Tha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha nighean
an rìgh aig taigh an t-seann duine mhòir. Dh’inns e dhi gun robh a triùir
bhràithrean a’ fuireach ann an uamh. ‘Tha sreang chaol chainbe agam,’
thuirt e. ‘Gabh grèim oirre. Ma thèid thu air an rathad cheàrr, bheir mise draghadh air an t-sreing.’ ʼS ann air an dòigh
sin a lorg an nighean an uamh anns an robh a bràithrean.
Bha bòrd na broinn, le trì cupannan air – fear mòr, fear beag agus fear
meadhanach. Bha iad uile làn fìona. Bha aig an nighinn, mu a meur, fàinne a
bh’ air a bhith le a màthair nach maireann. Chuir i am fainne sa chupa a bu
lugha. An uair sin chaidh i am falach fo mheall de dh’itean eòin.
Thàinig a bràithrean a-steach nan coin ghlasa. Thilg iad dhiubh na cochaill
a bh’ orra. Bha iad nan daoine a-rithist. Thog iad an cupannan agus dh’òl
iad am fìon. Nuair a dh’òl am fear a b’ òige a’ chuid mu dheireadh dhen fhìon, rinn am fàinne gliong
air na fiaclan aige. Thog an gille e. Dh’aithnich e e. ‘Seo fàinne mo
mhàthar,’ thuirt e. Rannsaich na gillean an uamh agus lorg iad am piuthar.
Bha iad air leth toilichte.
Dh’fhaighnich an nighean dhiubh an robh dòigh ann airson an saoradh bho na
geasan a bh’ orra. Bha, thuirt iad. Nan dèanadh i lèine de chanach an
t-slèibhe airson gach duine aca, agus nan cumadh i balbh sàmhach gus an
robh i fhèin air na lèintean a chur umpa, bhiodh iad saor bho na geasan.
Dh’fhalbh i le trì pocannan gu sliabh agus lìon i iad le canach an
t-slèibhe. Chunnaic i marcaiche a’ tighinn dha h-ionnsaigh. ʼS e rìgh a bh’
ann, agus cha robh e pòsta.
Ghabh e gaol air an nighinn ach cha chanadh i facal ris. Bha esan a’
smaoineachadh gun robh i bodhar is balbh. Le comharraidhean làimhe, rinn e
soilleir dhi gun robh e airson a pòsadh. Dh’aontaich i agus chaidh i don
rìoghachd aige far an do phòs iad. Bha i a-nise na banrigh.
Gach latha, bhiodh i a’ leantainn le a cuid obrach ann an sàmhchair, a’
snìomh agus a’ fighe a’ chanaich. An ceann greis, rugadh leanabh-gille dhi.
Airson seachdain rinn a’ bhean-ghlùine caithris air, gun a bhith a’
faighinn norrag. Ach, an dèidh seachdain, bha uiread de sgìths oirre ʼs gun
do chuir i an leanabh ann an creathall. Thuit i fhèin na cadal. Thàinig
làmh mhòr a-steach air an uinneig agus thug i leatha an leanabh. Ach cha
tuirt a’ bhanrigh càil oir bha i airson a bràithrean a shaoradh bho na
geasan.
Nuair a dhùisg a’ bhean-ghlùine, cha robh fios aice dè dhèanadh i. Bha
coileach beag ann. Mharbh i an coileach, chuir i fuil bhuaithe ann an
cupan, agus shuath i an fhuil air beul na banrigh. An uair sin chaidh i far
an robh an rìgh. ‘Nach olc am boireannach siud,’ thuirt i ris. ‘Dh’ith i a
leanabh fhèin.’
‘An do rinn i sin?’ thuirt an rìgh.
‘Rinn,’ fhreagair a’ bhean-ghlùine.
‘Ud, chan eil i ach gòrach,’ ars an rìgh. ‘Leigidh sinn leatha.’ Agus lean
a’ bhanrigh gu sàmhach le a cuid snìomh agus fighe. Bheir mi an stòiridh gu
ceann an-ath-sheachdain.