FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dùghall MacIlleMhìcheil (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhùghall MacIlleMhìcheil à Lios Mòr a bha ainmeil ann an saoghal nan lus-eòlaichean anns an naoidheamh linn deug.

Audio is playing in pop-over.

Dùghall MacIlleMhìcheil (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhùghall MacIlleMhìcheil à Lios Mòr a bha ainmeil ann an saoghal nan lus-eòlaichean anns an naoidheamh linn deug. Ann an ochd ceud deug ʼs a deich (1810), bha MacIlleMhìcheil na shaighdear an sàs ann an iomairt armaichte aig Breatainn airson Mauritius a ghabhail thairis bho na Frangaich. Nuair a ràinig long MhicIlleMhìcheil Mauritius – no Eilean na Frainge mar a bh’ oirre aig an àm – bha cabhlach Breatannach ann mu-thràth. Bha iadsan air seòladh bho na h-Innseachan.

Nuair a ràinig e am prìomh bhaile, Port Louis, chunnaic Dùghall brataich gheala an-àirde. Bha na Frangaich air gèilleadh. Ach rinn iad sin air cumha gun gleidheadh iad lagh na Frainge agus an cànan aca. Bha rèisimeid Dhùghaill – na 72nd Highlanders – air a suidheachadh ann fad mhìosan. Ghabh Dùghall brath air a’ chothrom airson sùil gheur a thoirt air dualchas nàdarrach an eilein.

Trì bliadhna an dèidh sin, ghabh MacIlleMhìcheil fòrladh airson a dhol gu Eilean Bourbon no mar a chanas iad ris an-diugh Réunion. Sgrìobh e tòrr mu dheidhinn nàdar an sin cuideachd. Tha aithris ann gun robh e anns a’ chabhlach Bhreatannach a sheòl gu ruige Tristan da Cunha airson na h-eileanan iomallach sin a ghabhail thairis às leth Bhreatainn. Bha na Breatannaich airson dèanamh cinnteach nach biodh Frangaich a’ cleachdadh Tristan da Cunha ann an oidhirp gus Napoleon Bonaparte a shaoradh bhon phrìosan ann an St Helena. Dh’fhoillsich Dùghall leabhar mu dheidhinn Tristan da Cunha: Some Account of the Island of Tristan da Cunha and of its Natural Productions.

Ann an ochd ceud deug is ochd-deug (1818), dh’fhàg e an t-arm agus thill e a dh’Alba. Chaidh e a dh’fhuireach anns an Apainn mu choinneimh eilean a bhreith. Bha e na thuathanach an sin. Lean e air le a chuid rannsachaidh air lusan, a’ dèanamh leabhar air a bheil Mosses of Lorn. An uair sin, thug e sùil air algae agus chuir e seachad mòran uairean a thìde a-muigh, a’ cruinneachadh stuth. Gu tric, bhiodh e a’ dèanamh air a mhaicreasgop cho luath ʼs a ruigeadh e an taigh, gun a bhith a’ cur aodach tioram air. Thathar a’ smaoineachadh gun tug sin droch bhuaidh air a shlàinte.

Ged nach robh e a’ cumail gu math, chaidh e air dàna-thuras eile gu ruige Hiort. Ach, aig aois caogad ʼs a còig, chaochail e. Chaidh a thiodhlacadh anns an t-seann chladh ri taobh Eaglais Chill Moluag ann an Lios Mòr.

Bha e ainmeil gu leòr ri a linn. Mhol Teàrlach Darwin e mar shàr-eòlaiche air saidheans nàdarrach. Bha e na dheagh charaid aig Sir Uilleam Jackson Hooker a bha na chiad stiùiriche air Gàrraidhean Kew ann an Lunnainn. Dh’ainmich Hooker grunn lusan an dèidh MhicIlleMhìcheil, a’ gabhail a-steach Carmichaeliana no Bealaidh Sealain Nuaidh.

Carson nach eil sinn eòlach air an-diugh? Uill, a rèir choltais bha e car diùid. Ach tha muinntir Lios Mòr eòlach air, agus tha iad moiteil às mar mhac aig an eilean a choisinn cliù dha fhèin anns an t-saoghal mhòr air an taobh a-muigh. Ge-tà, cha b’ e Dùghall an t-aon duine leis a’ chinneadh MacIlleMhìcheil a tha aithnichte anns an t-saoghal mhòr. Bheir sinn sùil an-ath-sheachdain air fear eile. Tha amharas agam gum bi cuid agaibh gu math eòlach air, co-dhiù ma tha sibh air sùil a thoirt air Carmina Gadelica.

Litir 1010 Litir 1010 Litir 1012 Litir 1012

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!