson innse dhuibh mu Dhùghall MacIlleMhìcheil. Rugadh e
ann an Sròn na Craoibhe, ann an ceann a tuath Lios Mòr, anns a’ bhliadhna
seachd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1772). Bha a phàrantan nan croitearan
bochda. Bho òige, bha ùidh mhòr aig Dùghall ann an nàdar, gu h-àraidh anns
na lusan a bha a’ fàs ann an Lios Mòr.
Ach chan e saidheans a rinn e aig an oilthigh. Chaidh e an toiseach a dh’Oilthigh Ghlaschu far an do rinn e Eòlas Clasaigeach.
Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e sgoilearachd airson a dhol ann. An
uair sin, ghluais e a dh’Oilthigh Dhùn Èideann airson Eòlas-leigheis a
dhèanamh. Thàinig e a-mach mar lannsair.
Dh’obraich e airson naoi bliadhna mar lannsair ann an rèisimeid ris an
canadh iad na h-Argyll Fencibles. Bha e ann an Èirinn fad na
h-ùine sin, ach cha robh e riaraichte. Bha e airson tuilleadh eòlais a
bhith aige air nàdar agus bha e airson a dhol a-null thairis. Mar sin,
ghabh e cothrom mar shaighdear ann an rèisimeid eile – na 72nd Highlanders.
Bha e an toiseach ann an Ceap an Deagh Dhòchais ann an Afraga a Deas. Bha e
air a bheò-ghlacadh leis na bh’ ann de lusan an sin. Ann an ochd ceud deug
ʼs a seachd (1807), chaidh e – gu saor-thoileach – gu Bàgh Algoa, gu sear
air a’ Cheap, faisg air far a bheil Port Ealasaid an-diugh. An sin,
thòisich e air ùidh a ghabhail anns na h-èisg, a bharrachd air na lusan.
Sgrìobh Dùghall notaichean gu math mionaideach mu na craobhan is lusan a
bha a’ fàs anns an sgìre sin, agus am feum a dhèanadh muinntir an àite
dhiubh. Agus dhìon e cliù nan siorcan a tha pailt sa mhuir an sin. A
bharrachd air sin, tha tuairisgeul aige de dhòigh-beatha nan daoine agus
dhen t-seilg a rinn e fhèin.
Ann an ochd ceud deug ʼs a deich (1810), bha MacIlleMhìcheil an sàs ann an
iomairt armaichte aig na Breatannaich airson Mauritius a ghabhail thairis
bho na Frangaich. Aig an àm sin, ʼs e L’Isle de France no Eilean
na Frainge a chanadh daoine ri Mauritius. Innsidh mi dhuibh anns an ath
Litir mar a chaidh do Dhùghall MacIlleMhìcheil anns a’ ghnothach sin.